AN IOBAIRT REITE.
I.
’Si ìobairt a chroinn-cheusaidh fhuair reite ri Dia,
Do’n dream bha ga reubadh ’s ga cheusadh gu dian;
Sann dh’fhuiling E na’n- aite bha’ ghradh dhoibh o chian:
SE’ nis is daingneach laidir da chairdean gach ial.
II.
’Si ìobairt a chroinn-cheusaidh, fhuair reite do dhaoin’,
Sa dhaisig h-un an cèille an t-shrèud a tha nàomh’:
Sa dh-ìompuich a nadur gu gradh thoirt neo-chlaon
Do Iosa o Nas’ret an Slanuifhear caoin.
III.
Si so an iobairt-reite ’s cha trèig i ri ’r beò,
’SE Prionnsa na sith E is iomhaigh na gloir:
’SE ughdar na ’slaint’ E da chairdean gu léir;
Ni ’m fìr’neach le ghràs sa ni gradhach am beus.
IV.
Se Alpha is Omega an ceud bhith gun chrioch,
Fear càradh a bheuma sàr stèigh is clach chinn;
Fear-aisig na’n ròidean ni ’n treorach gu ciuinn;
’S ni fhìrinn doibh lochran thoirt eolais dhoibh ’s iuil.
V.
Tha buaigh san iobairt-reite a ghleusas ur cail,
Bheir i choguis san fhirinn gu siochainte shèimh:
Bheir i’n cam gu bhi direach, san garbh gu bhi reith;
’S thig na beanntan gu ìsleach s na’ g linn air an rèir.
VI.
Cha’n- fhar-ainm a fhuair iobairt bhuaghach na reit’,
Bheir i ’n leomhann san t-uan gu bhi gluasad le cheil:
Tionndaidh ìobairt na ’m buagh so an gruaman gu speis;
’S ni naoidheain ath-nuadhuicht’ am buach’lachd gu sèimh.
VII.
So an iobairt a riaruich lagh Dhia gus a’ chrìoch,
Sa fhuair fasgadh gach ial do’na mhiannuicheas sìth:
Tha doimhn’ agus leud innt ni sgail dhuit on teas:—
Si cho fada s’ cho ard ris gach àithn th, anns an lagh.
VIII.
Cha d, thig malluchdan na fearg air an dream tha fo dion,
Phàigh an Iobairt do’n àithne gach fairdin do’n phris—
Bha dligheach dhith fhaotuinn thaobh dhaoin agus Dhe;
Sud an èiric a phaigh iobairt ghradhach na reit’.
IX.
San dream a thig fo sgail gheibh iad slainte fuidh sgèth,
Gheibh iad maitheanas slan agus gras a’n- am feum’—
Gheibh ìad nuadhachadh naduir’chum gradh thoirt do’n choir,
Sa’chum umhlachd le gradh thoirt da aith’ntibh le deoin.
X.
Ni fhirinn dhuinn lochran ’g ur treorach o bhèud,
’S thig an Spiorad n-ur comhail gu treoir’ chur n-ur gnè:—
Bheir e eolas na slaint’ dhuinn air Slanuifhear cèusd;
’S bheir e naomhachd ’n ur nadur le gradh is le h-èud.
XI.
Ged tha ’n creidmheach a thaobh naduir, na fhasach gu’n dòigh,
Ni na grasan ud àiteach ’s bidh a bhlà mar an ròs;
’S thig frasan on aird’ bheir am fas gu bhi mor
’S cha bhi h-aon diu gun bhlàth bidh iad gradhach gu leoir.
XII.
’S bidh E fèin dhuinn mar dhrùchd thoirt duinn ùrachadh fàis,
’Chum naomhachd a chìnntinn n- ’ur n-inntinn le gradh:
’S cha bhi buaigh ann ’ur n-ìnntinn nach ìompuich a ghras;
’S gheibh ’sinn, n-ìomhaigh th’air Criosd an ait ìomhaigh’ùr namh.
XIII.
Sibhs’ bha fad o laimh ann bhur naimhdean gun chèill,
A nis s-ann rinn E sith ruibh trid iobairt na reit’ :—
Shaor E sibh o uamhas gach truaigh ’bha n’ ur deigh;
A’s saoraidh E gaeh uair sibh o bhuaireadh ’so bheud.
XIV.
Cha ’n-fhuiling e d ’ur namhuid bhì n’aird oirbh a choidh,
Cuiridh Criosda le ghrasaibh an namhuid gu claoidh:—
’S ceartuich ’E gach failing tha nadur a shluaigh;
A’s cogaidh E na ’n-aite on s’ aill leo dol suas.
XV.
’S coigrich iad do’n t-shaoghal’s tha’n gaol do’n Ard Righ,
Choisinn am Fearsaoruidh dhoibh saoghal gun chrioch
’S iad mar chaoirich ’measg leomhann an comhnuidh s gach tir;
Ach ni ’m Buachaile mòr o’n a leomhainn an dion.
XVI.
Cha dean leomhan ge ’g arg e a marbhadh ri ’m beò,
Co ’spionas o laimhsan an dream tha na dhòrn?
Cha dean Satan na chairdean no’n saoghal sa ’n fheòil;
Bidh Prionnse na sith dhoibh na dhíon o gach seors.
XVII.
Si Iobairt ua reite ni beusach is naomh,
An dream tha’ gun cheill agus eutromach baoth:
Bheir i ’n-ìnntinneabh beo gu bhi glorachadh Dhia;
On a fhuair E dhoibh slainte nach fáilnich gach ial.
XVIII.
Fhirr a dh, eisdeas na leughas an sgeul th’ ann am dhàn,
Tha thu ’d namhuid do Dhia ’thaobh do fhriamhach o Adamh;
Cha’n’ eil seol air do shaoradh o dhoruinn gu bràth?
Ach trid creidsinn san Iobairts’ se Criosd tha mi’ g’radh.
title | 10 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |