[56]

NA DIDEIN BHREIGE.

I.

Nuair leughas mi am Biobal,
Gur soilleir chi mi Sgrìobht’,
Gu robh aiteam, anns gach lìnn,
Suidhesìos fo dhidein bhrèig;
S luath thoisich air ceud sinnsearr’,
Ri sgail chuir air am -bheus,
Le duilleach a chroinn-fhìge,
S ben didean brèigdhoibh è.
B-ann diu sud an àireamh,
A thòisich ri tur Bhabel,
S gedthog iad e gle ard,
Bha emhain na dhidean brèig;
S bann diu mic nam fàidhean,
A shlèuchd do ìomhaigh Bhàoil,
Sa chuir dòchas ann an sgail,
Obair làmhan an luchd cèird.

II.
San làithibh Noahm fìrein,
Bha mòran annsan linn sin,
A Shaoil gur didean fìor dhoibh,
An fhìrinnchur na brèig;


[57] Ach nuair thànaig orran dìle,
Cha bfhadasheas an dìdean,
Oir bhàthadh iad air chìnnt’,
On bhan dion fuidh dhidean brèig.
San laithibh Lotbhan Sodom,
Cha chreideadh iad Iehòbha,
Gusn dthànaig doinnionn dhomhail,
As mhòr orra bhon Speur;
Teinne is pronnasg còdhla,
Loisg Sodom is Gomòrah,
S na bailtean feadh a chomhnaird,
Chuir doigh fuidh dhidean brèig.

III.
Bha Israelich san fhasach,
Gamealladh fèin le sgaile,
S chum sud iad o Chanàan,
On ghradhaich iad a bhreug;
S bha Corah agus Dathan,
An aghaigh Mhaois is Aaroin,
Chionn èud a bhi cho àrd annt
Gu coimhead aithnntibh Dhe;
S bha phairisich Channaoin,
A saoilsinn a bhi Sabhailt’,
On shiolaich iad o Abram,
S gun ghràdh acc do Mhac Dhe;
Ach Dhinnis dhoibh an Slan-fhear,
Gum be an Athair Satan,
S gun b-iad a mhiannan graineil,
A b-aill leo a bhi deant.

IV.
San àireamh nan deich òighean,
Bhan cuigear a bha gòrach,
A saoilsinn gum bu leoir dhoibh,
Bhin ordugh -ra chèil;
S nuair thànaig am fear posd’,
Cha robh olacca nan lochruin,
S chum sud a mach a gloir iad,
Bhan doigh fo dhidean-brèig.


[58]S bha moranlean an Slan-fhear,
Son bhuileanan san fhasach,
S cha b-ann airson na slaìntbh-aig’,
Do fhailùingibh a threud.
S nuair sguir Ebhi gan saschudh,
Phill moran diu gun dail,
Agus dhfhàg iad stèigh na slaint’,
S ghabh iad tamh fuidh dhidean brèig.

V.
N sin thuirt Iosa fèin,
Rithis ris an -fhear dheuga,
“ ’N aill leibhse mise thrèigsinn?”
Sa bhreug bhi dhuibh mar Sgail,
N sin fhreagair Simon Pèadair,
Mars coir da fhior threud radh,
Coea dh-ionnsuidhn dthèid sinn?”
Ach thugad fèin amhain.”
S bha cuid fo dhidein bhrèige,
Trid suidhe sios fo èisdeachd,
Luchd-teagaisg, ’s fhaidhean brèige,
Don t-shrèud nach deanadh stàdh;
Bha sgrìobhuichean ro eudmhor,
As iad gun eolas De annt,
S gum b-ann diu Nicodemus,
Mun cual ebhreith on aird’.

VI.
Tha moran ann san linn so,
An duil gur dìdean fior dhoibh,
Bhi aineolach air Criosda,
Neo-iompuichtmar tha càch;
S ma shiubhlas iad fuidhn dìteadh,
Chan fheud iad dol da rìoghchdsan,”
Se sud a thuirt an fhirinn,
S air chinnt cha d-thuirt i brèug.
Cuid eil than duil bhi sabhailt’,
Ons daoin iad a tha crabhach,
S an t Shearmoin h-uile Sàbaid,
S a ghnà toirt seachad dèirc;


[59] Cha leoir iad sud gur tearnadh,
Cha ni sud fuil an t-Shlan-fhear,
Is uime sin gun taing dhuibh,
Se h-ann duibh didean brèig’.

VII.
Luchd mhionn is bhreug is morchuis,
Luchg farmaid agus còmhstridh,
Luchd ciul is dannsis orain,
S luchd poite mar an ceudn’;
Luchd Strìopachuis is neo-ghloinn,
Luchd ghisreagan as eolas,
As cealgaireans luchd foinneirt,
S gach seors do luchd mi-bhéus.
Bidh iad sud an dochas,
Gur didean fior gu leoir dhoibh,
Bhi g-itheadh is aig ol,
Aig a bhòrd mar ni fhior thrèud;
S on tha iad sud gun eolas,
Air brigh na nithean oirdhearc,
S iad breathanasan mòr,
Thad aig iths aig òl dhoibh fein.

VIII.
Tha cuid cho fhad o Chrìosda,
S nach creid iad guth da fhìrinn,
Ged leughar is ged mhìnichear,
Sios dhoibh i gu rèidh;
On nochdas ian dìteadh,
S an lèirsgrios aig a chrich dhoibh,
Chan fhaigh i tàmh nan-ìnntinn,
S gabhaidh iad dion fuidhn bhrèig;
Tha cuid an duil gu cìnnteach,
Gur h-i sobhreith a rise,
Ma threig iad cuid dami-mhodh,
Sa nis tha siobhalt seimh;
S tha nise le fior dhìochal,
Gam firinneachadh fhìn:
Ach is dìdean brèig air chìnnt e,
Than taicrin gniomhan fèin.


[60]

IX.
Tha cuid air Criosda leanmhuinn,
Thaobh aidmheil agus ainme,
Arson am buannachd aimsreil,
San-anamaibh dha gun ghràdh;
Mar bha IudasS iomadh cealgair,
Ga leanntuinn arson airgid,
Mar sin tha cuid san aimsirs’,
Ga leanmhuinn arson paighdh;
Luchd Searmoin agus urnaigh,
Luchd sgoil tha teagasg ionnsuidh,
Na leanaibh arson rusg E,
A dhublach bhur cràidh;
Luchd riaghlaidh agus èighich,
Tha frithealadh don chleire,
A lean arson bhur drèuchd E,
Sud didean breiggun stadh.

X.
Dream shiolchas a mheanmh-chuileag,
Sa shluigeas camhail gharbha,
An uaigneas gh-olas aingeachd,
S tha stuaman-am bhi lài-r;
Nan cridheachans es cainnt doibh,
Ri Dia bi falbh san amse,
Sud didean breig th-aig anamaibh,
Nin damnadh aig a bhàs;
Tha dochas dalm gun stèigh,
Agus creideamh marbh gun èifeachd,
A chionn gun leughs gun èisd iad,
Mar stèigh aig cuid don als’;
Ach feuch! is didean brèige,
Bheir doinnionn feirge Dhe leis,
S O! teichibh a luchd èisdeachd,
A dhionnsuidh Stèigh naSlàint

XI.
Chan fhag mi ann an di-chuimhn’,
Cuidghabh a bhreug mar dhidean,
Naimhdean mor do Chrìosda,
Da fhìrinn is da ghràs;


[61] Luchd aideachaidh lem bìlean,
San cridheachan neo-ìompuichte,
Cealgairean tha dìomhair,
Sluchd dìmeais air a shlaint’.
Chan urrain mi an ìnnseadh,
An t-iomlan dona didein,
Thag Satan do na Strìochdas,
Da ìomhaigh no dha fein;
Ach tha doinnion feirge Chrìosd
Air a samhlachadh ri Sìonntan,
A bheir gu h-iffrionn sios,
N dream a bhios fuidh dhidean brèig’.

XII.
Chan- ann dhfheuchain duibh mo ghleustachd,
No gaol air sibhseleirsgrios?
Thug dhomh na didein bhrèige,
So fheuchain duibh an tràs?
Achchums air dhuibhsen leughadh,
Gun creideadh sibh an sgeula,
S air cur on didean bhrèige,
Gu sgedh an Ti as aird’.
SeCrìosdam fior dhìdean.
SEm baile fasgadhs dion E.
On doinneans ona Sìontan,
Don Ti a thig fuidh sgail,
S àr Bhunait is clach chinn E;
Chaidhshuidheachadh an Sion,
S na ghealladh gabhaibh dion,
Oir cha didean fìor ach E.

title13
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page