Comhradh nan Cnoc air a leantuin. Air neo am Fear ducha San Toilthireach an Dara uair.
I.
F. D.
’S cian Sgur fada bho ’n latha,
Anns na thachair sinn roimhe ri cheil,
Ach ’s fior an sean-fhocal ’thubhairt,
’S mor mo ghradh dhuit an duigh seach an de;
’S tric a smuaintich mi diomhair,
Air do chomhradh do dhilseachd is t-eud,
Ge’d bha mise cho mio-mh’ail,
A cuir an aghaigh na firinn gu leir.
II.
’N. T.
Ann an curse na trocair,
O’n a thachair dhuinn comhlach a ris,
’S mor a thagain ri fhoghlum,
O Fhad-fhulangas mòr tha gun chrioch;
III.
F. D.
Tha nitheanaibh sonruicht’,
Agus nitheanaihh mora: codhiu,
Ach ann an innse mo sgeoil duit,
Tha mi ’g-aideach mo ghoraich an tus;
Agus m-aineolais co-la,
Sa neo-thaingealachd mhor a bha’m run,
A cur an aghaidh do chomhraidh ’s,
O’n ’bha mise cho feolmhor am chuis.
IV.
’N. T.
An e gun thuig is gun d-fhairich,
Thu bhi feolmhor is peacach is truagh?
Air do dhiteadh le ceartas,
Dh’easbhuidh fireantachd maitheas na stuaim;
Gu’n Dia is gun dochas,
Aig Satan ge’d threorach gach uair,
Ann a’d oighre air dorain,
’S aobhar eagail is broin e ri luaidh.
V.
F. D.
An e! gun thoisich thu rithis,
Le’d chuid firinnean biorach is geur?
A sior tholladh mo chridhe,
Dh’ fheuch an cuireadh tu mise troi-cheil;
’S olc an teanga gu cainneadh,
A tha ’n taice ri caireain do dheud;
’S duine ceangailte’ ’a ’nadur,
Aig nach cuireadh tu failinn na cheill.
VI.
’N. T.
Fire! faire! A chairid,
Am bheil an seann duine fathasd ’ad fheoil,
A Sior thogail a chlaidheamh,
A’s a sgaoileadh a bhrataich cho mor?
Sann a Shaòil mi ’n-am tachairt,
Gu robh iompachan agum bha coir,
Ach tha mi faicinn an fhad so,
Gu’m bheil thus air do bhrath ann ad sheol.
VII.
F. D.
Ciod a’nith tha thu ’m barail?
Anns an deachaidh mo bhrath leat san uair?
Mar h-e gun labhair mi aighearra,
’Thaobh na thuirt thu ’bhi ’m bheachdse le gruaim;
Ach mas ann dileas gun mhagadh,
A bha thu stri rium gu maith dhomh ’s gu buan,
Tha mi ’g ’aideach mo mhearachd,
Is tha mi ’guidhe gu maith thu gu luath.
VIII.
’N. T.
Sann da ’rireadh gu maith dhuit,
A chuir mi ’n fhirinn cho falluin an ceil,
Ach ’s olc an cruth ann’s ’na ghabh thu,
Bhi cho dileas do ’t-anam le speis;
Ach o’n ’dh’aidich thu cheana,
Bhi cho fada sa mhearachd thu fein,
Tha mo chuidse dheth maithte,
’S bidh mi ’guidhe dhuit maitheanas De.
IX.
F. D.
Tha thu nis rium aig cordadh,
On se reite ro mhor a tha ’d mhiann;
Tha do dhilseachd gam threorach,
Gu bhi ’g ’innseadh gun sgleo dhuit mu’m chial;
Tha mi ’g aideach gu sonruicht’,
Geil mo pheacadh cuir bron orm is fiamh,
Oir tha mi ’m chiontach gun dochas,
An adhaigh ceartais is trocairean fial.
X.
’N. T.
Ach chunnaic mise an latha,
Bha do dhochas gu gramail ’s gu cruaidh,
Ann ad fhireantachd shalaich,
Sann ad ghniomharan maith thu ri uail;
XI.
