[58]

CAIBIDIL VIII.

DOL A STEACH A’ PHRIONNSA DO DHUNEIDEANN.

NUAIR a fhuair am Prionnsa fios gun ghlacadh Dunéideann, air ball ghluais e-féin agus achuid éile dheth an armailt a chum am baile ruidhinn, agus ged a bhan t-astar so gearr, cha robh e idir saor bho chunnard. Chìte fathast a bhratach Shasunnach a snàmh saghaoith air bàbhainn a chaisteil, mar gum beadh, atoirt dùbh-lan do na Gàëil a thighinn air an aghaidh nam bu dàna dhaibh iad féin a nochadh air lom fa-chomhair a ghunnaidhean, a bha comasach marbhadh as léir-srios a dheanamh air feadh àireamh mhìltean, timchioll abhaile. Air an aobhar sin bu deacair slighe fhaotainn air an trialladh iad a dhionnsaidh a bhaile, gun a bhi fo chunnard teinechaisteil; ach tharladh gun robh cuid de dhaoines an fheachd a bha glè eòlach air shuidheachadh na tìre mun cuairt don bhaile, agus rinn iad lùim air achunnard sin a sheachnadh.

Le seòladh nan daoine so ghabh na Gàëil turas-timchill, air taobh na làimhe deise dheth na bhaile acumail nan cnoc agus nan uchdan a tha iomadaidh mun cuairt Dhunéideinn eadar iads an caisteal. Mhàrsail iad air an t-shlighe so gus an tàinig iad a steach


[59] do Chroit-an-Rìgh fagus do dh-Iomairan t-Sagairt, air bearn a thug iad air a bhalla. Stad amhòr-fheachd ma thra-nòine ann an Bog-an-t- sealgair, gleannan domhain fasgathach a tha eadar Cathair-Airt as Creaganan Shalus-bòrgh. An sin mharcaich am Prionnsair aghaidh, le Diùc Pheairt air a dheis, agus Morair Elecho air a thoisgeal. Bha na daoin’ -uaisleilatriallna dheigh. ’Nuair a ràinig e an leargan fo fhuaran-Naoimh Antoni, an sin chunnaic e chiad shealladh de lùchairt rìoghail a shinnsir. Theirinn e bharr an eich agus stad e tacan ag amharc maise na h-aitreibh.

Man àm so bha na pàircean agus na liosan a bha eadar am Prionnsaagus an lùchairt air an lionadh de mhuinntir a bhaile, achuala gun robh e gu thighinn a steach do Dhunéideann air an t-slighe so, agus bha iad fadan geall air sealladh dheth a Mhòrachd fhaicinn. Bhan aiteam so dheth gach seòrsa sluaigh, iosal, as uasal, bochd as beartach, as dheth gach aidmheil; ach iadsan a mhain a rinn strì air tùs ri na Gàëil a chumail a mach, dhfhan iad sin air an ais. ’Nuair a dhlù am Prionnsa ris acho-thional so, thog iad caithream le iolach éibhinn, le crăthadh bhiorraidean, as bhonaidean, as bualadh bhăs!

Tha fear dheth na chunnaic Tearlach air an latha ud atoirt achunntais so air a choltas:— “Bha e fo ùr-bhlà òige, ard, foghainteach, ro chumadail, dealbhach, agus aogais mìleanta, farra-ghruag bhàn air a cheann air a cìreadh gu clannach, caisreagach, sìos gu shlinean: bha ghruaidhean rŭiteach agus meanbh-bhuill de bhreac-sianain air aodainn; bha shùilean mòra, gòrma, ro thairis, tlà, a shròn cruinn agus àrd; a bhial beag do réir a chuid eile dheth aghaidh. Bha e ma thuaiream cùig


[60] troighean as deich òirleich a dhàirde, ’s e gu h-iomlan coltach ri duine laidir agus falain: bha mhuineal fada gun a bhi thar cùimse mar sin, gun dad ga chòmhdach ach stoc aimh-leathan sioda agus e ceangailtair achùl le bucal airgeid. Bha bhonaid air a deanamh de bheilbheid ghùirm le crios òir ma timchioll agus suaithneas bàn de shròl geal na dŏs, bha cota-gearr breacain air agus reannag òir an crochadh ri thaobh; bha crios-guailair de shioda-gòrm air a ghréiseadh gu grinn boisgeil le òr finealt, agus claidheamh chinn airgeid na dhòrn. Bem Prionnsa gu dearbhaleannan nam ban àluinn,” mar thuirt Sìlis bhàn na Ceapaich, ma Alasdair dubh Ghlinne-Garaidh. Cha robh baintighearn a chunnaic sealladh dheth nach daidich gum be fiùran cho deas sachunnaic iad riamh. Bhòidich maighdeanan ògaig an robh leannanan, mun àm sin, nach tig an latha gheibheadh iad iadsan le còir bhon Chléir, no air sheòl eile, mar a rachadh iad air tùs agus an dùrachd a thaisbeanadh, cho math rin treubhantas a dhearbhadhs an àraich maille ri Tearlach òg Stiùbhart.

