AN T-SHLIGHE NUADH, &c.
Airr Fonn.
Si ’n t-shlighe mhaith is nuadh i,
Suibhlaibh trid na’n geatachan;
’S bidh beatha mhairion bhuan duibh:
San t-shlighe mhaith is nuadh so.
I.
Seasaibh anns’ na ròidibh,
A’s feoraichibh mu’n cuairt duibh;
Caite am bheil an ròd sin,
A bheir gu gloir an Uain sibh?
Sin t-shlighe mhaith is nuadh i, &c.
II.
Se Crìosda slighe ’na slàinte,
Cha’n’ eil an càch ach truaighe;
Sma ’s aill leat dol gu Pharrais?
So! faradh a bheir suas thu. —&c.
III.
Se’n geata dh, fhosgail Crìosda,
Sa mhìnnich E do’n t-shluagh e;
Aithreachas is iompachadh:
Air ’n-inntrinn a chuid sluagh san. —&c.
IV.
Se’n geata cumhann grais e
’Chum dol gu slaint’ o thruaighe
’S thigse steach le sbàirn air
Ma ’s-àill leat dol gu suaimhneas. —&c.
V.
“Ma’s- aill leibh bhi san àireamh;
“A ghradhaich mi s nach fuaraich;
“Gluaisibh ann am àithn’tibh:
“ ’S bheir mise gras gu buaigh dhuibh.” —&c.
VI.
Dearbh do shlighe fein,
Agus trèig i tha i suarach:
A’s teich gu focal De:
’S gheibh thu slighe threigsinn truaighe. —&c.
VII.
O! trèigibh gach mi-dhiadhachd,
Gach ana-miann s gach uabhar?
A’s togaibh bhur crann-cèusuidh,
’S thugaibh sìbh fèin a suas da. —&c.
VIII.
Tha bratach ris na sloigh,
Air an t-shlighe bheo as nuadh so;
A’s thig na h-uile fòidh pe,
A dh’ fhodhlumas as a suaich ’ntas. —&c.
IX.
Tha maitheanas san ròd so,
A’s trocairean ro-luachmhor;
Is ged tha cogadh mor innt’,
Tha seol air’m faigh thu buaigh air. —&c.
X.
Fhir tha subhach ceol-mhor
Le’d spor’s agus le ’d’ uabhar
Treig toil-ìnntinn fheolmhor
Is gheibh thu solas buan ann. —&c.
XI.
Ged ’robh do pheacadh graineil,
Mar sgarlaid aig an ruaighead:
Tha tobar an tigh Dhàibhi;
Ni àluin agus nuadh thu. —&c.
XII.
Bidh mìlltean air gach laimh dhiot,
’Cuir campuir ort is buairidh;
Ach trìd do cheannaird urramaich:
Bheir thuse ’tuilleadh ’s buaigh orr’. —&c.
XIII.
Ge’d robh do naimhdean lìonmhor?
Na mìlltean do gach buaireadh,
Le h-armachd ghlan na Trìonaid,
Bheir thu fuidh chis gach truaighe. —&c.
XIV.
Biodh fhocal duit mar lochran,
Ni solus mòr mu’n cuairt duit;
A’s chì thu’n sin gu’n sòradh:
An seorse ’tha ged chuartach. —&c.
XV.
’S ’on fhuair thu còir san t-Shlan-fhear,
Cha chum E gràs gu buaigh uait:
Bheir E dhuit clogad slàint’;
Agus sgiath; mar stalliun chruadhach. —&c.
XVI.
Fhirr gu’n d’ thig an dàn so,
Thig trà do’n rathad nuadhsa;
Se’m urnaigh air do Sgadh
Creideamh Slàinteil bhi toirt buaigh dhuit, &c.
XVII.
Chaidh Sàdrach agus Mèsach
A’S Abednègo Suas orr’;
Chaidh Daniel ’S Esèciel;
A’S Esra ’S Iob le cruadal, &c.
XVIII.
Chaidh Ionah agus Nàhum,
’S Isaiah ’m fàidhe buadhach:
’S bha Ieremiah dìleas
Tre ’n ti a thug a bhuaigh dha.
XIX.
Chaidh Mata Marc is Lùcas,
’S bu rùnach iad na ’n gluasad:
Chaidh Sèumus Peadair ’s Eòin orr’,
Apòlos agus Cuartas.
Si ’n t-shlighe mhaith is nuadh i—&c.
title | 1 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | 11 |