[50]

AN CEATHRAMH PAIRT.

Sin rioghachd shona bhuan i,
Suibhlaibh trid nan geatachan
S bidh Flaitheas dhuibh mar dhuais
Anns an rioghachd shona bhuan so.


[51]

I.

San dream a rinn mi ainmeach,
Sluchd leanmhuin bhaig an Uan iad:
As lean E cho dileas
S gun chriochnuich iad le buaidh, &c.

II.
S nuair ruigeas sibh an t-ait’,
Annsm bheil lathaireachd an Uain:
Theid an armachd chuir na tàmh;
Anns an arois tha gun bhuaireadh.

III.
Theid crìoch air creidimhs dochas,
Geds mor an cath a fhuair iad:
Tha fois an rioghchd na gloire,
As solas nach d-thig uatha, &c.

IV.
On duslach bheir En deòiridh,
Sam bochd on òtrach dhuaichni’:
Gun cur nan suidhe codhla,
Ri prionnsaibh a chuid sluaigh, &c.

V.
Tiormaichidh Iehòbhah,
Deur bròine bhar an gruadhean:
S bidh moladhn-aite bròin,
S cruintean Gloiren-àite luathre, &c.

VI.
Cha chum an uaigh nam bas iad,
Bidh air chàraid buaigh acc’;
Sann sheinneas iad gu glòirmhor,
S bidh òran Mhaois san Uain acc’, &c.

VII.
Chan fhacas e le sùilean,
S cha mhothachuala cluas e:
Nam bheil do shonas siorruith,
Aig Crìosda da chuid sluaigh,
Anns an rioghachd, &c.

title4
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent text11
<< please select a word
<< please select a page