An deigh dha stad car tacain am measg acho-chruinnichidh chaidh e air muin an eich agus mharcaich e gu mall a chum na lùchairt. An nis, a chuid den t-sluagh nach faca sealladh dheth roimhe sin fhuair iad cothrom air fhaicinn gu léir an uair a chaidh e na dhiallaid, agus rinn sgeamh a phearsa agus rìmhichead a dheise a lethid a dhrùghadh orra is gun do thog iad an ath ghàir éibhneis ga fhàilteachadh le furan gu aitreabh a shinnsir. Bha air gach taobh dheth mar bha e triall geard dubailt dheth na Gàëil bu sheinebha san fheachd. Bha cuid dheth na mhuinntir a bha saoilsinn roimhe so, nach robh ann an Tearlach ach ceann-feadhna a bha treòrachadh


[61] buidheann de phràbar doirbh, aineolach, gun iochd, gun treocair, gun eagal Dhia no dhaoine, a chum àr a-mach agus spùinneadh a dheanamh anns gach àitan tachradh iad, a nis air a mheas lëo ann an caochladh barail, —Mar oighre dligheach a chrùin air a thilgeadh a mach a dhainean á chòir rioghail, a feuchainn a nise ri cosnadh le cunnard a bheatha. Na ghallan òg maiseach, a theich a dùthaich choigrich agus a thilg e-féin ann an uchd nan ursannan-catha bu dion da shinnsir bho shean an àm gàbhaidh, —Na fir a bha leis, a bhasa meas mas facas iad mar àmhlaran mi-chuanda, gun chumadh gun eireachdas: nam meirleich bhradach agus nan luchd-spùinnidhbhasa nise ga meas mar laochraidh sgiamhach, cholgail, choganta, leis nach bu diù cromadh an cuid chàich gun dioladh air a shon: agus mar a thubhairt sean Oisianleis bu ghràin an lann a thruailleadh ann am fuil nam fann”— “Laoich mar ŏsag an iuchair ri dàimh, ’s mar lasair theine ri nàimh.” Siol nan treun a chog an aghaidh ain-tighearnas Shasuinn air son saoradh Alba, latha Allt-a- Bhonaich agus Raoin-Floden, &c. &c.

Nuair a shuidh am Prionnsa sios ann an lùchairt a shinnsirbe chiad ni rinn na Gàëil, Righ Seumas éibheach na rìgh aig Crois abhaile: fhuaradh na maoir dam bu dreuchd a lethid so a ghairm éibheach, agus thug na Gàëil orra, ged a bann dan ain-deoin, gun do chuir iad umpa na deiseachan rìmheach bu chòir a bhi orra aig a lethid so de dhàm, agus thugadh air maighstìr-sgoil a mhuinntir abhaile, a bha de Chreideamh an t-Sagairt, litir a leughadh ann an lathair an t-sluaidh, atoirt làn chòmhdach gum be Seumas Stiùbhart rìgh dligheach Bhreatuinn agus gum be Tearlach an t-oighre rìoghail a thigeadh na dhéigh. Bha anabharra sluaigh a


[62] làthair aig an àm so, agus na mnathan-uaisle bha coimheads ag éisdeachd a mach air uinneagan na sràidàirde thòisich iad air sgaoileadh neapaigean geala saghaoith, le mìle glaodh éibhneis air son na chual iad; thaitinn rioghalachd nam ban suairce so cho math ris na Gàëil is gun loisg gach fearg an urchair a bha na ghunna ri ard nan speur. An sin shéid iad suas gach pìob agus thòisich iad còladh air cluich a phuirt rioghail sin dan ainmFàilta Phrionnsòig.” Feadh sabha na pìobairean mar so acuir smùid dhiù thainig a bhaintighearnàluinn iomraiteach Mrs Muray, Broughton, dan goirte san àm sinSgathan-maise na h-Albaair steud mharcachd agus dhfhan i aig taobh na croise na diallaid agus claidheamh rùiste na dòrn, agus a trusgan làn de bhabagan geala sioda mar onair ris an t-suaithneas bhàn!

titleCaibidil VIII
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page