FAIREACHDAIN.
I.
’S ro fhad ’am thàmh mi? be ’m-ait bhi marsandachd,
Ged tha mo thàlann an trà so taisgt’ agam?
Ach cliu gu bràth sann d’ur Slan-fhear beannuichte;
Nach d’thug a ghràs uam ’s nach d-fhàg E falamh mi.
II.
Bu truagh a bhà mi na’n d’fhàg thu falamh mi,
Bhiodh call do làth’reachd na bhas do’m- anamse;
Bhiodh uamhas CHAIN gu brath na luidh orm,
A’s gath a bhàis ga mo chnamh le agartas?
III.
’N sin bhithinn brònach gun seol air leathsachadh,
Gu’n Dia gun tròcair, sgun dòchas teasraighinn?
Gu’n duil gu sior ach ri diteadh eagalach?
’S ri fearg neo-chrìochnach bheir sìos na h-eascairdean.
IV.
Ach cliu gu bràth dhuit nach d’fhàg san staidse mi?
Fuidh’ chuibhreach bàis, ann am thraill neo aithreachail,
Sann tha do ghràsan gach là ro phailte dhomh;
Sled chaoimhneas gràidh tha thu ghnà gam neartachadh.
V.
Nuair anns’ an fhàsach le gràin do’m- anam,
Ann a m-fhuil, a basach bu ghraineil sealladh dhiom;
Bi’n aimsir ghràidh nuair a ghabh thu thairis:
’Sa thuirt guth do thròcair; “Mair bèo” ged ’s salach thu.
VI.
Cha neach a b-ìsle na Criosd a labhair rium,
Se Mac an aigh’ seircein gràidh an Athar E:
Tha beatha ’s slàinte gun fhailinn annasan,
’S ma fhuair mi pàirt dith? Cha nar leam aideachadh.
VII.
Ach ’s-iomadh uair trìd mo thruailleachd leanailteach,
A bhios mi truagh ann am buaireadh aimbeartach:
Bheir so mo smuaintean gu luath gu breithnachadh—
Cha’n eil ’sgach buaidh dhiot ach gluasad mearachdach.
VIII.
’N sin èirigh riasunachadh gu bruthadh dhomh,
Cha ’neil na ’d dhiadhachd ach briathran uisgeulach—
Na’m biodh tu rianail ’s fo riaghladh cumhachdach—
An Spioraid shiorruith? cha bhiodh tu tuisleachach.
IX.
Cha ’neil t-ath-nuadhach! ach truagh gu deimhinn,
Oir is tric tha buaireadh toirt bùaigh le caithream ort’;
Gur masladh buan thu do’n t shluagh a dh’aidich E,
Na seall a suas ris an Uan: cha ghabh e ruit.
X.
’N sin their an ìnntinn fuidh ’n dìteadh fhada so,
O! ciod a nì mi ’s mi sgìth fo’n eallach sa;
Tha lagh na’m ball anns gach am ga’m theannuchadh,
’S toirt air mo cheann ris a chrann nach amhairc mi.
XI.
’N sin their an fhìrinn mi gu bhi beachdachadh,
Ri Daibhi ’s Pòl ’s iad fo’n t-sheorsa ghearain so;
So’n fhuair iad tròcair le coir air maitheanas,
Rinn sud mo threòrach gu dochas altarum.
XII.
Bu latha tròcair bha còrr an latha sin,
Mo naimhdean mòr fhuair iad lèon is lagachadh;
Gu ’n deach’ eu-dochas a leon sa bhatal sin,
’S ma tha e beo? cha ’neil mòran neart aige.
XIII.
’S o’n fhuair mi dìdean fo dhìon a bhaile sin,
Bha’m- àoibhneas fìor tuigsinn briogh a gheallaidh sin—
“Gu’m biodh mo shìochaint gu cìnnt’ mar abhuin,”
“Agus gu’m biodh m-fhìreantachd mar an fhairge.”
XIV.
Ge’d ’s eiginn dòmhse ’bhi bròn air amannaibh,
Cho fhads’ as beò mi san fheoil a gleachdadh rium;
Gidheadh bidh sòlasan ’teachd bheir barrachd orr’,
O! ’ghrian na tròcair; ’s na neòilse: sgapaidh i.
XV.
Sa nis a chàirdean fhuair gras an aithreachais,
On sibhse ’mhàin thuigeas dàn na faireachdains’:
Nach taic sibh làidir air gradh Emanuel?
SE bheir sibh sabhailte ’n aird gu Flaitheanas.
title | 18 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |