NIGHEAN SHIOIN.
I.
’Sa Nighean Shioin gur bronach mise,
Mu ’d leon mu ’d thiom’ agus sileadh do dheur,
’S tu saothair mhinic an saoghal chinneach;
’S gur h-annaibh a chithear do ghinneil fuidh ’n ghrein,
’S do dheoir a sruthadh mar cheo an iuchair,
A bruchdadh thugainn bho lughadh na’n neul,
’S tu ’m pian gu ’d t-aiseid fuidh iargain fhada,
A’s t-iartais farsuing ’s gun agad da reir.
II.
’S tu saothair phailte ri h-urnaigh ’s trasgadh,
Le durachd anam a tagradh gu treun,
A sgaoileadh an fhacail sga roinn le ceartas,
Gu cloinn ’thoirt dachaidh da’n Athair th’air Neamh;
Mar mhnaoi air a gluinean fo eagal ’s fo churam,
Toirt dhachaidh a h-urghinn le durachd sle peinn,
Se aobhar do thrioblaid ’s an t-shaothair chridhe ’s,
Gu’r ’gaoth ’s nach ginneil a chithear na ’d ’dheigh.
III.
Se saothair gun toradh a leon sa lot i,
’S chuir bron is osnaich cho goirt ann na cliabh,
Ri daoine gu’n othail tha baoth gu’n toinnisg,
Fuidh cheo ’an lochdan gun mhothachadh giar;
Mar dhaoin’ ann an gabhadh an cunnart bhi baithte,
A’s neach dol le bhata bha sabhaladh dian,
Nach gabhadh ra fhuran ach diultadh buileach,
Mar sud tha na huiread ri ’a cuiridhean fial.
IV.
Ach chunnaic mi tarruing mu’n cuairt i sa chathair,
Ann a ’measg an luchd faire ’Si gearan gu cruaidh,
A gradh is a cairid an deigh dol o’n bhaile,
’Si faighneachd am facas le neach dhiu a luaidh;
Si ’g-innseadh a choslais ni ’s deirge na corcur,
’S ni ’s gile na’n ’s neachda air chreachann na’m beann,
Tha E sonruicht ’measg mhìltean ’s E ghaol a dh’fhag tinn mi,
Sgapaibh ubhlan an fhion lios ga’m dhion o ’bhi fann.
V.
Ach cha d’ fhuair i a cairid a ’measg an luchdfaire,
Sann rinn iad orr’ fanoid le magadh neo-shuairc;
’S ge’d bhuail iad le mas’l ’i sa rusgadh d’a falluing:
Cha d ’chum sud air ’h-ais i o leanntuin a luaidh?
Bha cridh’ air a sgaradh mar fhiagh ri am tarta,
Ruith! chum na sruth-chlaisean le sgairteachd ro chruaidh,
Ach dh’ eirich gu maith dhi cha deachaidh i fada,
Nuair fhuair i na glaccaibh am fear a bha bh’ uaip’.
VI.
Nuair fhuair i thoirt dhachaidh do’ sheomar a cadail,
Bha Solas na h-anam ’cuir thairis san uair,
’S i glaodhaich ri cach: “Feuch nach duisg sibh mo gradhsa,”
Air eagal gu’m fag E mi anraideach truagh;
Rinn i greim air gu daingean ’s cha leigeadh i as E,
Feadh liosan a’s ghleannan, ga leantuinn gu luath;
Bha ’neul air a pailinn ’s beag ioghnaidh mar bha i,
B’e Ughtar a slainnt a’s a gradh E do’n t shluagh.
VII.
Ach chunnaic mi ’n-oigh ud air amannaibh sonruicht’,
A tiormach na’n deoir dhi ’s bu bhoidheach a ’fiamh,
’S i seinn gu subhach le aoibhneas uile:
Sann dh’ fhaighneachd cuid an do dh’ fhuirich a cial;
Mar mhnaoi air a saoradh, mu’n gann bha i ’n saoithir;
Sa caraidean naomh aic’ air fhaotain gun phian,
’Sa com fuidh iomairt le fonn na cridhe,
Bhi faicinn a ginneil a sireadh gu Dia.
VIII.
Nuair fhuair i na ’glacaibh iad ’suas gan altrum,
Le stuaim le faicil ’s coth-fhaireachdain shuairc;
Le h-ur-bhaine ’n fhacail cuir suigh na ’n-anam,
A’s luis na’m ballaibh: bha ’h-aighear do-luaidh,
Gu suaimhneach ait: “mar luchd buain ’on fhaiche’ ,”
“Sam foghar lan abuich air a thasgaidh a suas,”
“Sa ginneil aig ol s’ann a ciochaibh a solais,”
“Sa ’m paiteas a gloire ’s gu’m b’oirdhearc a snuagh.”
IX.
Ach chunnaic mi fàr-leus dhi nios tigh’nn on fhasach,
An taic ’ ri’ fear gradhach ’s gu’m b’ aluin a snuagh,
Mar stuaghaibh do dheataich bhiodh ’suas dol o’n talamh,
’S mar shluagh bhiodh fuidh bhrataich gradh laiste an Uain;
A siubhal gu h-ordail an umhlachd da mhorachd,
’S roi-shealladh do ghloir e an comhlan sam buaigh,
Tre ghras a tha ’n gaisgeadh fuidh riaghladh a’n Captain,
’S cha bhi h-aon air an talamh nach aidich an t-Uan.
title | 31 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |