AN FHIONAIN FHIOR.
I.
Air dhomh bhi ’sealltuin air feadh na fìrinn,
Gu facus sealladh ’bha lan do ìoghnadh;
An Ti as aird ann an coimeas Fìonainn,
Sa shluagh mar gheugan le h-èifeachd ’cìnntin.
II.
’S E’n fhìonain fhior dhuibh an t-Ios’ o Nàs’ret,
Le ’oibir chriochnuicht as leith a chàirdean;
’S tha còir da thrìdsan aig miltean àireamh,
Air saorsa ’shiorruith ’bha dite ’n Adhamh.
III.
Na geugan lìonmhor a chinn o Adhamh,
On sè darìreamh am fior stoc nàduir’;
Bho’n d’fhas na milltean deich milltean àireamh,
Do gheugan crionuich gun bhrìgh no blàth orr’.
IV.
On ’s geugan nàdurr’ iad dh’fhàs cho truailli,
Se cuilbheirt Shàtain a dh’fhàg cho truagh iad,
’S mar dean an t-ARD-RIGH le ghràs a ’nuadhach’,
Bidh iad gu bràth ann an cràdh nach fuaraich.
V.
Tha treamhaich arraidh sa gharradh fhìona,
Thoirt gheugan nadurr’ gu fas san fhìonain;
Tha E ga’n- aonadh le ceangal cinnteach,
A’s a toirt fais dhoibh an gradh na fìrinn.
VI.
On ’s geugan ur iad tha toradh nuadh orr’,
Fuidh mheas a lubadh le curam gluasaid;
’S tha feartan ur-bhreith na’n- uile bhuaghan,
’S tha boltrach cubhraidh on tuis theid suas acc.
VII.
Gach geug fuidh thoradh a th’anns’ an Fhìonain,
Ni E an glanadh gu fàs ni ’s fiorghloin’;
On chaidh an aonadh le gras na Trionaid,
Bidh iad fo bhlàth is gu brath cha chrion iad.
VIII.
Tha ’nuair a teachd anns an d’thèid an tuadh chur:
Ri bun gach croinn bhios gun toradh nuadh orr’;
’S an gearrar ’sìos iad mar chrionuich shuaraich’,
Gu losgadh siorruith fuidh bhinn gun fhuasgladh.
IX.
Gach geug a shuidhich an treamhaich àrd so,
’S an Fhionain fhìor: gheibh iad brigh gu fàs innt’;
’S gach geug a h-ìnnte gun toradh grais orr’,
’Se sud a chrìonach nach d’thèid a thearnadh.
X.
“Se thuirt an Fhìonain so ris na geugan,”
“Ma dh’fhanas m’ fhacals’ annaibh le èifeachd;”
“ ’S ma dh’fhanas sibhse anamsa da rèir sin,”
Bidh aig a chrìch dhuibh an dìleab neamhuidh.
XI.
’S na ’s-ait le’r miannuibh fo’m riaghladh caomhail,
“Gu’n d’thèid bhur ’n-iartuis a riarach daonnan;”
“S ’ur deanamh sgiamhach le gloir mo naomhachd,”
“ ’S bhi’m ghrian sa ’m sgiath dhuibh g’ur toirt ro’n t-shaoghal.”
XII.
“Cha’n fhag mi aonranach sibh air faondtragh,”
“Oir thèid d ’ur ’n ionsuidh mo Spiorad Naomha;”
Thoirt buaigh air Satan ’s gach amhghar shaoghalt,
’S air gath a bhais; ’S bheir gu Pharrais saor sibh.
title | 22 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |