AN GEARAN.
I.
Och mar tha mi san uair,
Ann a ’Mesach air chuairt,
Buthaibh choigreach gun truas gun charthannachd;
Tha mo naimhdean ro threuin,
’Siad mar Leomhain toirt beuc’,
Se mo reubadh gu leir tha ’s t-shealladh acc’
II.
Gu ’el an Saoghal san fheoil,
’Siad ro threun air mo thoir,
Agus Satan mar Leomhan deanachdach;
Ach tha mo naimhdean is mo—
’G itheadh arain mu’m bhord,
Siad ga ’m falach fuidh ’m chleochd sgur carach iad.
III.
Seachran aigni ga’m chlaoidh,
’Se ga’m tharuing a thaoibh,
’S tric a dh’ fhag e gun sgoinn is falamh mi;
Tric ga’m tharuing a sios,
Fad o liosaibh an Righ,
Ghabhail tlachd ann an iomh ’ain faileusach.
IV.
Nuair bhios m-aoibhneas ro mhor,
Sa bhios mise gun gho,
’S tric a spuinnear le ’sheoltachd charach mi;
Bheir e leis mi air chuairt,
Se cho ealamh ri Smuainn,
Gus am fag e ’mi ’m thruaghan seachranach.
V.
’S buige ’chainnt dhomh na’n t-im,
Ge’d tha naimhdeas na chridh’,
Gus am fàigh e air criochan fhearain mi;
’S nuair a gheibh bidh mì ’m fang,
’S thig a chairdean le ’laimh,
Anamiannaibh’ is sannt’ a’s Aineolas.
VI.
’G iarraidh failteum le foill,
Sann air m’ fhaotain fuidh bhoinn,
Chum mo ghleidheadh a’m braighd’neas mairionach;
Thig an Saoghal le ’ghloir,
Cliu is saibhreas ro mhor,
Gealtuin cuibhrionn a’s porsan mairionn domh.
VII.
’S ’ciaraidh feasgar mo speur,
’S mise ’fada fuidh ’n ghreinn,
’S cha leir dhomh an ceum a ’ghabhas mi;
’S thig eu-dochas ’s an-earbs’,
Le’n cuid bhachailean doirbh,
’S mì-chreideamh ’s gan leanmhuinn Lag chuise.
VIII.
’S nuair a dh’ fheuchas mi falbh,
Agus cul chuir ri ’n tairgs’,
Bheir iad ionnsuidh gu garbh ri’m bheath thoirt diom’;
Thig gach aon diu le feirg,
’S iad mar ghaisgich fuidh ’n airm,
Chum mo ghleideadh san t-sheirbheis acca san.
IX.
“Thig an t-aineolas dlu,
“ ’S their e “dallaibh a shuil,
“Chum nach leir dha an t-iùil a ghabhas e;
“ ’S cumaibh fuidhibh a bhiasd,
“Chum ’s nach faic e a Ghrian,
“Chuir e aiceaid na’m chliabhsa roimhe so.”
X.
“ ’S their Eu-dochas mar bhruid,
“Cha’n fhag mis annad lus,
“Seana-chuimhneachain dluth na ’m-aire dhuit.”
Cur ri builean bhios doirbh,
Their e ’m briathraibh ro bhorb,
’S diomhain t-oidhearp gu falbh- ’snach gabhar riut.
XI.
’S bheir an Lagh ’mach mo bhinn,
’S their a Chogais Amen,
Sud an ciontach thug Speis do dh’ aimideachd:
Threig e ’n communn bha blath,
Airson buannachd gun stadh,
Their a chogais si ’sathadh gath ’annam.
XII.
’S bheir iad builean a bhais,
’Ni mo bhruthadh fuidh ’n sail,
Saolaidh cuid diu nach d’ fhag iad beath annam;
’S dh’ fhalbh mo chlogad ’s mo lann,
’S cha d’ fhan lus ann am laimh,
’S bha mi n’ sin ann na’m bhraigh’d aig Lag chuise.
XIII.
Cha bhiodh agam san am,
Ach bhi gearan mo chall,
’N duil gu bithinn air ball sna lasraichean:
’S ged a thogain mo shuil,
Chum na’m beann o’n d’thig lus,
Gu bhi tagradh le durachd anama?
XIV.
Bhiodh An-earbse cho trom,
A pilleadh m-iartais a ’m chom,
A’s ga’m fhagail cho fann s’ nach caraichinn:
’Spuinte reubta is leoint,
’S mi air m’fhagail gu’n treoir,
Cha bhi iochd aig an Leomhain charaich dhomh.
XV.
Ge’d tha ifrinn a beuc,
A chum mò shlugadh fuidh ’deud,
Se sud aoibhneas luchd reubain m-anama:
’S mise a dh’ fheudadh a radh,
“ ’S duine truagh mi” an sas,
’S corp a pheacaidh sa bhais a gleachdadh riùm.
XVI.
Nuair a bhios mi ri lar,
Their mo naimhdean a! ha,
’S bidh mo chairdean toirt tair do ’m-aimideachd:
’S ciod a dheanain san uair?
Ann an d’ fheuchainn cho cruaidh,
Gun theich fein agus uail mar ghealtairean.
XVII.
Ach Se ’n gaol tha gun traigh,
Siorruith ’n-aird a mhuir-lain,
’Sheas mo chuis is thug gras a ’m airce dhomh;
Sud an t-Shuil a ghabh truas,
Dhiom iomadach uair,
Sheall san am so a nuas le chathrannachd.
XVIII.
’S gap E neoil far mo Ghreinn,
’S dh’ fheuch E rithis dhomh’ speis,
’S chuir E neart ann an ceud-faidh’ m-anama;
’S chuir E ’n sin thugam plasd,
A chaidh ullach’ le ’bhàs,
’S cho-chuir E le ’gras ri m anam e.
XIX.
Fhuair mi neart, agus slàinnt’,
Agus misneach gun sgàdh,
’S b’ fhearr’ gu fanadh a chàil so fad agam:
Chriosluich umam na h-airm,
’S rinn mi slachdaraich gharbh,
’S theich mo naimhdean air falbh mar ghealtairean.
XX.
’S co! a thagum air Neamh?
Ann an coimeas riut Fein;
Ge’d is iomadh fear-speis a th’ agum ann:
’S air an talamh gu’n aon,
An n-am na h-airc a bheir Saors’,
Mar a bheir thu le ’d ghaol ’s le ’d bheannachdan.
XXI.
Chuir thu clogad mu’m cheann,
Agus claidheamh na’m laimh;
’S giath a dhionas o’ Shaighdean neimheal mi:
Agus uchd-eideadh fior,
’Spiorad urnaigh gu strìth,
Agus brogan na sith mu’m chasan sa.
XXII.
Nuair bhiodh Tu air mo chrann,
Bhiodh an latha dol leam;
’S bheirinn dulainn don champ aig Apolon.
’Sin nuair thuig mi air choir;
An nìth ud thuirt Pol;
Cha ’ne ’mhàin fuil as feoil tha gleachdadh rium?
XXIII.
Ach Uachdarain dhoirbh,
Agus Riaghlairibh dorch;
Agus Cumhachdaich choirbte dhroch-mheinneach:
Nach gabh eagal roimh nith’,
Ach roimh’ chumhachdan Chriosd:
Dh’ easbhuidh sud gur a diomhainn tachairt orr’.
XXIV.
’S o na thuig mi co iad,
’Struagh nach gleachdain gu dian!
’S bochd gu’n d’ thugain dhoibh riar le caidireamh;
’S ach ma gheibh iad mi ’rìs?
’S iad a dhiolas da fhillt;
Na fhuair iad do spid sa bhatal so.
XXV.
Och! mo chaoile an sam,
’S iomadh claonadh tha ’m chom;
Toirt a chothrom do naimhdean m-anama:
’S iomadh cùram gun fheum,
Th-ann an dùchas domh fèin;
Chum mo thabhairt ’o neamh, do’n talamh so.
XXVI.
Ach mar teich iad gun dàil,
’S mar a sguir iad ga’m chràdh;
Bheir mi leadairt a bhàis dhoibh lath’eiginn:
Oir tha mo dhochas tre ghras;
Anns na geallaichean graidh,
Gu’m bruth E fuidh ’m shàil an aithghearr’ iad.
XXVII.
Cha lean naimhdean ri ’m Shail,
Thall thar Iordan a bhais?
Oir tha fois sa Chanaan mhairionach:
So mo dhochas san am,
Ged as tric leis bhi fann;
’S gann a thogas e a cheann air amannaibh.
XXVIII.
O! Thi tha gu h-Ard,
Cum mi faireal gu’m bhas;
Ris an aingeachd ro-ard tha gleachdadh rium:
’S on tha iad cho ro chruaidh,
Air mo shonsa gach uair;
Thoirse tuilleadh a’s buaidh gach latha dhomh.
XXIX.
’S cuir led Spiorad gach nith,
’N taobh a stigh dhiom fuidh chis,
Gus a ruig mi gu tirr, Emanuel:
’S fad na siorruitheachd mhor,
Bheir mi ’n sin duit a ghloir,
Chionn mo thabhairt fa-gheoigh do’n chathir sin.
title | 32 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |