FUIL AN UAIN.
Air Fonn.
Ge’d strom mi thogain luathghair’,
Air eifeachd fuil an Uain sin;
A ghlanas daoine o’n truailleachd,
’S bheir buaidh air na ceannaircich.
I.
Tha feartan ann na ’buaghan,
A ghlanas o gach truailleachd;
Sa ni gu h-iomlan nuadh.
Creutair truagh a bha fuidh ’n mhallachadh.
Ge’d strom mi, &c.
II.
Ge’d bhiodh do pheacadh graineil,
’S iad dearg air dhath na sgarlaid;
Ni eifeachd fuil an t-Shlan ’fhir,
Mar olain bhain an gealachadh.
Ge’d strom mi, &c.
III.
Tha feartan innt a charaicheas,
An cridhe lubach cealgach;
San inntinn fhoilleil angabhuith,
Gu cruth sgu dealbh Emanuel.
Ge’d strom mi, &c.
IV.
Tha beath o ghath a bhais innt,
Is feartan maith gu arach;
Ni daoine luthar laidir,
’S air reir an la bidh neart acca.
Ge’d strom mi, &c.
V.
Do’n dall gun d’thoir i leirsinn,
’S don bhodhar cluas na h-eisdeachd;
’S na baccaidh theid gu leimrich,
Nuair ni a h-eifeachd beantuinn doibh.
Ge’d strom mi, &c.
VI.
Tha feartan innt’ a striochdas,
Na peacaidh tha neo-iompaicht’;
Sa bheir gu h-umhlachd Chriosd iad,
Nuair bheir an fhirinn dachaidh i.
Ge’d strom mi, &c.
VII.
Tha feartan innt an comhnuidh,
Bheir buaidh air Spioraid neo-ghlan;
’S na lobhair Shalach fheolmhor,
O ’neoghloine gun glan i iad.
Ge’d strom mi, &c.
VIII.
Tha sgeul agam ri innseadh,
Gur th-ann le creideamh fiorghlan;
A’s urrain peacaidh dhite,
Bhi’n sith fuidh dhion na fala sin.
Ge’d strom mi, &c.
title | 29 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |