AN DARA PAIRT.
Si ’n t-shlighe nuadh is bheo i,
Suibhlaibh trid na’n geatachan:
A’s gheibh sibh slainte mhòr;
Ann ’s an t-shlighe nuadh is bheo so.
I.
Bi so an t-shligh’ rinn Abra’m,
Rinn Caleb agus Ioshua:
Rinn Isaac agus Iacob;
Rinn Daibhi agus Ioseph.
Si’n t-shlighe nuadh is bheo i, &c.
II.
Chaidh Solamh agus Samuel,
Chaidh Aaron agus Maois orr’:
Chaidh Noah leis an Airc orra;
’S Lot nuair dh’ fhàg e Sòdom, &c.
III.
Chaidh Phinehas na’n dèigh san,
’S bu treun e’n comhnard Mhoaib:
Chaidh Enoch agus Abel;
A’s Hanah is Naomi, &c.
IV.
Chaidh Elisha is Elijah,
’S bu dìleas iad sa chomhraig:
Chaidh Habacuc is Mìcah;
A’s Simon Mac Chlêòphais, &c.
V.
Chaidh Gaius le chuid aoidheachd,
’S Persis bean-shaoireach mhòr i:
Chaidh Rùfus ’s Adronicus
Amplias is Patròbas.
’S bi’n t-shighe nuadh is bheo i, &c.
title | 2 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | 11 |