ARAN NA BEATHA.
I.
Tha gairm tigh’nn o’n Tighearna, si a tha milis,
Do’n- anam a bhitheas gu h-accarach fann:
’Se g-èigheach thigibh a’nis agus itheabh,
Don chorp ’chaidh a bhristeadh ’thoirt beatha da chloinn.
II.
’Se so ’n t-aran fior a thanig o fhlaitheas,
Ge be dh’itheas do’n- aran ’s bidh beath’aig nach trèig:
Dh’ith ’ur n-aithrichean mana, ’s fhuair iad bas ann an cabh aig;
Ach ma dh’itheas tu n ’t-aran ’s, bidh tu mairionn ’s cha’n eug.
III.
O ma bhlais thu cho milis ’s cho maith, sa tha,
Aran na beatha tha ’t-anamse beò
Fhuair thu cuid sa chèud aiseirigh sona dhuit anam.
Chaidh tu thairis gu beatha, so bhàs gu bhi beo.
IV.
Fhuair thu mosgladh o chadal, so bhi marbh ann am peacadh,
A’s solus san fhacal gu ’d chas-cheum a sheol’.
Fhuair thu ’s mior crunneachd fhalluinn ’is mil as a charraig;
A’s maitheanas peacaidh le gealladh na ’d, dhorn.
V.
Fhuair thu tuilleadh ’sud fathasd, fhuair thu creidimh beo falluin,
Agus accair do ’t-anam dochas daingionn ri glòir.
’S gradh annad ’laiste ge’d tharruing o’n pheacadh;
Thoirt umhlachd da fhacal sga leantuin na ròd.
VI.
Fhuair thu tuilleadh ’sud fathasd a leabhar an Taisbean,
Fhuair thu uaithe ’chlach gheal ’sainm nuadh orra sgrìobht’;
Nach lèughar le neach ach a ’neach sin a gheibh i?
Si fianuis do ’choguis bhi ’n sith ruit tre Chriosd.
VII.
Mar sgail creige ’n tirr airsneil tha Criosda do t-anam,
Mar dhaingneach, mar chaisteal, ’s mar bhaile gu’d dhion;
O dhiogh-ltair na fola so chlaidheamh a cheartuis,
’S on fheirg is on mhalluchd a thoill do mhi-ghniomh.
VIII.
O gabhse an cothrum’S na dearmaid bhi sona,
Cho fhad ’s tha ’n dorus so fosgailt gun chrann;
’S aite falamh ann fathasd do cheann feàdhna nam peacach,
A’s aran na beath ann ri sheachnadh neo-ghann.
IX.
’Sàr bhunait gu fois E Clach chinn e na h-oisinn,
Tha E luachmhor is taghte le Athair na sìth;
Agus dhoibhsan a chreideas tha E luachmhor is taghte,
Se ’m beath’ E san roghain sa ’n-aran beo fior.
X.
Fhad sa bha thu na ’d leanamh gu’n treoir ann a t-anam,
Bainne fior ghlan an fhacail bu bheath dhuit air chinnt’;
Ach a nis tha thu fearail ’s dh’fhag thu aois a bhi’d leanamh:
’S gheibh thu biadh chuireas neart annad, aran beo fior.
XI.
Thug E neart dhuit gu cogadh, glachd armachd an t-sholuis,
Claidhe, ’sgiath, agus clogad a’s uchdeideadh fior;
A’s soisgeul an fhocail mar lochran do’d chasan:
Chum gluasad gu faic’ leach an reachdaibh an Rìgh.
XII.
Tha tobar na beath’ ann ’s e ghna a cuir thairis,
’Se saor do gach neach a tha tartmhor na gheall.
Se ’ri fhaotuin an nasguidh gun airgiod gun cheannuchd;
Fion aosd’ air dheagh tharruing ’chuireas gean ort nach gann.
XIII.
Tha subhachas pailt agus gairdeachas anam’,
Aig an dream a tha blasad do’n- aran bheo fhìor;
Sa gh’ òlas gach latha do dh’ uisge na beatha,
Tha sruthadh mar abhuinn o’ chathair an Rìgh.
XIV.
Se Criosda a ’meangan thanuig ’mach o bhonn Iesse,
Sa ghiulain an toradh tha pailt’ anns gach tìrr:
Sann ’lub E gu talamh a nuas o ’na flaitheas;
A chum is gu faigheadh tu anam da ’bhrìgh.
XV.
’Se Aran na beath E gu slanach, sgu neartuch,
SE Prionnsa na beath E. A’s Prionnsa na sìth;
SE Ios’ E ’S Emanuel Dìa a bhi ma ’ruinn;
Ni ’phobull o’m peacadh a shaoradh gu’n dìth.
XVI.
Biodh E luachmhor do ’t-anam, ’bi ghna ris aig amharc,
Biodh E daonnan na ’t-aire, ’S bi ga leanntuinn gun sgìos:—
Na aithnn tibh ’s na eiseimpleir ghna bi ga leanntuinn;
’S cha’n fhag E thu ’m feasda, ’s bidh t-anam fo dhion.
XVII.
Tog a chrann ort gach latha trid cliu na trid masludh,
’S gheibh thu gloir a bhios mairionn is lean E gu ’d ’chrìch:
Treig t-fhireantachd shalach, ’s do ghniomhan neo-fhallainn;
’S gabh Criosd mar do Shagairt, mar t-Fhaidhe, ’s do ’Righ.
XVIII.
Tha do naimhdean gach latha ’gabhail farmaid ri ’d ’shonas,
Sa feuchain ri d’ tharruin ’gu Tophet a sìos—
Cridhe cealgach mi-chreidmheach san Saoghal le odhail—
A’s miannan na colann is Satan le lion.
XIX.
Ach bìosa ri faire ’s cum dlùth ris a charraig,
’S gheibh thu gras uaith’ gach latha, ni t-anam a dhìon:
’S grian sa ’s sgiath E do’n- aiteam a thanuig fo fhasgadh:
Sa ’s fearr dhuit na beatha deadh-ghean ris an Righ.
XX.
Uime sin thubhairt Criosd ’s “mis’ Aran na beatha,”
“An ti ’thig a ’m-ionnsuidh’ cha bhi acras air fèin;”
“Sa’n ti chreideas annam’ cha mhòtha ’bhios tart air,”
’S bidh Aran gu pailt aig ri sheachnadh ’s dha fèin.
XXI.
“O! sbeanuicht a ’n-aiteam tha ciocrach is acrach,
“An geall air an Aran ’s oir gheibh iad dheth ’n dìol:”
’S bidh an aoibhineas mairionn, aig deas laimh an Athar;
Gu h-Ard ann ’s na flaitheis a seinn da gun sgìos.
XXII.
Gheibh iad sith, agus sonas, is aoibhneis, is aighear,
A’s gloir chaidh thar labhairt aig cathair an Rìgh.
Tha mi nis riut a dealach ’s bi mi ’guidheadh dhuit beannachd,
’S gu ’robh ’Lathaireachd ma-riut gus am faic mi thu ’rìs.
title | 12 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |