[125]

AN DARA ADHAMH, &c.

I.

Ge’d a thug an ceud Adhamh, oirn bas agus diteadh,
S iomadh truaighe do-aireamh, a cosnadh amhgharan siorruith;
Thanaig sgeula na slaintoirn, mun dara Adhamh se Iosa,
Gun do rugadh san stapul, E o Mhari mar chiochran.


[126]

II.
S gun do ghabh E air nadur, feoil cnamhan is anam,
S gun do sheas En ar n-aitethoirt dhuinn slainte or galar;
S fior dhuine shliochd Adhmh E; ’s Dia nan gras ona flaitheas,
Ann an aonachd da naduir, a gabhail tamh san aon phearsa.

III.
So an diomhaireachd mhor sin a tha gloirmhor thar smuainte,
S Dia air fhoillseach san fheoil E thabhairt trocair do thruaghain;
So leanamh an Aigh uda rinn am Faidhe dhuine luaidh air,
A bhiodh an uachranachd aluin gu brath air a ghuailean.

IV.
Anns a chumhnainte nuadh E bunait uasal tha s fhàr, -mhaith,
Chaidh a dearbhadh le fuathas do bhuairidhean laidir
S leis a chorruich thar smuainte, thainignuas orron- airde,
S cha do gheil s cha do ghluais i oir cha dfhuaras inntfailinn.

V.
So am failein san Fhionain tha neo-chriochnach lan beatha,
A dh-arach mheanganan Israel, gus an cinn iad gu flaitheas;
S gheibh na cinnich fuidh dhiteadh, sa tha tinn leis a pheacadh,
S-ar fhasgadh fuidhdidean, agus iochd-shlaintdan- anam.

VI.
Bha E naomh ann na inntinn, ann na chridhs na ghluasad,
Bha neo-thuiteamachd fhior leiss buaidh dhileass gach buaireadh;
S tha E sonruichtmeasg mhilteanS E neo-chriochnach ro luachmhor,
SE mar ros ann an Saron, s mar lili aluinmeasg chluaran.

VII.
Phaigh En-umhlachd do cheartas a bha e tagradh mar fhiachan,
Ann an aite nam peacach a bha air seacharan cianail;
Dhoirt E fhuil chum an glanaidh, sa dhfhaotain maitheanas fial doibh,
S ard E nis anns na flaitheas mar Fheartagraidh da iarmad.

VIII.
Soan Spiorad bheir beatha ged thug adhamh am bas oirn,
A cheud fhear dhiu on talamhs an dara fear so on- airde;
Sann mar sud a than gineil eadar dhealuichtnanadur,
Co acca tha iad on talamh na don- athbhreith on airde.


[127]

IX
Than dara Adhamh so seasmhach oir cha tuit E gu siorruith,
Cha dthig failinn na easbhuidh cha dthig laigsair na liathadh;
Sona tha E gun choimeas guel a thomhas neo-chriochnach,
Is chan urrainn sinn aithris a dhoimhneachd fhad is a liad dhuibh.

X.
So an Tobar tigh Dhaibhi a ghlanas graineilachd cheudan,
Soan sliochd ud o Abram sam bheil fabhar aig treubhan;
S E is gloir do na cinnich a rinn E fhiosrach le ghrasan,
A dhullaich cuirm air an t-shliabh dhoibhs E ro fhialuidh gapairteach’.

title1
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent text30
<< please select a word
<< please select a page