[63]

CAIBIDIL IX.

ULLACHADH CATHA AN AIRM DHEIRG.

AM feadh a bha na Gàëil agairm Rìgh Seumas na rìgh aig Crois Dhunéideinn bha Iain Cope acuir an airm-dhéirg air tìr aig Dunbarr far na choinnich iad na trùpairean a theich roimh na Gàëil á Dunéideann. Dhinnis mi ann an àiteile den Eachdraidh mar a theich na claghairean so gu Léibhte air achiad sealladh a chunnaic iad de dhfheachd aPhrionnsa, ach is gann a sheas iad sabhaile sin gus na ghlaodh balachan beag riu mar mhagadh— “Thugaibh na Gàëil!” Cho luath sa chual iad so chuir iad an cuid each n-an cruinn-leum agus cha do lasaich iad eang gus an dràinig iad Preston-Pans a bha ma chùig mìlen earra-dheas air Dunéideann. ’S ganngun do tharruinn iad anail fir òrain” ’san ionad sin, gus an cualiad, air leo— “Na Gàëil! na Gàëil!” air ball leum gach fear na dhiallaid, spuir iad an cuid each is cha do sheall iad as an deighe gus an dràinig iad Beruig a Tuath. Air dhaibh a bhi nise fichead mìle bho Dhunéideann smaointich iad gum faodadh iad tearnadh bharr nan each, agus amharc mun cuairt daibh air son bìdhe, ’s iad air an claoidh le acras. Bha baide chaorach faisg air an àite anns na stad iad; thòisich iad air am marbhadh,


[64] air feannadh agus air còcaireachd, ach cha bu luaithe a bhan fheoil deas air son tòiseachadh air a h-ithe na thug cuidigin achreidsinn orra gun robh na Gàëil am fradharc. Chaidh am t-eagal os-ceann an acrais, chaidh gach fear a rithist na dhiallaid, ach thuig iad air an àm sogum bu mhiosan t-eagal nan cogadh,” agus phill iad air an ais a dhithe na feòla. An deigh dhaibh an ciocras a shàsachadh rainig iad Dunbarr far an dhfhan iad gus an tàinig an t-arm-dearg gu tìr.

Thug an aiteam a theich á Dunéideann, an latha mun tàinig am Prionnsa a steach, coinneamh do dhIain Cope mar an cianda aig Dunbarr; agus dhfhan iad maille ris an arm-dhearg; chan ann mar luchd-cogaidh, ach mar luchd-amhairc aBhlàir.

Air an naoidheamh làtha diag de dhara mìos an Fhoghair, (be sin an lathairne-mhàireach an deigh dhaibh a thighinn air tìr,) ghluais an t-arm-dearg chum coinneamh a thoirt do na Gàëil. Thae air aithris gum bu bhreugha bha iad ag amharc air a mhàrsail, na coisicheans na marcaichean alionadh a rathaid mhòir fad ioma mìle den t-slighe. Chruinnich muinntir na dùthchás gach ionad a dhfhaicinn na h-àrmailt a bha nise gu catha a chur air machair shìochail Loudai. Cha bfhadabhan t-àrm-dearg a triall mar so gus na phill Morair Loudon ceum air ais, agus ghlaodh e gun robh e faicinn nan Gàël a tighinnn-an codhail le treun choiseachd, —thuirt Iain Cope gum be bharail gun robh e nisair làraich mhath air an cinn agus gun deanadh e dìchioll air a cumail.

titleCaibidil IX
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page