AN CEUD ADHAMH.
I
Saobhar smuainte ’s gach àl e,
An sgeul th-aig an dan so mar ghrunnd;—
’S geul air ionracas Adhaimh—
’Nuair a chruthaich an t-Ard-Righ e’n tùs—
’Chridhe dìreach gun fhoill ann—
’S gun lùban a nall ann na ’null;
Bha e lionta le h-aoibhneas,
’S a’n CHRUITH-FHEAR sa chaoimhneas dha dlùth.
II.
Bha e iomlan na naomhachd,
Bha chridhe ’s a ghaol aig an Triath;
Ann am fireantachd fhallain,
Gun ach cèum fo na h-aingeil an sgiamh;
Ann an eolas na beatha,
Agus sòlas ’cuir thairis na chliabh—
’Se gun chunnart gun chùram;
Fhad sa sheasamh e’n cumhnant na’n gniomh.
III.
Bha e fiorghlan na sholus,
Mar an lochran as ’soileire: Ghrian.
’S mar an t-or as ro-ghlaine,
Gun fhòtus, gun choire, gun ghiomh.
’Se mar chrùn anns a chruitheachd;—
A cur mais’ air an uighean le rian,
’Se mar cheannard an teaghluich,
’S ’h-uile nith ann am fonn mar a mhiann.
IV.
Se mar ros anns a Ghàrradh,
A cur mais’ air na blàthaibh mu’n cuairt;
Binn mar theudan na clarsuich,
Togail fonn anns an nadur le buaigh.
Grainnè-mullaich gach poir e,
Bh’anns a chruitheachd ’s bu mhò dhiu an luach,
Oir bha chridhe gun ghò ann,
A chorp is anam gun mhor-chuis gu’n uaill.
V.
Sa nuair a bha e na onrachd,
Fhuair e tìolacadh sonruicht’ on Trìath,
Thug E Eubh dha mar chomhnadh,
’Chum a shonuis, sa ghloir ’chur a miad;
’S cha robh feum acc’ air dochus,
Oir bha seilbh acc’ air co-laidh’chd an Triath,
’S cha robh bron ’s cha robh daors’ orr’,
Air am fagail aig saorse a miann.
VI.
’S cha bu bhaile na rioghachd.
A fhuair e mar dhìleab dha fèin.
Ach an talamh sa lanachd,
Am fad sa fars’neachd, an airde sa leud.
Saor o chraoibh bh’anns a ghàrradh,
A shonruich an t-Ard-Righ dha fein,
’S dh’fheudadh easan gle shabhailt,
Fuireach uaipe gu bràth airson fèum.
VII.
Chaidh a chraobh ud dha ’thoirmeasg,
Cha ro shonus na shoirbheachadh ìnnt’,
As a h-eugmhuis gu buileach,
Bhiodh a shaibhreas gu’n uireasbhui nìth.
Chaidh an cumhnainte ’Shuidheach’,
Na’n itheadh e idir da ’brìgh,
Gu’m biodh bàs agus pianntuibh,
Dha fein is da iarmud gu sìor.
VIII.
Sud an cumhnainte priseil,
Cha-do dh-iarr e ach nìth san robh feum,
’S bha e furasda riarach,
On bha cumachd na miannan da ’rèir;
’S cha do thoirmisg e nith dha,
Bh-ann ’sa chruthachadh iosal gu lèir,
Ach Craobh ud an eolais,
’S b’fhusa ’seachnadh na’m bron bha na dèigh.
IX.
Sa nuair ’Sheas Adhamh sa chumhnant’,
B-ann mar fhreumh na ceann-iul do gach treubh;
’S bhiodh an sonus na’n truaighe,
’Reir ’s mar sheasadh na ghluaiseadh an steigh.
’S na’n gleachdadh e buadhach,
Cha bhiodh feum air ath-nuadhach fo’n ghrein—
Ach uin’ airson d-fheuchain;
’S dol a rithis gun bhas ’s ’ann gu neamh.
X.
’S mathair uisge e sgaoil farsuing,
Bho ’n do bhruchd na sruth-chlaisean bha treun,
Bha e fòs mar chraoibh-thionail’,
O’n do shìolaich gach cinneach is trèubh;
’S ud an Sedar ro-ainmeil,
’S gaoil a gheugan sa mheanglain gach taobh,
’Chomhduich aghaidh na talmhuin,
Agus mòran do’n fhairge maraon.
XI.
Se mar stèigh air dheagh chumadh,
Trèun gu giulan a chudram gu lèir,
’S fhad sa sheasadh a bhunait,
Bhiodh an aitreamh gun chunnart gun bheud.
Ach do aobhar air tuireamh,
Dh’ fhalbh am bonn’ sa chlach-mhullaich le chèil,
Thuit gach clach agus crann deth,
’S ud an leagadh a phrann sinn gu-h- èug.
XII.
Thànaig Satan gu cealgach,
’Se cur tharais le farmad da’n taobh,
Mar thig mearlach san anmoch,
Nuair a bhios e ri sealgaireachd chlaon;
Sle a bhreugan neo-shealbhach,
Thug e ’n soitheach a b-anfhaine thaobh,
’S thuirt e rithe gu dalma,
Gu robh ’meas ud ro tharbhach sa chraobh.
XIII.
’S thug e orra a chreidsinn,
Gu robh ’n-eolas sa ’m fradharc gu’n fheum,
“Ach le itheadh do’n mheas ud,
Gu’n arduicht’ iad rithis mar dhe;
’S gu’m fosgailte ’n suilean.”
’S ro-mhaith thaitin an cunradh ri Eubh,
’S dhith i ’meas thug am bàs orr,
’S thug i rithis e ’dh Adhamh na dèigh.
XIV.
Dh’fhosgail sud na tuil-dhorsun,
’S bhruchd an sruth oirn le dosguith gach taobh,
Tuil do phlaigheanaibh tiomail,
A’s do thruaighe na siorui’chd maraon;
’S guab sud Adhamh a Pharrais.
Bhris en cumhnainte gradhach is caoin,
’S thug sud leagadh a bhàis air,
Thuit an reula bu dealruich’ bha ’s t-shaogh’l.
XV.
’S ud an gaoth-reothadh dosguich,
Shearg na ròsan le mallachd is bàs,
’S trom tha chruitheachd aig osnaich,
Leis an uallach a th-orra do phlaigh;
Anns an fhreumh thanaig grodadh,
’S dhìrich sud anns an stoc, s-anns a bharr,
Corp is anam is buaghan,
Tha iad uil air an truailleadh an Adh’mh.
XVI.
Sa nuair a dh’ fhosgladh an sùilean,
Sa chunnaic iad a bhi ruisgte le chèil,
Ghabh iad nàire da’n giulan,
’S theich am folach air chul-thaobh na’n geug;
(Caite nis m bheil thu Shatain,
’N’ ann mar so a tha t-arduchach brèig,)
Thug thu leagadh a bhàis oirn
’S truagh a chreidear gu brath thu na’r dèigh.
XVII.
’S on chaidh puinsean san fhuaran,
Chaidh na sruthain a thruailleadh gu lèir,
Chaochail n’ fhionain ro uasal,
Gu gèig choimhich gun bhuaigh na gun fheum;
Tha gach meangan sa chraoibh sin,
Mar Ghomora ’s mar Shodom le chèil,
Toilltinn mallachd na Morachd,
Mar an cuibhrion sam porsun gach re.
XVIII.
’S Ceart a thuirteadh le Pol e.
’N t-aon Abstol cho còir sa bhann riamh,
Thainig peacadh le Adhamh,
’S leasan thanaig am bas mar an ciadn’;
Thanaig bàs air gach duine,
Thaobh s gun pheacaich na h-uile bha ann,
’S mar am fagte dhuin iarmad,
Bhiodh an t-iomlan gu siorruith air chall.
XIX.
Ach moladh do’n Ard-Righ,
Nuair a chunnaic, e Adhamh na theinn,
Far na thuit e sa ghàrradh,
Rinn e aithnicht’ dha Slainnte o pheinn;
Gu’n d-thigeadh na’r nadur,
Do ghinneil na mnà chaidh a thaoibh,
Na bhruthadh fuidh Shàiltean,
Ceann na nathrach thug bàs air a chloinn.
XX.
Sa dhuine tha na ’d staid naduir,
Faic an inbhe sa ’n t-arduchadh mòr,
Bho ’n do thuit thu le Adhamh,
Dhionnsuidh duslaich is bais agus bròin;
Grad mhosgail le cùram.
Teich le t-anam ’s na duilt a bhi beo,
San dara Adhamh le umhlachd,
A tairgse beath’ dhuit fuidh chumhnainte ’s mo.
title | 24 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |