PHARRAIS.
Air Fonn.
’S mor aoibhneas na dream a thuig,
An Soisgeul air an talamh so;
’N diugh ’soilseachadh ’measg na cuideachd,
Urramach tha ’m Pharrais.
I.
Cha’n- iarr iad Solus coinnleadh,
Ga’n treòrach feadh na h-oighreachd:
Se’n t-Uan bhios dhoibh mar Shoillse;
San oidhch’ cha d-thig gu bràth orr’.
’S mor aoibhneas, &c.
II.
Tha craobh na beatha fial doibh,
Is toradh nuadh gach mios orr’;
’S milis dhoibh mar bhiadh i;
On mhiannuich iad fuidh sgaile, &c.
III.
Bhòs chuir iad siol gu deurach,
Shuas buainnidh iad le h-èibhneas:
Gur sgiamhach iad na’n eideadh;
Mar ghrèin tha iad a dealradh’.
IV.
Bhòs chaith iad beatha shonruicht’,
Tre chreidemh an Iehòbhah:
Nis chi iad E na Mhòrachd;
’S na òirdhearcas mar thà E, &c.
V.
’S tric bha solas fìor acc’,
’S comhfhurtachd san fhìrinn:
Ach stric a thigeadh crioch air;
Le ìnnleachdan na Namhuid, &c.
VI.
Cha’n- eagal leo san riogh’chd sin,
Gu’n coimeasgar an fion acc’:
Oir treòraichear le Crìosd iad;
Gu tobar fior na Slainte, &c.
VII.
On thaisg iad iomhas luachmhor,
San oighreachd tha neo-thruaillith
Cha d’thoir an gaduich uath’ e?
’S cha mheirg an ruadh gu bràth air, &c.
VIII.
Ged stric thuirt sluagh gun eolas riu,
Luchd a chreidimh neo-naich:
Cha’n- fhaic iad h-aon do’n t-sheors’ ud;
Gan comhluchadh ’am Phàrrais, &c.
IX.
’S ann nis tha iad neo-thruaillith,
On dh’ionnlaid fuil an Uain iad:
Na’n Smuaintean cha d’thig buaireadh;
’S cha bhuaghaich orra Sàtan, &c.
X.
’S on dh’ èignich a ghaol-saoraidh iad,
Gu bhi leis aig aomadh;
Gun lean iad anns gach taobh E;
’S na naomhachd thug iad gradh dha, &c.
XI.
’S iad sud a mhuinntir òirdhearc,
Thanaig tre amhghar mhòra:
Sa dh-ionnlaid an cuid neo-ghloinn’;
’M Fuil mhoralach an t-shlan-fhirr.
XII.
’S na b-ait le ’n-anamaibh fhuair iad,
Ged b-fhada leo e uatha:
Sann ’nis tha’n communn buan;
Ris an Uan thug buaigh tre ghràs doibh.
XIII.
Tha cogul ’s cruithneachd sgaoilte,
N diugh còmhla feadh na’n raontaibh:
San sud theid roinn gach taobh dhiu;
’S na naomhaibh theid gu Phàrrais.
XIV.
Bidh Sonas buan a choidhch’ acc’,
A Seinn le h-halelùiah:
Do’n ti thug iad a dh’ionnsuidh;
Na dùthcha sin gu sabhailt, &c.
XV.
Bidh oran nuadh ga Sheinn acc’,
An communn ris na h-ainglean:
Nach fhoghlum neach a choidhch’?
Ach na naoimh ’bhios ann am Pharrais, &c.
XVI.
Sann sheinneas iad gu buaghach,
O! Uaigh ca ’m bheil do bhuaighse?
Sa bhais! a rìgh na’n uabhas;
Do ghath cha bhuair gu bràth sinn, &c.
XVII.
Cha duilich leo san Riogh’chdsin,
Gu ’n d’ thug iad geill da fhirinn;
Am feadh bha iad gu h-ìosal;
A striochdadh da chuid àithnntean, &c.
XVIII.
Cha ’n fhaca suil ’s cha chualas,
Le cluasan air a luaigh e;
Na thaisg e ’shonas suas,
Sann do’n t shluagh sin a thug gradh dha.
XIX.
Cha d’thèid a h-aon don ghlòirsin,
Gu’n ol’ acca na’n lochrain;
Ged ’s minic bhios na h-oighean sin.
Còmhla’ riu san fhasachs’.
title | 16 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |