AN DARA PAIRT.
An Diomhaireachd Fhoillsichte agus Aithnichte.
I.
Ann an iomlaineachd na h-aimsir,
Ghabh Mac Dhe air Fein air ’n-anain’eachd;
Sann an Stàbul measg na’n ainmhean,
Rugadh E mar leanaban aimbeart.
II.
Thug E umhlachd fad a laithean,
Do’n lagh sin a bhris sliochd Adhaimh;
’S o’n a sheas E ann na’n aite,
Thagradh fiachan chaich air fad air.
III.
’Shearmonaich E ’n soisgeul siorruith,
Do ’na braìghdibh ann am priosun;
’S bu lionmhor cumhachd a mhiorbhuilean,
’Toirt fianuis air an talamh.
IV.
Dhuisg na mairbh o’n uaigh air iartas,
Ghlan E na lobhair ’bha iargalt;
’S thug E le cumhachd a Dhiadhachd,
Siubhal iasguidh do na baccaidh.
V.
Thug fradharc do dhoill bha bronach,
Thilg E deamhain ’mach a moran;
’S fhuair na bodhair claisteachd oirdhearc,
Nuair bha ’Chomhnuidh air an talamh,
VI.
Ge ’do ghabh na feartan graidh ud,
Comhnuidh tharais ann air Slanuighfhear:
Ann an irisleachd a Naduir;
Dh’ fhuiling E tarcuis is fanoid.
VII.
Dh’ fhuiling E dhiteadh san eucoir,
Agus sin le fianuis bhreige;
’Sa ’n crun droighinn ge’d bu gheur e,
’S guirsadh deislinneach na bhallaibh.
VIII.
Dh’ fhuiling E, Cruaidh-ghleachd is amhghar,
Nuair a bha E anns a gharradh;
A’s fhallas aig meud a chraidh,
A ruith gu làr mar chlodan fola.
IX.
Dh’ fhuiling E gach uile amhghar,
Dh’ fheudadh mi-ghean ’chur air nàdur;
’S ge’d a bhuaireadh E le Sàtan;
Fhuair E ’n aird’ as eugmhuis peacaidh.
X
Dh’ fhuiling E bàs a a chroinn-cheusaidh,
’S peacaidhean a Shluaigh gu leir Air;
’S ge’d dh’amhlaic, iad E na dheigh sin;
’S treun a dheirich E ’n treas latha.
XI.
Bhris E na cuibhrichean laidir,
’Cheangail peacadh bàs is Sàtan;
’S mar Ghaisgeach air tigh’nn o ’n-araich;
Dhuisg E ’n aird orra le caithream.
XII.
’S gealb na creagan bha gu h-iosal,
Nuair a ghlaoidh E “tha e criochnuicht’ ;”
Chlisg na mairbh o’n uaigh anios,
Sa Ghrian fo mhi-ghean dibreadh ’soluis.
XIII.
Ach nuair dh’eirich E na Mhorachd,
Sheinn reulta na maidne co-la;
’S chuir Mic Dhe gu h-iomlan ordail;
Clarsaichean an ceoil gu caithream.
XIV.
’S mar fhianuis gun d-thug E riarach,
Do gach Buaidh a th’anns an diadhachd;
Fhuair E Righ-dheas-lamh na Trianaid,
Feadh gach ial an cuirt na flaitheas.
XV.
Dh’arduich E gu h-iomlan aluin,
An reachd sin a bhris Sliochd-Adhaimh;
’S cha robh call aige ri aireamh,
’S buannachd slainte aige ri sheachnadh.
XVI.
Tha Ceartas na bhàs air co-lach,
Le pòig reit’ cur failt air Tròcair;
’S thuirt e theid mo lagh ge’d chò-nadh,
Dhuisgadh moran do ’na peacaidh.
XVII.
Dh’ fheuchas doibh gu’m bheil iad cailte,
Aig a’ namhaid ann na’m braighdibh;
’Sa threoricheas gu beinn Shinai iad;
Gus an cluinn iad cainnt am bag’raidh.
XVIII.
’S duisgidh e ’n cogais ga’n diteadh,
Bheir mi-shuaimhneis doibh na ’n-inntinn;
Nochdas leirsgrios aig a chrich dhoibh,
Mar a pill iad aisd le creideamh.
XIX.
’S bidh e feuchain doibh an dorain,
Gus an eigh iad airson trocair;
Mar sin bidh e mar oid-fhoghluim,
Doibh, gu iobairt ghloirmhor fhalluin.
XX.
’S nuair a bhios iad sgith do’n fhasach,
Dris is droigheann ’s uisge màra:
Labhraidh trocair riu gu cairdeil,
Ann an caoimhneis graidh a gheallaidh.
XXI.
’S gu Calbhari bheir gu seimh iad,
Far am faigh iad trocair ’s reite;
’S gras gu comhair ’n-am a feuma,
’S iad air reis gu tir a gheallaidh.
title | 2 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | 26 |