AN DIOMHAIREACHD FHOILLSICHTE.
I.
Bha Uil’ Fhiosarachd an Ard-Righ,
’S Uile Leirsenneachd a Naduir;
Faicinn gun tuiteadh Sliochd Adhaimh,
Cian mu’n robh ann Neamh no talamh.
II.
’S mu’n do chruthaicheadh na saoghail,
O’n bha fhios gu’n tuiteadh daoine;
Ghairmeadh comhairle na Naomhachd,
Chum gu saorte iad o pheanas.
III.
Thuirt Trocair an-uchd na Morachd,
’S duilich leam daoin’ dhol gu dorain;
Tha mi toileach dol gun soradh,
Chum an treorachadh gu flaitheas.
IV.
Thuirt Maitheas is Iochd ri Trocair,
’S Gradh-neo-chriochnach theid sinn co-ruit;
A thoirt fuasglaidh do luchd-dobheairt,
Bhios na’n comhnuidh air an talamh.
V.
Labhair Ceartas ann na Mhorachd’,
Mu’n d’theid bhur n-iartaise dheonach;
Feumaidh mise fuil a dhortadh,
’S umhlachd iomlan ghloirmhor fhaighinn.
VI.
Ge’d theich Neamh is Talamh co’ -la,
Seasaidh mis’ aig firinn ordail;
’S bheir mi peanas air luchd-dobheairt,
Mar a gloirichear mo thagradh.
VII.
Dh’ aontaich le Ceartas an Fhirinn,
Neo-chaochlaideach ’s Naomhachd fhiorghlan;
Cha leig sinn Trocair a sios,
Mar faigh sinn bhi diolte air peacadh.
VIII.
Oir Saltraidh iad oirn fo Sailtean,
Mar an Clabar anns na sraidibh;
’S feumaidh sinn an umhlachd slan:
A’s peanas arraidh air a pheacadh.
IX.
Thuìrt Uile Chumhachd, neo-chriochnach,
Theid mi le ceartas gu diogh-ltas;
’S bheir mi na bhagradh gu crich:
Ge’d b-ann an iochdar teinne lasrach.
X.
Thuirt Trocair mar neach do-chiosnaicht’,
’N gleidhear m-iartais; mar am priosan;
Reitichibh dhomh slighe fhial;
An Onair Dhia gu tearnadh pheacach.
XI.
Bha tosd mar gu bann san t-shiorruichd,
’S ceartas a tagradh bhi diollte;
Oir be ’m priomh nith’ bha air iarraidh;
Gloir do Dhia is sith do’n talamh.
XII.
Sge’d dh’ iobairt’ na h-ainglean naomha,
Suas mar eìric airson dhaoine;
Dheanadh peanas peacaidh aon neach,
’N tiomlan diu maraon a chasgairt.
XIII.
Bhris an Gliocas ’mach an t-shamhchair,
A bha ’measg na’m buaghan aghmor;
’S thuirt E gu’m b-aithne dha Rathan:
Bheireadh paigheadh dhoibh na’n tagradh.
XIV.
“Chuireadh suas mi sann o shiorruichd,”
“Mar neach air m-altrom san Diadhachd,”
“Deanamh gairdeachas na fhianuis;”
“ ’S mo mhiann air tearnadh na’m peacach.”
XV.
’S E ’n dara pearsa do’n Trianaid,
Ghabhas air gu leìr na fiachan;
’S bheir E gu h-iomlan dhoibh dioladh,
Ann an liad am fad sa ’m fairs’neachd.
XVI.
Nuair a thuig a Chuirt an riaghailt,
Bha san run aig Gliocas siorruith;
Cha robh Buaidh a bh’anns an Diadhachd;
Nach robh riaruichte da aidmheil.
XVII.
Bhris a chuirt a mach le luath ghair,
’S na cluig-chuil le h-aoibhneas buadhach,
’S Mac-talla na’n Neamh a fuaim;
Ri reull’ cho luachmhor bhi air brath acc’.
XVIII.
Thuirt an t-Athair ri Mhac, Gloirmhor,
Gabhse daonnachd fuil is feoil ort;
’S theid mo Spiorad Naomha co-ruit;
Chum ’s gu’n gloirichear mo Cheartas.
XIX.
’S Thuirt an t-Aona Mhac Graidh Neochriochnach,
Gabhaidh Mis, o’s laimh bh’ur riarach;
’S arduichidh mi lagh na Trianaid,
Ann an smuain an gniomh sa ’m facal.
XX.
Fuilingidh mi masladh ’s ’geurleanmhuin,
’S olaidh mi ’n cupan ge’d ’searbh e;
Saltraidh mi amar na feirge;
Dh’ fhaotain tearmuin do’m luchd-leantuin.
XXI.
’S fosglaidh mi dorus do Throcair,
’S an dean i ceartas a phògadh;
’S am bi iad maraon cho deonach,
Air luchd do-bheirt thoirt o pheanas.
XXII.
Thug an Spiorad Naomh grad aontadh,
’S mi nach Sòr dol leat do’n chaonnaig;
’S ni mi fianuis anns an t-shaoghal;
Air do shaorse ’tha gun mhearachd.
XXIII.
Gloir do’n Trianaid tha na’n Aon-Bhith,
’S na chomhluich Buaghan cho Naomha;
’S iad uile ’n cumhnaint’ na saorse,
’N cairdeas caomh san aonachd fhalluinn.
title | 1 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | 26 |