[61]

AMHGHAIR.

I.

Gur mor a ghrainnt thug an saoghal don- aireamh,
A ghradhaichs thug umhlachd do aitheantaibh Chriosd;
S iad mar chaoirichmeasg leomhun an comhnuidh san fhasach,
S namadraidh gan caganadh le h-ardan dian.


[62]

II.
Ach se thuirt am buachail tha shuas anns na h-arduibh,
Mo shluaghse chan- iongantach ged dhfhuathcheas iad sibh;
San t-shaoghal, bidh amhghar is doilghios is cradh dhuibh:”
Achs beag e do na fulangais a fhuair mi fhin.”

III.
Dhfhuiling mise irisleachd ro mhor airur sgàthse,
Nuair thànaig min don fhasachsa thearnadh mo shreud:
Mo ghabhailleis an oigh sa bhi air mo bhreith san stapul;
“ ’S nach leoir dhuibh ma bhitheas sibh mar bha mi fèin.

IV.
Dhfhuiling mi geur-leanmhuinn o Herod Cho gèur,
Is gum b-èiginn dom chairdean don- Eiphet dol leam:
Geds mise rinn a chruitheachd so le cumhachd guth mo bheil;
Chanfhaighinn aite bunaiteach fon ghrèin domo cheann.

V.
Nuair phill iad leam do Naseret bha eagal Archelaus,
Cuir geilt orr agus sgà oir bu namhuid dhoibh e:
Fuidh dhìmeass fo tharcuis feuch sud agaibh mar dhfhas mi;
Mar dhinnseadh le h-Isaiahs am faidhe dhuibh e.

VI.
Bha gniomharan gradhach is miorbhiullibh àrraidh,
An tir Chapernahum airn deanamh leam fein
“ ’S ged shearmonaich min t-shlaintem Bethsaida san Corasain:
Be prionnsanan deamhan bha iadg radh rium na dhèigh.

VII.
Leighis mi gach crèuchd bha air daoines gach èucail,
Thoirt fianuis dom dhrèuchd gur mi fein a bha ann:
San neach san robh an Lègion do dheamhuin thug iad geill domh;
“ ’S na marbhaibh ghrad dhèireadh iadn tra labhrain lem chainnt.

VIII.
Ach mhasluich iad le tàir mis le fuath arson mo ghràidh dhoibh,
Reic Iudas mi gun fhàbhar gun bhaigh ris na slòigh.”
S nuair bha mi anns a ghàrradh sem-anam bha ro chràiteach;
Mar chlodan folbham fhallus dhiom le sbairn a bha mor.


[63]

IX.
N sin thug iad mi gu Anas sa rithis gu Caiaphas,
As cheangail iad an sàs mi gun bhàigh ri mo bhròn;
Rinn Peadair an sinm aicheadhs cha d-fhuirich aon dom chairdean;
S bu mhuladach gun duine ach mo naimhdean gam chòir.

X.
Bu teann a rinn iad m-fhèuchain san tallan oidhchsin fèin,
S iad a tilgeadh sileadh brèun orm san èudann gun chàird:
Is dhfholuich iad mo shuilean is bhuail iad mi len dùrachd,
S iad g-iarruidh orm faidheadaireachd dheanamh; le tair.

XI.
Chuir Pilat mi Herod is cheasnuich iad gu gèur mi,
S dhìt iad lèis a bhrèig mis iadn deigh air mo bhàs:
S guirsiad mi gu deistneach gun iochd acca dom chrèuchdan;
S bhamfhuil is m-fheoil a sruthadh dhiom sga rèubadh gu lar.

XII.
Chuir crun do sgitheach ghèur air mo cheannrinn iomadh crèuchd air,
Sa dhfhanoid air mo dhrèuchd dearg èideadh mum chom:
As lub iadn sin an glùn do a fanoid orm aig ùrnaigh;
Le failterigh nan iudhach dhuit, ’s iad lùbadh an ceann.

XIII.
San sin a thuirt na h-iudhaich, “beir uain’! beir uain! a mealtair;
As cèusuibh ris a chrann E gu teann a chum bàis,
Oir chuala sinne chainnt S E aig ràdhleagaibhn Teampull,
Is cuiridh mise rithis suas en ceann an treas .

XIV.
N sinn rinn iad a cho-èigneach a ghuilain a chroinn-cheusaidh,
Gus na laguich e le mheud sa bha chreuchdan a call:
(Se Simon o chirene a ghuilain chum an t-shleibh e)
As thairnich iad an sin E leis na spàicean ri crann.


[64]

XV.
O Seallaibhnisn àirdris so brigh na nathair phràise,
Thog Maois a suas san fhàsach gu slainnt thoirt do dhream,
Seall! an t-shleagh ga cuir a sàs ann na thaobh gun iochd gun bhàigh
Siad ag ràdh mas tu Emanuel; tarrnuas o na chrann.

XVI.
Nach faic thu dhreach air caochladhsam masludh a thug daoin dha?
S fearg Dhia ga taomadh na anam air a chrann,
Arson peacadh dhaoineS E cosnadh dhoibh na saorse,
O! faicibh olc a pheacaidh is an ceartas tha cho teann.

XVII.
Sa nis a chairdean gradhach chan urrainn mi an àireamh dhuibh,
Fulangasan cràiteachur Slan fhear gun ceann:
S ged dh-amhlaic iad san Uaigh E gun d-èirichs thug E buaidh orr;
Sa nis tha Es na flaitheanais a tagradh cùis da chloinn.

XVIII.
Na bithibhse fuidh ioghnadh ged dhean an saoghl air dìteadh,
Arson sibh a bhi dileas da fhirinn sgach ceum:
Ma rinn iad sud san Fhionain: nach dean iad e ra dhillsean?
Oirs comharan iad sud a bhanns gach linn air a thrèud.

XIX.
Ged mhasluichear le breig sibh sged bheir an saoghal beum dhuibh,
Arson gun deachair suidheachadh sann an cruth a bhais?
Lean uibhsanns gach ceum E mar eagluisean Iudea,
San sin a bhios sibh subhach a bhi fulang air a sgàdh.

XX.
“ ’S na huile ghabhas nàire doni a rinn mi aithuneadh,
Bidh mise rìs gan aicheadh an laithr ainglean Dhe:
“ ’S na dhaidicheas os airdmi le creidimh is le gradh dhomh,
Bidh mise rìs gan aideachadhs chanàruichear iad.

XXI.
“ ’S ged dhfhuiling sibh san fhàsach gach masludh air mo sgàdhse,
Bidh urram tha do-àireamh gu h-ard dhuibh an glòir:
Leanuibhse gach mis gach cèum a rinn mi àithnneadh;
“ ’S Ged bhios bhur naimhdean guinneach bidh mo ghairdeans gur coir.


[65]

XXII.
Tha cuid air feadh nan duchan mar Aran nach deachthiondadh
Tha leanntuinn ris an dùchas gu dluth bhaig a Phàp:
Ach se dhàithinn an Slan-fhear dhuin tighnn a mach a Bablon,
S gun cho-pairtcheadh da peacuidhean; mum faigh sinn cuid da plaigh.

XXIII.
Chan fhiugh e bhi ga ainmeach am beagan thasan amase,
On taobh amach do amhghair seachn-aimsir bhaig Pol:
S cha do chunntais eriamh iad ach anabarrach eutrom;
Nuair mheasadh en trom chudrambha iadgoibreach dha do ghloir.”

XXIV.
Son dhìnnseadh ro laimh dhuinn gur h-ann tre iomagh amhghar,
As èiginn do anamaibh nan naomh dol gu gloir;
Deanamh sbairn gu neo-chearbach gu dligheach for lan armaibh;
S nuair ruigeas sibh bhurnuighe cha d-thig amhghar gur còir.

title14
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page