[1]

MARBH-RANN AIR DAONAIBH CHAIDH DHITH, AIR BORD SOITHEACH BRISTE A CHAIDH MACH AIR CLADACH CHATBOIL Aig toiseach a bhliadhne 1843

LE ARTAR ROSS ANN AN SGIRE NA MANACHAINN.


[2]

MARBH-RANN, &c.

THUAIR sinn gairm a nis gu bròn,
Se thagainn tuireadhn aite ceòl,
S gach uile neach dan leir ar doigh
Nis deanadh bròn iad maille ruinn.

Than duine truagh gach uile la
A dol air thuras dhionnsaidh bhais,
S gun fhios an t-àm an teid en sàs
Tha uair a bhais am folach air.

Ach tinn na slan, ’n tra thig an uair,
Theid e dhionnsaidhn dachaidh bhuain,
S mar sin a tha gach neach don t-sluagh,
Air thuras luath gu bith-bhuantachd.

NLINNETmor bha siubhal a chuain,
Thainig i steach ri oidhche fo ghruaim,
Is chaidh iomrall anns an dorch,
Is thilg an storm iCHATABOL;

Is dhfhan i sin re uingun ghluasd,
Na soitheach brist’ ’sna cragaibh cruaidh;
Is cuid a dhfheuch ritogail suas,
S cuir air a chuans bhig obair leath.

Ach dhiult i falbh dhoibh uair na dha,
S iad ga feuchainn le luchd-ceard;
Achnuair a thainig oidhcha bhais,
Sud ghabh in sàl is dhimich i;

Is ge dbha aireamh mhor air bord,
Ga tarruing suas gu BALINTORE,
Dhfhalbh i uath gun stiur gun seòl,
Is cha bu deoin leathfurach dhoibh.

Oir cheadaich DIA, ’san fhreusdal chruaidh,
Dhi dol san turas ud gu luath,
Oir ruith an uinis thanan uair,
S bu sheasadh cruaidh gun teagamh e.


[3]

Don t-seachdnar a bha air bòrd,
S bhair am fagail sud gun treòr,
Is gun dol as aco na bhàs
Bfhaid na barr nan crannagan.

Is iad gun suil a ghabhadh truas,
Na stùir a thionnadh i man cuairt,
Ach ruith a cuirsle doirionn tuadh,
Leo dhionnsaidhn uaighsna choidil iad.

Cha dòruinneach bha leabaidhm bàis,
S na pianntaibh geur ud dol an sàs,
N tra bha i gabhail steach an t-sàil
H-ucanns gach aitn robh briseadh oir!

Air pian nan daoine ud san àm
Co a dhfheudas chuiran cainnt?
N uair chaidhm fagail anns an oidhche
Ri aghaidh ghairbh na doirionn ud.

Ben t-àms an uair ud àm a chraidh,
N trath chaidh i steach do ghlann a bhàis,
S gun acair aica rachadhn sàs,
S gun chàbul bàis a chumadh i!

Cia uabhasach bha dhoibh san uair;
Is tonnachuan ag éiridh suas,
N trath thugadh leis na sruthaibh luath
Iad steach gu uair a bhreitheanas!

Gun chaladh acna baile dian,
S an neart air faileanachadh gu leir,
S gun chomas teicheadh acon uair,
S ann thugadh buaidhsna tuailtean orr’.

Och, a Bhais! ban-iochdmhor cruaidh
Thu ann an sud measg thonnaibhchuan,
N trath chuir thu ort do chlogaid cruaidh,
Is thilg gun truas do shaighead annt’.


[4]

Co e a theicheas as uait fein?
Oirs tu oglachs teachdar Dhe;
Sn trath thig an t-àm a dhorduich e,
Do chlaidheamh geur ort crioslaichidh.

Is theid thu sud a mach nan déigh,
S bheir thu mar eun iadbhar an t-sléibh,
S duine cha lamhaich as do dheigh,
N tra bheir thu dhachaidhm foghar leat.

Fhionnlaidh Thalaich, dhuine shuairc!
S duilich leam gun deach thu uainn:
Co theireadhmeasg an t-sluaigh,
Gun robh an uair cho fogus dhuit?

Duine tapaidh, sultmhor, tréun;
Le dchaithe-beatha glans deadh bhéus;
S na coimhearsnaich ga chuir an céil,
Deigh dhol dhuit fein san turas ud.

On turas ud cha phill thu rìs,
S ann bha i dhuitsna turas sgì;
S ach ma fhuair thu fear do shìth,
Chaidh crioch dhuit air an trioblaid.

Iain Mhorair, thairis, chaomh!
S mor bhannad fein do ghaol,
S tha fáile cùbhraidh dheth do clius
Nis air gach taobh air aithris ort,

Chaidh thu mach le neart is slaint’,
N coinnidh cathan geur a bhàis,
Gun fhios gus an drainig thu an t-ait’,
S gun do shàth e sud a shaighead ort.

Cia mar thigeadh dhuinn gach uair
Bhig iarraidhn t-ullachadh o shuas!
S na neartsgum faigheadh sinn a bhuaidh,
S gun fhios cian uair an tachair e.


[5]

Dhomhail Mhorairn eudain chùin!
Co na thusbu tairis gnuis?
Cha chuir miceil ort air do chul
Ach sinn do ghnuis a chunnaic mi.

S bha do cheuma glan do reir,
Le beusan grinn, gun idir beud,
S gus an dthanaig oidhchebhais,
Bhan ailleachd ud ri fhaicinn ort.

Iain Tarail, ’n gasan ùr!
Bha fas gu dìreach suas mar chraobh
Cha dfhag thu mi-chliu air do chul,
Aig dol o uin gu bith-bhuantachd.

Alidh Mhorair, meangan òg!
O ghlun do mhathair fein gu bòrd,
Bha thus maraon gun spotn do chot
Trath chaidh thu leos an turus ud.

S ged nach beòl dhomh idir cách,
Gu cliu thoirt orran déigh am bais,
Se than coimhearnaich uilag radh,
Air chach nach robh air dheireadh iad.”

Cha bhunait sláintdhoibh sud deadh chliù,
Le bhi ga aithris air an cùl;
Ach bfhearr gum bitheadh na h-uile dhius
Dom buin deadh chliu is teisteanas.

Ach dochas ann an Dia nan grás
Gun dfhuair le cuid dhiu bunait slaint’,
Bha seasmhach dhoibhsaig oidhcha bhais,
S nach dfhailnich anns na tuiltibh iad.

S ged nach burrtumpuila ghradh
Gun dfhuair nan anmaibh fein iad gras;
Chaidh gu leir iad troimh na bhas,
O chleachdachach bha maslach.


[6]

Ach Dia, am breitheamhs’, bam gu leòr,
N uair chaidhm fagail sud air bòrd,
N uin a bha iad fathast beò,
An sin bha throcair comasach.

Shaor en gaduich air a chrann,
S e air a tairneachadh gu teann,
N tra chuir am bàs a shaighead ann,
Air ball do fhuair en turus ud

Gu dol a steach don luchairt shuas,
A mhealtainn sith is sonas buan,
S a chliuthchadhn Ti thug dhasan buaidh,
Is anns an uair ud teasairginn.

Is sona dhoibhs’, aig uair a bhais,
Dom Criosd na bhunait slaint’;
S beannaicht’, uime sin, gu brath,
Na gheibh am bas sa charaig ud.

Oir, ged air bith an uair nan tait
Anns an coinnich riusam bas,
N tra chuireas e a shaighead sas,
Bithlarachd Chriosd dol maille riu.

S ged fheud na cathain ud bhith cruaidh,
N tra chuidcheas Gaisgeach treun nam buadh,
Bheir E mach dhoibh sud a bhuaidh,
Mar fhuar E fein na fhulangas.

