[109]

COMHRADH NAN CNOCHD NO COTH-CHAINNT EADEAR AM FEAR DUCHA, SAN T-OILTHIREACH.

I.

F. D.
N cluinn thu fhir tha dol seachad,
Sa tha siubhal an rathaid cho luath,
Teann a nall is leig t-anail,
Agus suidheamaid tamul air bruaich;
Cuir an ceil dhomh do naigheachd?
Oir is ionmhuin leam t-fhaicinn san nuair,
S an sin cha chuir mi ort bacadh,
S theid thu rithist air asdar do chuairt.

II.
N. T.
Chuir thu furan orms fuireach,
S tha thu coltach ri duine tha còir,
S ni mi tamul leat suidhe,
S ni sinn inndrinn air uirigiol beoil;
Ciod an naigheachd sos miann leat?
On a tha thu cho dian air a toir,
S innsidh misdhuit gu fialuidh,
Mar as aithne dhomhm briathran gun sgleo.


[110]

III.
F, D.
Sgeul air margadh bhig-ardach
Sgeul air isleachadh mail be mo mhiann,
Sgeul air cleachdain sair gnath-chean,
A bhi fuireach mar b-abhaist doibh riamh,
Stoil leam eachdruidh na rioghachd,
Co dhiu tha cogadh na siochaint namiann?
Stoigh leam naigheachdan tiomail,
S cha do ghabh mi bonn sgiosa dhìu riamh.

IV.
N. T.
S ann a shaoil mi a dhuine,
Gu robh tiartais as t-fhuran air choir,
Nuair a chuir thu orm fuireach,
O bhi triall air mo thuras san ròd;
S ann a shaoil mi gum b-aitleat,
Sgeul mun t-shaoghal ri teachd is mun doigh
Sam bheil tearnadh don anam,
Ach sann a rinn thu mo mhealladh gu mòr.

V.
F. D.’
M bheil thu saoilsinn gur mealladh,
Dhomh bhi g-iaraidh ort naigheachd san uair?
Air an t-shaoghal so thagain,
Sgur a caomhail leam caithream a bhuaidh;
Ach mar meall thu mi dhuine,
Tha mi smuainteach gu bheil thu don t-shluagh,
A bhios a glaodhaidh gun sgur ruinn,
Breith a ris agus cruthachadh nuadh.

VI.
N. T.
S mor mo ghaols mo thlachdsa,
Do na daoinethan aithris do sgeil,
Cha be saoghal nan car so,
Bhiodh mar aobhar an aighir gu leir;
Ach se sòlasan anam,
Agus gloir a tha mairions nach treig,
Sin Fhuil a dhoirteadh gu talamh,
Bonn an dochais an aiteas san gleus.


[111]

VII.
F. D.
Ach tha mi faicinn an t-shluaigh sin,
A rinn thu aithris: athnuadhaichte an tràs,
Air an diteadh le suaraichs,
S nam ball amhairc measg sluaigh anns gach ait.
Tha na daoines fearr sealladh,
Mar na h-uachdrain, ’s luchd teagaisg an aits,
G amharc sios orrle fanoid,
Comhar cinnteach air mearachdan chaich.

VIII.
N. T.
Chan eil do bharail sach suarach,
Ann an aghaidh an t-shluaigh ud air chinnt;
Nach luchd teagaisg is uachdrain,
S motha dhits chuir an suarachas Criosd?
Sann thabhinn thug thu mach orr’,
Ann am fabhar luchd aidich gu fior,
Airson buannachd dan-anam,
A bhi cuir suarach gach fanoid is spìd.

IX.
F. D.
Ach chan-ionmhuins cha loineil,
Leam: An doigheans cha toigh leam am beus,
Tha iad neo-nach is draghail,
S ann nan comhradh tad beaduidh gu leir;
Oir sen seolbhi cur coire,
Air gach seorsach na leanas iad fein,
S an nith ni sòlas dream eile,
Se ni bron agus leith-trom dan gne.

X.
N T.
Ach sen dleasnas gun seachnadh,
A bhi dileas do dh’ -anam chloinn daoin’;
S bhi sior innseadh amearachd,
S cunnart siorruith nan seacharain chlaon;
Dhfheuch am pill iad an cabhaig,
Dhionnsiudh Ioson se a mhaitheadh gu saor,
H-uile peacadh a rinn iad,
Ann an gniomh, ann an cainnt, ’S ann an smaoin.


[112]

XI.
F. D.
Achs peacaich uilthanns an t-shaoghal,
S tha e sgriobhtan air n-aodain gu fior;
Ach dhfhuiling Criosd airson dhaoine,
S ni Erithist air saoradh sair dion;
S iad na linneabh a dhfhalbh uainn,
Bu chian iomradh sa b-ainmeal na sinn,
S leanaidh sinn air an lorg iad,
A reir cleachdaichean foirmeil na tir.

XII.
N. T.
Ach tuig a dhuine gun fhaoghlum,
S ann tha Criosd na Fhear Saoraidh is dion,
Do na ghabhas ri shaorsa,
S threigeas cleachdain an t-shaoghalta cli;
Sud na dochasan sgriosach,
A chuir moran gu h-ifrion a sios,
Bhinduil gu saorta o pheanas,
Dream nach aicheadh am peacairson Chriosd.

