[71]

AN SOISGEUL.

I.

Gur hen Soisgeul an sgeul àigh,
Mhaireas nuadh air feadh gach àil:
S e toirt beatha neart is slàint;
Don àireamh a tha gabhail ris.

II.
Nuair bha Adhamh an cruai-chàs,
Sa dhìth emeas an robhm bàs;
Dhinnis dha an Ti as àird;
An sgeula grais bha taitinneach.

III.
Gun dthigeadh air Slochd na mnà,”
Na bhruthadh a sìos fuidh Shail”—
Ceann nanathrach” ’mheall an t àl,
Sa bheireadh Slaintes beatha dhoibh.


[72]

IV.
Sgeul air Criosd a thighnn On Aird’,
Thoirt gu solus beathaSlaint
Trid E thoirt umhlachd gu bàs,
An aiten t-shluaigh a ghabhadh ris.

V.
So an sgeul thug aoibhneas àrd,
Do fhior ìnntinn Abraham:—
Gum beannuichtna shliochdsamhàin,”
Uiltheaghlaichean na talamhain.”

VI.
Dhinnes Maois a rìs don t-shluagh,”
Nameasg fèin gun togtasuas:”
Faidhe iochdmhor làn do thruas;”
Ri truaighainbha air seacharan.

VII.
Dh-innis Daibhi uime rìs,
As na faidhean uile sìos:
S rinn iad gairdeachas do bhrigh,
Na sin mun do labhair iad.

VIII.
Dhuinnerugadh Mac an àigh,
Mar a dhìnnseadh leis an Fhàidhe:
Gliocas cumhachd, eud, as gràdh
A deàlradh ann le maiseileachd.

IX.
Chuir na h-Ainglean ann an cèill,
Cliu as oirdhearcas an sgèuls;
Gloir do Dhia an Airde Nèamh”—
As Sìth ri èighch don talamh so.

X.
N dream a bhaig Ceartas an Sàs,
Trid an easumhlachd don àithnn’ :—
Malluichte fuidh bhinna bhais
Le fearg on airdga bhagradh orr’.


[73]

XI.
Dh-aom a ghradh E thighnn bhon àird’—
Thoirt na h-umhlachd ann narn àit’—
Dh-fhulann malluchd, fearg, as bàis;
Ach gus na chràidheadh anam leis.

XII.
N-am toirtsuas na h-ìobairt rèit,
Ann am piantan air crann-ceusd:
Tha e crìochnuicht’” labhair E;
Gu leòir an èiric anamaibh.

XIII.
S ged a leag iad E san uaigh?
An treas gun dthug E buaigh:
S mar fhianuis gun shaor E shluagh,
Sann ghabhadh suas gu flaitheis E.

XIV.
Dh-aithnnEn sin a shoisgeul gràis;
Shearmonachadh feadh gach àit.
S na chreideadh le h-umhlachd dhà,
Bu leobheatha-mhairionach.

XV.
Soan gradh! thug Dia don t-Shaoghl,
A Mhac ionmhuinn chur othaobh.
Chums gun saoradh E gach aon
A bheireadh gaol gun mhearachd dha.

XVI.
So! an sgeul gun samhladh dhà,
S dìomhaireachd i tha ro mhòr:—
Dia air fhoillseachadh san fheòil
A Shaoradh slòigh om peacanna.

XVII.
Sgeul air creidimh, dochas, ’s gràdh
Fireantachd, ’s naomhachd: tre ghràs;
Gliocas, sith, as saorson bhàs
Trid Mac a ghràidh do pheacachaibh.


[74]

XVIII.
Ged tha thusadleanamh feirg
S do pheaca mar sgarlaid dheirg?
Glanaidh Fhuilsan iad air falbh,
Ach an sgeul dearbhtsochreidsinn leat.

XIX.
S fhad sa bhios tu air an ròd
A dol dachaidh dhionnsuidh Glòir?
S millsna mhil dhuit guth a bheoil,
Le sòlas a toirt beatha dhuit.

XX.
S na biodh ìoghnadh ort a ghaoil,
Ged a gheibh thu fuath on t-shaoghl?
Lean do Mhaighistir gach taobh
Geddheanamh daoine, fanoid ort.

XXI.
S ged a chreachta thu dod mhàoinn
Chionn bhi dìleas air a thàobh?
Gabh le lua-ghair riss gach tàobh
As gheibh thu màoinn am flaitheanas.

XXII.
Ach mar gabh sibh ris an sgials’?
Ann-tromaichidh e bhur pian;
Chionn gun drinn sibh tair air Dia?
Ses crioch dhuibh piantan lasarach.

XXIII.
Ach a nis a mhuinntir ghràidh,
Gabhaibh ris an t-shoisgeul àigh:
S maithidh Dia trid Mac a ghraidh,
Gu Slànur n-uile pheacanna.

XXIV.
Ciod air bith mar tha sibhn tràs,
Bochd, na beartach; tinn, no Slàn?
S comh-fhurtachd dhuibh an sgeul àighs’—
Mases gur àill leibh gabhail ris.


[75]

XXV.
Le chuid oiffigibh tha Criosd,
Gath airgse fein san sgeul fhìors’:
Orduighs laghannan a rìoghchd;
Air an cur sìos gu maiseach ann.

XXVI.
Gras gu comhair n-ann bhur feum
Creidimh falluin duibh mar sgè
Clogad slainte, ’s claidhegeur,
S iad briathra bèil Emanuel.

XXVII.
S ged a thà an cogadh cruaidh,
Thaig Satan ri buill an Uain?
Bidh E fein air ceann a shluaigh;
A toirt doibh buaigh le cathachadh.

XXVIII.
Gheibh sibh cumhachd bhi n-ur cloinn,
S rioghachmaile ris a choidhch’—
S crùn na beatha: ’S mòr a loinn:—
Sa bhi n-ur cloinn don aiseirigh.

title17
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page