S bheir E dhoibh bhi seinn na buaidh,
N tìr na fireantachd thu shuas,
Air clarsaich ghrinn, ’s gun bhriseadh teud,
S gach deur on suilna ghlanadh leis.

Iarraidh sibhs’, a chlann nan gras,
Neart chum seinn a chliu gu h-ard,
Fhads tha neart, is la, is slaint,
S do chach gun dthabhair eiseamplair.


[7]

Chan eagal dhuibhs’, oir gheibh sibhbhuaidh,
Ged fheud na cathain ud bhi cruaidh,
Air bas, is ifrinn, ’s air an uaidh,
S an truaillidheachd tha maille ribh.

Cliuthaichibh uime sin gu h-ard,
S na h-aimhntibh teinndeach neart a ghrais,
Oir gedtha chathair shuas gu h-ard,
Bithdh ghairdean treun toirt cobhair dhuibh.

S e sud rinn dion dhoibh anns gach linn,
Ri aghaidh uisgibh maris tuinn,
Le Esbhin comhnuidh air an crann,
Gan stiuradh anns na tuiltibh ud.

S lionmhor trioblaid clann nan gras,
O la an ath-bhreith dhionnsaidhm bais;
Ach asd air fad ni Dia nan gras
Gu sabhailt’ ’n stiuradh dhachaidh leis.

Ach cia truagh tha neach gun Chriosd!
Ann an glacaibh bhaiss don uaigh dol sios,
Gu dearbhn tuil nan uisgibh mòr
Cha ruig fa dheoigh en caladh ud.

Oirs uisge domhain ud is dorch,
Sruthaibh Iordan atmhor, borb,
An la an fhogharg eiridh garbh,
S an t-iosgmarbh cha shnamh se thairis air;

Achs ann a bheir an sruth e sios
Gu cuan na siorruitheachd, gun chrioch,
Sa dhionnsaidh chnuimh bhiths dhasmar phian
S fo thuiltibh dian na corruich ud.

Sibhstha cluintinn Biobull Dhia,
Teichibh dhionnsaidhbhaile dhian,
Mun doirt na tuiltibh oirbh a nuas,
Is greim gun dean an lasar oirbh.


[8]

Man dthig an t-am ud oirbh gu dian,
Mar mhnaoi ri saothair ann am pian,
S dorus trocairbhaile dhion
Gu siorruith air dhruidheadh oirbh,

Cia cho ghoirids dhfheudas ùin
Sibhsa thabhairt don dachaidh bhuan!
Mar Fhionnlaidh Talach chaidh don eug,
Sa cho-luchd-dreuchd bha maille ris.

Dhfhag am mnathan pòsds an clan,
S an co-luchd-eolais ann an am,
An saoghal, is an lan a bhann,
S bu teann a ghabh an turus leo.

Bhriseadh sud an ceangal dluth
Ri anams corp an tir nam beò;
S bheadar an clanns am mnathan pòsd,
S bu bhronach am an dealaichidh.

S na parantan on deach an clann,
Bu ghoirt dhuibhn dealachadh a bhann;
An sud a còaineadh ur cuid mairbh,
A dhfhalbh uaibh air an turus ud.

Gun dthugadh e dhuibhsgu leir ri ghradh
Mar thubhairt Ioban la a chraidh,
An Tighearna-thug, sa ghabh air falbh,
S ainmsan gun robh beannaichte.”

Gun seas e dhuibhsn aitna dhfhalbh,
S gun dean e suas dhuibh sud a bheairn
A rinneadh anns an Fhreasdal shearbh,
N uair a dhfhalbh a chobhar uaibh.

A chobhar ud dha phill gu brath,
Oir chaidh gu leir iad dhionnsaidhnait
Gu bith-bhuantachd a ghabhail tamh,
N trath thug am bas dhoibh sumanadh.

A CHRIOCH.

titleMarbh-rann air Daonaibh Chaidh Dhith
internal date1843.0
display date1843
publication date1843?
level
reference template

Ross Marbh-rann %p

notesFnaG text manual
<< please select a word
<< please select a page