AN SGATHAN.
I.
Bha mis mar chàch ann an chreach aig Sàtan,
Sior dheanamh tàrcuis air t-àithn’tibh caomh:
Fuidh’ chuibhreach bàsmhor aig truaill’eachd naduir;
’S mi’m nàmh do ghràsan an Spioraid naoimh.
II.
Och! ’S mòr an fhàiliung thug mi o Adhamh,
’S cha mhis amhàin ach an t-àl gu lèir:
A thànaig uaithe tre ghinneil ghnathuicht’;
Rinn sud n’an tràillean do Shàtan iad.
III.
Chaith mi mo làithean air feadh an fhàsaich,
Gu h-uaibhreach àrdanach feargach bàoth;
’Nam struigh fhear neo-ghlan làn macnuis ’s cò-strith,
’S am ruit-fhear ceolmhor le gòraich fhaoinn.
IV.
Le’m chridhe cealgach tha làn do shalachar,
Thug fad air mhearallan mi feadh a cheò;
Mo nadur truaille ’g òl suas gach barraghloir,
Gu naimhdeil anacainnteach fad on chòir.
V.
Gu’n eolas Slainteil air Dia ’na’n gràsan,
Am chreach aig Sàtan Sa’m thràill do’n fheòil;
Toirt graidh do’n t-shaoghal sdo chuideach bhaoghail,
Sa chuideachd naomh ’s mi nach taòbhadh beo.
VI.
’S mi h-uile la ’g radh ris an t-Shlan-fhear,
Imich an trà so cha’n aill leam thu;
A bhi na’d Righ shagairt dhomh na t-fhaidhe,
’S nuair thig am bàs ’s math leam lamh rium thu.
VII.
Ged theireadh fhìrinn san rium gu laitheil,
’N diugh la ’na slaint gabh an gràs sna diult;
Ach on bha m-inntinnse dha na nàmhuid,
Se bhi cuir dàil ann a bha na’m run.
VIII.
Sa sin a Smuaintich mi air an truaighe,
A bhiodh mar dhuais dhomh ’n taobh thall do’n bhàs;
Sann dhuisg sud riasuinn do sheorsa diadhachd,
Sa sin a dh fhiach mi ri dol ni b’fhearr.
IX.
Chaidh mi gu fuaigheal na mìrean nuadh,
Ris a chridhe chruaidh san robh fuath do ghràs;
Le duil gu’m leoir dhomh bhi ’g urnaigh ’n comhnuidh,
’S mo chridhe feolmhor na chròdh do’m nàmh.
X.
Be’n dochas làidir bh’ agum an trà sin,
Gu’n coisninn Pharrais le’m- airigheachd fèin;
’S ge’d bhithinn failuingeach ann am pàirt diu,
Gu’n cosnadh cacha dhomh deagh ghean De.
XI.
’N sin thoisich leughadh is ’leathsach bhèusan:
Le ’duil gun deantadh mo rèit ri Dia;
Sa nis gu h-àrraidh gu’m b’fhearr na càch mi,
Se sud bha Satan cur orm mar fhiach’.
XII.
’S ged thrèig mi cuid do mo mhiannaibh mìlteach,
Air mhodh dìomhair bha mi an sàs;
A’s ghabh mi tamh ann an didean brèige,
Fuidh mhallachd Dhe ’S cha bu leir dhomh e.
XIII.
Biad m-oibre fèin ’n rud a bha mar stèigh dhomh,
Cha ’b lèir dho ’n-èifeach bha ’n steigh na ’slaint’;
Fuidh ’n lagh gu gniomhach sior dheanamh dìchill,
Le duil gu’m fìr’ nicheadh e mo ghnà.
XIV.
Se so an Sgàthan sam faic sibh pairt dheth,
Mo thoradh naduir ’s do’m- umhlachd fèin;
Sa chairdean gràdhach nach truagh leibh cà-radh,
An neach as gràineala a tha fuìdh ’n ghrèin.
XV.
Ach dh’fhosgail Ughdar na slaint’ mo shuilean,
Nuair thanaig ’n-ùinne a rùnaich E;
’S chuir E cho drùiteach an lagh do’m- ionnsuidh,
’S gun dhearbh e m-umhlachd bhi dho’na bàs.
XVI.
Bha ’n lagh gam sguirsadh is dhuisg mo choinnseas,
Bha mi gam chuibhleadh agus ga’m chradh;
’S bha ’n Spiorad daors’ sin gam chloidheadh daonnan,
A sior thoirt m-eutromais dh’ionns’ an làir.
XVII.
Bha ’n lagh gam sguirsadh oir be’m- oidfhoaghluim,
Gam thoirt a dh’ionnsuidh m-Fhiorrshaoraidh naoimh;
’S Om uallach trom ’S Easan a rinn saor mi,
’S chaidh mearbs’ bha faoinn ’chuir a thaoibh gun suim.
XVIII.
’S E Iosa Crìosda ’thug Saorsa shiorruith,
Do ’na ’milltean bha’m prìosun truagh;
’S is ann na fhireantachd a tha prìseil,
A fhuair mi’n didean na dion o thruaighe.
XIX.
Ged tha mo namhuid rium gleachd gu làthail,
’S E Criosd le ghràsan ni’m fhailuing suas;
’S E ghealladh slainteil nach dean E’m fhàgail?
’S gu fàigh mi laith’reachd is gràs gu buaidh.
XX.
Ged theirgeas sleibhtean sged leagh na reultan,
Ged theich no neamhan an Speur san cuan;
Se gealladh grasmhor an Ti as aird dhomh,
Gu’m faigh mi failt uaith’ air sgàth an Uain.
title | 15 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |