[7]

LAOIDHEAN SPIORADAIL.

A BHREITH A RIS.

I.

THUIRT an TI tha NEO-CHRIOCHNACH le firinn a bheoil,
Mur a beirear duine ris,” “ ’S mar a ceus iad an fheoil;”
Nach mealadh iad a Shith san an rioghachd na gloir:
Ach gum biodh iad air am fuadach gu truaighes gu bron.

II.
Tha briathran na firinn air ìnnseadh le Pol,
Mun dream as le CRIOSDgnn do cheus iad an fheoil;”
Sgur a creutairean nuadh iad tha gluasad na rod,
A chuir dhiun duine truaillidh, ’schuir suas an duinog.

III.
O THI thanns na Neàmhan air t-àrdachadh shuas,
Seall ann ad fhàbhar air àrdan an t-Shluaigh:
Sa mheud dhiustha gòrach snach d-fhòghlum iad uait;
O pill agus seol agus treoraich iad suas.

IV.
Fosgail suilean air n-înntinn led Spiorad on àird;
S thoir dur n-anamannaibh treòir gu bhi beò ann ad ghràdh;
S cuir tart oirna dhol as an t-shòlas nach tràigh,
As an lanachd than CRIOSDphaigh na fiachan le bhàs.

V.
Thoir fradharc agus èisdeachd le eifeachd don t-Shluagh,
S gum faiceadh iad a ghnetha do eucail nam buaighn;
S gum blaiseadh iad cho gràsmhor tha Slàn-fhear nam buadh,
A tha tairgseadh le ghràsn deanamh àluin is nuadh.



[8]

VI.
Ach tha ìnnleachdan laidir aig Satan gach uair,
S tha e dhoiche sdo dol mar nàmhaid mun cuairt:
Tha e gealltuin duibh sith sgur i crioch a bhios truagh;
S mur a pill sibh gu Criosdgheibh sibh diteadh bith-bhuan.

VII.
Och! a mhuinntir an t-Shaoghail nach aom sibh bhur cluas;
Agus eisdibh an sgeul tha ga leughadh don t-Shluagh;
Gun a cheusadh MAC DHE airson èuceart a Shluaigh,
S thug E sith agus Slainttrid a bhais ud man cuairt.

VIII.
Sud am bàs a bha cràiteach is nàrach gu leòir,
Bha na tairgnean ga Sathadh troimhlamhan le h-òrd;
N t-shleagh ga sàthadh na thaobh as na thaom fuil gu mor:
S ud an fhuil am bheil a bhuaigh, a dh-athnuadhachadh Slòigh

IX.
Chuir iad crùn droighinn teann air a cheannsan a Sàs,
N deigh fholas a bhi braonadh tre chaomh chorp gu lar:—
S dhfhuiling En crann-ceusaidh lan pèinn agus cràidh;
S ged a leag iad E san uaigh, thug E buaidh an treas .

X.
Cha do thruaill E san uaighs thug E buaigh air a bhàs,
S fhuair E Saorsa dashluagh O! bu bhuan doibh a ghràdh;
S thug mar bheò-dhochas gloire gan còmhnadh a ghnà,—
Oighreachd Shiorruith neo-thruaillidh, nach gluaisear gu brath.

XI.
S ged a tha iad gu tàireil san fhàsachs air chuairt,
Chionn gun d-iompaich a ghràs iad gu gràdh thoirt don Uan:
Bheir E fathast iad an àireamh nam bràithrean thug buaigh;
Gu bhi Seinn ann am Pharais le gairdeachas buan.

XII.
Nuair a dhireas tun àirdgheibh thu fàilte od Righ,
Cha bhi bron ann na bàs cha bhi cràdh ann na peinn:
Bidh a ghnùis dhuitnas aille na dealradh na grèinn’ ;—
Agus Siabaidh a lamh uait gu cairdeil gach deur.



[9]

XIII.
Rioghachd cumhachd agus gloir biodh do Mhor Righ nan Sluagh,
A dhumhlaich, dhuin, an t-shaorsa trid Aon-ghin nam buadh;
A ghabh a nàdur daonairchum naomhachd a shluaigh,
S theid na chreideas ann a shaoradh o dhaorsaso thruaigh.

XIV.
Ach a mhuinntir neo-iompaichtnach striochdadh da ghràs,
Nach gabhadh ris an fhìrinn mar Shiol nabreith on- àird,”
Bidh iad uile air an diteadh o rioghachd gu bràth:
“ ’S mar a beirear duine risGheibh e Siorruitheachd a chraidh.

XV.
On a rugadh sinn on fheòil tha sinn neòghlan is truaillt’,
S tha naimhdeas do IEHOBHAH mar phòr annainn buan:
S chan urrainn sinn san dòigh sin gu glòir adhol a suas;
S nach eagalach an ceò sam bheil moran don t-shluagh?

XVI.
Cha dean saothair na inbhe, n-athghineamhainn: ach gras:—
Cha dean foghlum na èolas ach còmhdach mar sgàil;
Tha sud mar Sgathadh gheugan, San fhreumh anns an làr;
Bha Sud aig Nicodemuss be fheum breith on aird’.

XVII.
Tha na creutairean nuadhruith gu buan sa bhlar-réis,
S iad ri Spairn a tha cruaidh chums gum buannaichd iad neimh;
Thaisg iad ionmhas ro luachmhors ann shuas mar an ceudn’;
Rinn Spiorad naomh nam buadh, an athnuadhach gu treun.

XVIII.
Thug E creideamh dhoibh an CRIOSD agus sith mar an ceudn’,
S dhoirt Eghràdh ann nan crìdhleis an iomhaigh thair fèin:
Tha beatha AIGE gan àrach, Sem blàth bhainne Seimh;
“ ’S bidh am fàs ann an gras gus an tàrr iad gu nèamh.”

title2
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page