AN TREAS PAIRT.
Cliu na Diomhaireachd.
I.
S’ ann tha ’n eifeachd is na feartan,
Anns an Eiric chaidh thoirt seachad;
’Riaraich Ceartas sa rinn àrdach,
’S fhuair fabhar do na peacaidh.
II.
Ghloraich E Ceartas, is Firinn,
Neo-chaochlaideachd, ’s Naomhachd fhiorghlan;
Gliocas, Cumhachd, ’s Gradh neo-chriochnach;
Leis an Iobairt thug e seachad.
III.
Eadàrmheodhonair neo-chriochnach,
Tha do offigibh a tri aig,
Faidhe Sagairt agus Righ E;
Riarachadh dith a luchd leanntuinn.
IV.
Faidhe iomlan ann an eolas—
Sagairt ionmhuin lan do throcair—
Righ ro chumhachdach an treoir E,
’S bheir E comhnadh ’n-am na h-airce.
V.
A mheud sa rinn E Reith le h-iobairt,
Soillsichidh E iad le fhirinn;
Le cumhachd a ghrais mar Righ,
Gu h-umhal striochdaidh iad da reachdan.
VI.
So an sgeul is motha eifeachd,
Chualas riamh le cluasan reusand;
Tha i nis binne ri eisdeachd,
Na gach inneil-theud air thalamh,
VII.
’S binn’ e na chlarsach ga gleusadh,
’S binn’ e na Smeorach air gheugaibh;
’S binne e na Chumhag sa cheitein;
An Crann-ceusaidh le chuid bheannachd.
VIII.
’S binne e na ceoil a Bhiànna,
’S binn e na Piob agus Tàbor;
’S binn e na saltair is Taileasg,
Soisgeul grasmhor Slainteil falluinn.
IX.
’S luachmhor e na clachaibh riomhach,
’S luachmhor e na òr nan riogh’dan;
’S tha e fos do’n- anam iompaichte;
Ni ’s mils’ na cirrean meala.
X.
’S maisich e na gloir na reultan,
’S na ghealach an aird na speuran;
’S oirdhearc e na ghrian aig eirigh,
’S i cur eislein air gach solus.
XI.
Ghleidheadh an Diomhaireachd àrd so,
Fuidh iobairtean is fuidh sgailean;
Tamul am an tir Channaan,
Gus an d-thanaig siol a ghealladh.
XII.
Nise Dh’eirich Grian nan Gras,
A sgap mar neoil air falbh ’na sgailean;
’Soillsichidh a gathain aigh,
Na h-uile cearn a th-air an talamh.
XIII.
Gu’n d-thigeadh a rioghachd gu buadhach,
’S biodh a naimhdean air am bualadh;
’S iad a geileadh Dha mar Uachdran,
’S gloir an Uain mar dhuan ’s gach talla.
title | 3 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | 26 |