XIII.
F. D.
S nach eil thu feins do luchd leanntuin,
A cur an ceil duin le barrantais fhior’,
Gun glan Fuil Ioso gach peacadh,
S tha e sgriobhta san fhacal air chinnt,
Ane nach dean i mo ghlanadh?
Ged is duaichniis salach tha mi,
S gedo ghluaisinn am bheatha,
Cheart cho truailli ri peacach san tir.

XIV.
N. T.
Sann a dhearbh mi dhuit cheana,
Gum bheil eifeachd is fheartan amhain,
Air a mheasadh; don aiteam sin,
A ghabhas tre chreideamh ri shlainnt’.
S chuireas cul ris a pheacadh,
S a bheir umhlachd do fhocal a ghrais,
S ud an dream a theid suas leis,
S bidh cach uilair am fuadach bho lathr.


[113]

XV
F. D.
S a n-ann a b-ail leat bhi gamharc?
Air an t-shaoghals air seachran gu leir;
Ach am beagan do pheacaich sin,
Tha aoint ann am beachdan ruit fein;
S truagh a bhreisleach thad chlaigionn,
Bhi ri saothairs ri carraid gun fheum,
Tha sinn uile cho fallan,
S ann an dochas cho daingean ruit fein.

XVI.
N. T.
Na bi cho fiadhaich a chairid,
Glacsa ciall agus faighidinn mhor,
S cuisean siorruichd is t-anam,
Air am fiach dhuit bhi labhairt gu stold’;
Ciod an steighthaig do dhiadhachd?
Tha cho measail am briathraibh do bheoil,
Dhfheuch an seas i le riaghailt,
Ris an dearbhadh len diachar na sloigh.

XVII.
F. D.
Chan- eil mise cho ain-eol’,
Sa bhi cuir dochais nam neo-chionta fein,
On tha na h-uile nam peacaich,
Tha iad airridh air peanas da- ’reir’;
Ach tha mo dhochas gu daingean,
Ann an trocair Emanuel fein,
Gu maith e dhomhsna chaidh seachad,
S ni min còrlemath-leasachadh bheus.

XVIII.
N. T.
Ach tha mim faicinn a chairid,
Gu bheil do steighse mar ghaineamh na traigh,
S gel thum builsgein do pheacaidh,
Cheart cho domhain ri neach do shliochd Adhmh;
Cha do thuig thu mar pheacach,
A bhi dite fuidhn mhallachd martha,
S bidh do ghniomharan salach,
Anns an tiom tha ri teachd dhuit gun stà.


[114]

XIX.
F. D.
Ciod! am feum bhi ri dichiol?
S ciod! am feum bhi ri gniomharaibh nuadh?
Tha thu nise gan diteadh,
S bidh tu rithis ga mineachdon t-shluagh;
Gur a neo-nach air chinnt thu,
S dochthubhacadh na dhiompachadh sluaigh,
So nach dfheud mi bhi sith ruit,
Tha mi tuileadh is sgith dhiot san uair.

XX.
N. T.
S truagh an ceo thair do shealladh,
Nach gabh eolas air rathad na slainnt’?
S mi ga sheoladh gu soileir dhuit,
Bho fhirinn na Sgriobtuiruibh aigh;
Tha mi dearbhadh dhuit fathasd,
Nach bi Criosd na Fhearglanaidh am pairt,
Sem Fear Saoraidh gu hiomlan,
S theid a ghloir gu neo-iomarlach thoirt dha.

XXI.
F. D.
Sa nann a baill leat gun Saltrain,
Mo dheadh ghniomharan maith annsa pholl?
S gun striochdain mar bhaigeir,
Gu h-iosal fuidh Smal le ceann crom;
Na h-uile nith bha dhotaitneach,
Gach toilinntin is aighear is fonn;
A bheireadh aoibhneis dom nadur,
Chur air cul is fas crabhach is trom?

XXII.
N. T.
S ann a baill leam gun creideadh tu,
Fior theisteas na sgriobtuir mud dheigh,
S le drughadh an Spioraid,
E Dheanamh muthadh air t-innigh gu leir.
S air do threorach le fheartan,
Dhionnsuidh Chriosd gu bhi mealltuin a reit,
Sann an sud bhiodh tum buannachd,
Ged a threig thu do ghluasadan fein.


[115]

XXIII.
F. D.
Ach cha treig mi mo chleachdain,
S cha treig mi mo bheachdan mun t-shaoghal,
Tha iad uile dhomh tàitneach,
Mo thoilinntin mo thlachd iads mo ghaol;
S bithidh Criosd agam cuideachd,
Dhaindeoin nith a thuirt thuse da thaobh,
So nach dfhuair mi mar baill leam,
Tha mi sgith dod chuid crabhaich tha faoin.

XXIV.
N. T.
Chum thu fada air mais mi,
N duil gun deanain duìt rath na gne fheum,
Ach tha mim faicin mar thachair,
Tha thun domblas do pheacaidh na dheigh;
Sa nis on tha sinn gu dealach,
Guidheam iompachadh; cas dhuit na dheigh,
Agus athrachadh bheachdan,
Mun criochnaich thu latha do reis.

title1
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent text27
<< please select a word
<< please select a page