AN TREAS PAIRT.
Air Fonn.
Si ’n t shlighe dhol gu neamh i,
Siubhlaibh trid nan geatachan
’S bidh neart an am bhur feuma
Si ’n t-shlighe dhol gu neamh i.
I.
Chaidh Pol orr’ agus Sìlas,
A’s Tìtus ’s Timothèus;
’S fear-coimhead a phrìosuin,
A’s Lidia ’s Conèlius.
Si ’n t-slighe dhol gu neamh i, &c.
II.
Chaidh Aindreas bràthair Shìmoin,
A’s Philip o Bhetsaida;
Chaidh Barnabas ’s Priscila,
Nathànael is ’Stèphen, &c.
III.
Chaidh Magdalen’ ’S Elìs’bet,
A’s Muire mathair Sheumuis:
Is Muire mathair IOSA;
’S Olìmpas is Trìphena, &c.
IV.
Ignàtius ’S Antìpas,
Policarp ’S Iraneas:
Chaidh Iustin ’S Leonìdus
Tertullian is Ièrome, &c.
V.
Tha ’n-àireamh dhiu cho lìonmhor,
’S nach bi mi deanamh sgeul orr’.
’S ma ’s aill leibh sonas siorruith,
Leanaibhse luirg an t-shreud so.
Si ’n t-shlighe dhol gu neamh i, &c.
title | 3 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | 11 |