F. D.
Och gur dubhach a ta mi,
Tha mo chridhe gu sgainneadh am chom,
Tha bhi gun dochas ro-chraiteach,
’S dochas mearachd cha b’ fhearra dhomh bonn.
Oir tha bag ’raidhean laidir,
Tigh’nn ’o mhullach Shinai cho teann,
Sgu bheil corruich an Ard Righ,
Mar na beantuidhean Ard as mo chionn.
XII.
’N. T.
Be Sin do chorse gu cinnteach,
Ge’d nach creideadh tu ’n fhirinn an tus,
Be bhi leirsinn do dhitidh,
A thug dhomhs ’bhi strith ruit cho dluth;
Dh’ fheuch an treoraichain t-inntinn,
’Ghabhail eolais da-rireadh mu’n chuis,
Oir is cunnart tha siorruith,
Sa ’m bheil t-anam mar iompaichear thu.
XIII.
F. D.
Cha ’n-ann gu lughdach mo ghalair,
A rinn thu inndrinn air labhairt an drast,
Sann gu’m dhiteadh a neartach,
Tha thu rireamh ga’m theannadh a’n sas;
Am feudar idirr mo shaoradh?
Tha mi ’n truaighe san daorse mar tha,
’S ma theid crioch air mo shaoghal,
Bidh mo thruaighe ’s mo dhaorse a fas.
XIV.
’N. T.
’S ’O ’n tha t-aidmheil aig innseadh,
Gun deach’ do rusgadh da-rireamh dhit fein,
’S nach eil t-earbs’ ann ad ghniomhan,
No na ’d fhireantachd mhi-chiatach bhreun;
XV.
F. D.
Ge’d se sith tha mi ’g iarraidh,
Agus reite ri Dia thar gach nith,
’S mor ’m-eagal is m-fhiamhse,
Nach gabhar gu siorruith rium fhin;
Oir bha mise ’thaobh naduir,
A’m cheannfeadhna thar chaidh anns gach gniomh,
Ann an dilseachd do Shatan,
A cur an aghaigh an Ard Righ air chinnt.
XVI.
’N. T.
“Ged bhiodh do pheacaidh mar Sgarlaid,”
“Ghlanadh eifeachd fuil Slanuighear iad uait,”
’S Easan sheasamh na ’d aite,
’Sle umhlachd gu’n dh’arduich E Suas;
H-uile briseadh mar namhuid,
Rinn thu riamh air na h-aith’ntaibh le fuath,
Gabh le creideamh sle gradh ris,
’S leat Sith agus fabhar bith-bhuan.
XVII.
F. D.
Le bhi creidsinn na ’throcair,
Tha mi ’m faotain beo-dhochais an tras,
Tha mi linnte le solas,
’S tha mo ghairdeachas mor air a sgath;
Oir tha mi faicinn ’m Fhearsaoraidh,
’Seasamh eadar mi ’s aobhar gach craidh,
Choilion Easan mo shaorsa,
’S fhuair E maitheanas saor dhomh le ’bhas.
XVIII.
N. T.
Ma ’se ’s gun chreid thu an Criosda?
Gheibh thu tearmunn is didean fuidh sgè,
Ni E neart agus dion duit,
(On a naimhdean tha lionmhor ad dheidh;
XIX.
F. D.
Dhomhse b-aoibhneach do chommun,
O’n la tharladh air coinneamh san rod,
Fhuair mi eolas ro shoilleir,
Air mo dhorain mo chunnart ’s mo bhron;
’S Fhuair mi eolas na dheigh sin,
Sann air Slanui’ghfhear Ceusd anns an fheoil,
’S Easan Iobairt mo reite,
Fhuair mi comhair ’reir m’ fheum anns is corr’.
XX.
’N. T.
’S on a chreid thu san t-Shlan-fhear,
Buinidh onair don ghras thug ort buaigh,
Na cuir campar gu brath air,
’S bi ga altrom le gradh a bhios buan;
Lean ri Ughdar do shlainte,
Oir ’s ceann feadhna thar chaich E san t-shluagh,
Tha mi nis dol ge’d fhagail,
’S leat mo bheannachd le braithreachas nuadh.
title | 2 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | 27 |