[i]

LAOIDHEAN SPIORADAIL.

A CHUM CUIDEACHADH LE CRÀBHADH NAN GAEL.

LE
DONNACHADH DUGHALLACH, ANN AN EILEAN THIRIDHEADH.

Ach ni mise dichiol, a chum an deigh dhomh Suibhal; gum bi agaibhse gnath chuimhne airna nithibh so. 2 Pead. i. 15.

O Seinnibh oran nuadh do Dhia, Salm xcviii. 1.

Gach sluaghth, air muirs air tir; Salm xcvi. 1.–lxix. 34.

Oir seinnidh iad gu ceolmhor ait,
An sligheRigh na sith, Salm cxxxviii. 5.

Le guth na Sailm biodh seinn a chliu’ Salm xcv. 2.

Le laoidhibhs danaibh fior; Colos. iii. 16.

Ach gus an cluinnear fuaim bhur guth;
Mur thurtuir anns an tir. Dan. Shol. ii. 12.


[iii]

AN ROIMHRADH

THA iadsan a thair an gairm, gu bhi gnathachadh am feumalachd mar luchd teagaisg ann an rioghachd Chriosd; air an samhlachadh ri h-iasgairean Esecl. xlvii. 10. Mat. iv. 19. Luc. v. 10. Muinntir mum bheil sàr fhios, an deigh na h-uile biathadh a dhatharuicheas iad air an cuid dhubhanan deigh na h-uile dichiol a chleachdas iad rin cuid bheartan, agus eanguichean a chur an deagh ordughan deagh na h-uile saothair a chaitheas iad; na h-uile fuachd is fliuchadhAnradh Oiches lathaSgios, is acras; cunnart is gàbhadh; is eiginn doibh fhulangsa ghiulan. Tha cuid do iasgaibh nach urrainn iad gu bràth a ghlachdadh aon chuid; le dubhain na le eanguichean. Gidheadh tha cuid do iasgaibh nach urrainnear a a ghlacadh le dubhain; a ghlachdar gu furasda le eangaichean. Samhladh, freagarach do thaobh Saothair luchd teagaisg an t-Shoisgeil agus do thaobh iompachadh pheacach. An deigh na h-uile saothair ghraidh, dilseachd is eud a chleachdas iad ann cur an cèill na firinnan deigh na h-uile cunnart a riutheas iad o aite gu h-aitean deigh gach urnaigh is trasgadh; is tagradh durachdach a ni iad aig caithir nan gras gum biodh saothair an graidh air a crunadh le buaigh. —Agus an deigh a bhicur an ceill na firinn ann am follais agus o thigh gu tigh. An deigh an dichiol eudmhor ann an Sgriobhadh leabhraichean, Shearmoins, Laoidhean. Tha cuid do pheacaich nach gabh abhi air an glacadh an lion an t-soisgeils air am bi an saothair caillte. Gidheagh tha cuid nach leig an uabhar leo cluas a thoirt don fhirinn air a searmonachadh, a tha gabhail abhi air an iompachadh air uairibh le bhi leughadh sag eisdeachd leubhraichean


[iv] maitheShearmoin na laoidhean spioradail. Dearbh fhiosrach air gu faigh an soisgeul fuidh sgeudachadh ciuil abheatha don bhaile; aig moran nach fhosgladh an dorus dha air sheol eile, mhiannuich an t-ughdar a leabhran so le chuid danaibh spioradail, a thilgeadh a mach mar lion air iartas a Mhaighistir o thaobh deas na luinge air feadh cuan mor an t-shaoghail dhaonna ann an dochàs gum feud e soirbheachadh, ann an tachdar mòr do peacaich chaillte a tharraing gu tìr air tràigh na tròcair.

Than t-ughdar air fhaire, gum feud an lèabhran so tachairt ri cuid ris nach cord a shaothair; a reir an t-shean-fhocaillCha bhi miann dithis san aon mheis.” Agus that-Abstol Pol ag radhnam bithinn fathasd a toileachadh dhaoine cha bhithinn am Sheirbhiseach aig Criosd.” Ons iad firinnean a dhfheudas a bhi buannachdail do anamaibh; ciod sam bith cho mi-thaitneach sa bhios iad doChluasaibh tachasach.” Tha e dearbhta ged a dhfheudas cuid aig nach eil eolas air an fhirinn; a bhi coimheach riu Gidheadh gum bi iad air a failteachadh le mòr-fhuran aig na h-uile abhlais gum bheil an Tighearna gràsmhor.” Tha cuid a dhfheudas a bhi coireachadh an ughdair airson nam fonn fom bbeil cuid do na danaibh spioradail so; ach tha en dochasnuair a thuigeas iad a chrioch a bhaige anns na fuinn so ghabhail gun tiondaidh an gruaim gu gean ris. “On na dhfhoillsichieadh Mac Dhe chum gu sgriosadh e oibre an diabhoil;” roghnaich an t-ughdar a chum abhi na cho-oibriche maile ri Chriosdann an sgrios a chuid do oibribh Shatain a bha anns na h-oranaibh mi-naomh a bha fona fuinn sin agus a chur nan aite danaibh spioradail a tha foillseachadh a mach gloir Dhia. Sa dhfheudas a bhi nam beannachds nam buannachd do anamaibh neo-bhàsmhor mòran da cho-ghael. Son se so a chrioch a bhaige arson nan fonn sin. Tha en dochas ann an aite buille dhochannaich na criomachair; gufaigh e failteleithsgeulach fhuranach an t-shuaircis. ’Son a tha Seinn a deanamh suas, cuid do sheirbhis nan naomh ann an tìr so an oilthireachdagus na sheirbhis a bhios


[v] gu siorruidh, acca; an deigh an turas a chriochnachadh le h-aoibhneas. Agus an ceangal ris a so: na dhleasanas leis am bheil an t-Abstol aig iarraidh air na creidmhich a cheile earalachadhle salmaibh, le laoidheans danaibh spioradail, &c. Col. iii. 16. Tharruing na riasuin so (maile ri iartas cuid do chairdean an t-shoisgeil a fhuair eolas air am brigh sa bhreithnich gum feudadh iad bhi ro-fheumail gu leas spioradail morain do luchd aiteachaidh air gaeltachdsairn Eileannan, “Chum rabhadh dhoibhsan a tha mi-riaghailteach agus comhfhurtachd dhoibhsan a tha lag chridheach, &c.”) An t-Ughdar gus na danaibh so a chuir ann an clo-bhualadh. Agus mar so an soisgeul ni is e cumhachd Dhe a chum slainte do gach neach a chreideas, a shearmonachadh dhiubh asur ann an danaibh spioradail; gu bhi moladh slighe Dhe don dream a tha fathasd gun eolas orra; agus gu misneach a thoirt don mhuinntir a fhuair eolas orra, gu buanachadh innte chum na cricheChumsgum faigh iad crun na beatha.”

Aguidhe beannachd Dhia an Athar a Mhic, agus a Spiorad naoimh a bhi leanntuinn nan danaibh so a dhionnsuidh na h-uile teaghlach is cridhe gus am feud an leabhran so teachd: is e iartus durachdach bhur Seirbhiseach umhal san t-Shoisgeul.

DONNACHADH DUGHALLACH.

titleAn Roimhradh
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page