[88]

DAN NA’N DEICH OIGHEAN.

I.

ThaRioghachd neamhs na ranntaibhs’,
Air an samhlach ri deich òighn,
Thug leo an lochrain laiste,
Ann an coineamh an fhirr phosd;
As air deanamh moille dha,
Thuit cadal orras clò,
S bha cuig dhiun gliocas faluin,
S bha cuig aimideach gu leoir.

II.
Sa mheadhon oidhchbha caiseamachd,
Feuch! thàinig am fear-posd’,
Gràd rachaibhmach ga choineachadh,
Mas toil leibh dol na cho-ail;
N sin dhuisg na h-oighean cadalach,
As dheasaich iad air doigh,
S na h-oighean glic bhan ol ac,
Toirt soluis mar bu chòir.

III.
S na h-oighean glic bhan lochrannaibh,
Gu boidheach a toirt soills’,
As ol acca nan cornaibh,
Dhol an comhail fhirr na bainns’;


[89]S ged bha na h-oighean gòrach,
Deanamh seorseigin do bhoillsg’,
Sann falamh bha na cornaibh acc’,
Gun olachomhnadh laimp.

IV.
N Sin thuirt na h-oighean aimideach,
Fo fhaireachdain ro ghèur,
Thoiribh cuid dor n-ola dhuin,”
“ ’S ar solus air dol eug;”
Se thuirteadh riu san fhreagaradh,
Gradcheanachaihh dhuibh fein,”
Oir sinne chabhichorr aguinn,
Na chomhnas sibh nar feum.

V.
Chaidh na h-òighean maiseach mùirneach leis,
A steach don luchairt shuas,
S an dorus chaidh a dhùnadh,
S chluinnte fuaim an ciul le buaigh;
Sam posadh air a chrùnadh dhoibh,
An ceangal dlùth bith-bhuan,
Le sonas nach dthig mùthadh air,
Anns an Ieruslem nuadh.

VI.
N sin bhuail na h-òighean aimideach,
An dorus; ach gun fheum,
On bha iad dheas-bhuidh ola,
Dheanadh solus dhoibh gu neamh;
As thuirt iadfosgail dhuinne,”
Bha sinn cuideachd anns an t-shreud,
S cha do chuir na h-òighean eile,
Bheag do theagamh annain fein.

VII.
Cha dfhosgail doibh an dorus,
Ged bu choltach iad nan gluasd,
Sann thuirt E riu cha baithne dhomh,
Le tlachd sibh mar mo shluagh;


[90] Bu truaghain do luchd meallaidh sibh,
Air thalamh fad bhur cuairt,
San so cha leig bhur n-as-creideamh,
A steach sibh gu bith-bhuan.

VIII.
Bu mhòr an t-aobhar thruais iad,
Air am fuadachadh o làithr,
Gu dorain tha bith-bhuan,
Sa choidchchanfhuaraicher an cràdh;
An coguis gan sior bhualadh,
S fearg an Uain mar chuan na tràigh,
S cuis ghaoir thoirt an cluasan,
Bhi toirt luaidh dhuibh air an càs.

IX.
Ged dhèalaich iad don- aideachadh,
Gun aithreachass gun ghaol,
Bhan ìnntinn is an aigniean,
Coth-cheangailt aig an t-shaoghl;
Bhan-anam gun chruathatharach,
Le feart an Spioraid naomh,
S do chreideamhs dochas falluin,
Bha iad falamh gu ro fhaoin.

X.
Bhan duais acca da reir sin,
Dorus neamh bhi orra duinnt,
Sam fuadach dhionnsuidh lèirsgrios,
Far an reubar iad co-dhiu;
Bidh deatach thruagh am peine,
Siorruithg èirigh dhiu mars muid,
Le h-uamhasan a dhèireas doibh,
O chorruich Dhe nan dùl.

XI.
Gur feumail gliocas ionnsachadh,
On tionsgnadh thann am dhàn,
S mo nadurbhi ath-uraichte,
Am fuighleach so mo lài;


[91] ’S mo choir a bhi le dublachadh,
An cumhnainte nan gràs,
San Spiorad bhigam stiuradh,
S deanamh iul dho don Chanaan.

XII.
As ola bhinam lòchran,
Mar na h-òighean chaidh don rìoghchd,
Maile rim fear posda,
Dhionnsuidh gloir a tha gun chrioch;
Nin- anam ait le solas,
M faicinn òirdhearcas an Righ,
Sa seinn air cliu a Mhòrachd,
Leis an Oran a tha bìnn.

XIII.
Othi a tha gun mhearachd,
Fogair aimideachd om chrìdh’,
As deonuich gliocas falluin,
Beatha mhairrionach is sìth;
Tog uile mhuinghin m-anam’,
Air na thagaradh air Crìosd,
S biodh fhireantachd mar mfhalluing,
S bidh mi canntuin; Amhluidh Bìodh.

title23
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page