ORAN DO’N FHEIN.
Air Fonn.
DEAN Faire! gu mòr, gu beo, gu duineil, ’s gu treun,
Gu h-ioriseal stolda comhnard faicealach seimh;
Dean Faire! ’s ri ’d bheo, do bhròd na tabhair do speis’
Tha’n sionnach san Leomhann ’n toir do shlugadh le cheil’.
I.
Tha Satan mar Leomhan mòr tha fuileachdach treun,
’Se gionach an toir na sloigh a shlugadh na chre;
Tha ceannardan seolta ’n ordugh aige fo’n gleus,
’S mar Shionnach gu’n trocair còr gu mealladh tha’n Fhein.
Dean faire, &c.
II.
Tha ’n duine mi fein gu treun sa bhaile so ’n tra ’s,
’S mar shionnach san treud e reubadh fhear agus mhnai’;
’Se mealladh na ’n ceud le seudaibh falamh gun stà:
’S gidheagh e cho seimh ’s cho geur ’s gun lean e ri ’n sail.
Dean faire, &c.
III.
’Se togail na cìs ’s gach ni ri ’n cuir iad an lamh,
Air muir agus tir air chinnt bidh cuid aig’ an sàs;
Tha’m baig’ear san righ a striochdadh umhailte dha:
’Se mealladh an t-shreud gu leir o ’thuiteamas Adh’mh.
Dean faire, &c.
IV.
’S e cumhachdach seolt gu sloigh a tharruing na dheigh,
Ga’n lionadh le prois le mor-chuis agus droch eud;
Tha sean agus og toirt gloir dha onair is speis:
Se ’chathaich, sa chomhraig moran cheatharnach treun.
Dean faire, &c.
V.
Bha Nebuchadneser treun na latha ’s na linn,
Bha Pharroh is Herod, ’s Ceasar fearail neo-thiom;
Ge’d bha iad cho treun gun gheill iad ealamh dha ’sios,
Air chosg a mi-cheill bu gheur a thog e dhiu cìs.
Dean faire, &c.
VI.
’S co ionnan leis naoimh ri daoi ma bheir iad dha cainn,
Se daonnan na ’n luib ga’n claoidh sa togail diu mail;
’S ged gheall iad da ’n righ bhi dileas tairris gu bas,
’S tric chuir iad an Fhein le speis sa chathair a’s aird’.
Dean faire, &c.
VII.
’S tric thug e le fhoill a thaoibh do ’n chuideachd bha coir,
Bha cuid do na h-ainglean ’mheall sa thug e’ E’ o’n gloir;
’S cuid eile fhuair gras gu ’sbairn a dheanamh san rod,
Bho shubhachas ard gu cradh is cumha fuidh leon.
Dean faire, &c.
VIII.
Chaidh Samson a chlaoidh le fhoill ’s le gheallaidhean breig,
Gu’n d-fhag e gun ’sgoinn a caoi an ceatharnach treun;
’S Daibhi an righ thug cis da: agus be ’m beud,
Gu masladh a’s nair ’da chairdean uile na dheigh.
Dean faire, &c.
IX.
Chuir sud e fuidh leon gu bron ’s gu cumha le maoim,
’S gu aideach a ghoraich: ’s mor chaidh anam a chlaoidh;
Gun fhurtachd gun solas coir a latha na dh’oich’:
Se g-eigheach! “Dean trocair—trocair” agus e caoidh.
Dean faire, &c.
X.
Ge’d’ subhach a b-abhuist da bhi caithream an fhuinn,
Bu ghrad a chaidh ’smal a’s framh air innealan ciuil;
’S ge’d fhuair e ath-ghras thug slaint’ da ghalar bha bruit,
Cha ’mhisneach do chach gu bràth a leanntuinn sa chuis.
Dean faire, &c.
XI.
Na h-Abstoil ’s na faidhean ’s fearr a ruith sa bhlar-reis,
Bu teann air an sail gach la bha ’n sionnach so fein;
Chaidh Ionah a chradh ’s cha d-fhag e Peadair gun bheud,
’S ann aige ’bha ghnuis! tigh’nn dlu ’do mhaithean an t-shreud,
Dean faire, &c.
XII.
Chreach e’n luchd urnuigh ’n Cuil sam follais le cheil’,
’S tric dh’ fhag e gun sugh an durachd togarach treun;
’S ged theirinn luchd searmoin ’s ainmeal theid ann na’n gleus,
Se ’n stroilich do dh’ ainm gun tairbh ’s gun bheatha do’n t-shreud.
Dean faire, &c.
XIII.
’N am meòrachadh shearman ’s dearbht’ e gu an cur cli,
“ ’G radh” ’s maith chaidh a dhealbh sgur th-ainmeal bhios e san tir,
“Nam eirigh a suas ’measg sluaigh ga liobhairt a sios
“Se thaitneas ri’n cluais bidh ’n sluagh ga mholadh na’n sgriob.”
Dean faire, &c.
XIV.
’S ga’n seideadh a suas: ma bhuadhaich firinn na slainnt?
’S gu’n atadh le h-uaill “sgur dual doibh urram thar chach”;
Sa n-aite bhi simplidh minn na’n eiseimpleir sreud?
Na’n tighearnan mor toirt gloir is onair do’n Fhein.
Dean faire, &c.
XV
Le aidmheil ’s le ainm gur dearbt’ gu mealladh an Fhein,
Le oibiribh marbh le pharasachd deachamh a’s deirc’;
Le dichiolan mor le deoir ’s le faireachdain gheur,
Gu’n d-rinn e fuidh ’n chleoc ud moran thabhairt fo gheill.
Dean faire, &c.
XVI.
Cha’n- ioghnadh ged mheall e’n dream tha ’nead na’n deagh bheus,
Le firinteachd fhausail, mheallt’ da’n gniomharan fein;
Ach! cionnas a mheall sa dhall e luchd na’n droch bheus?
Gun urad san samh’l ach aing’eachd fhollaiseach bhreun.
Dean faire, &c.
XVII.
Och! sgriosach an dideann i do dh-anam o thruaigh’,
Si cosmhail ri linean crion an damhain sa bhruaich;
A bhristeas gun fheum nuair sheideas anail an fhuachd:
Mar fhireantachd fhein bheir “leir sgrios ealamh na cuairt.”
Dean faire, &c.
XVIII.
’Nuair theid mi gu urnuigh ’s dlu gu’m leantuinn an Fhein,
’N am lubadh na’n glun cha’n fhiu’ leis baigearachd gheur;
’S e ’moladh a suas gach buaigh gach gibht agus beus:
’S mi ’thag’radh mar dhuais ’s nach dual domh ’bhi na’m dhiol-deirc.
Dean faire, &c.
XIX.
’S mar b-aithne dhomh CRIOSD gu’n striochdain ealamh do’n fhein,
Mar Iobairt mo shith thug dion do’m- anam is reit’;
’S nuair bhios E le ghras cuir caileachd annam gu feum,
Bidh agum buaidh-larach: strailleil theicheas an fhein.
Dean faire, &c.
XX.
Ma’s neach thu fhuair gras gud bhas bi cogadh ri fein,
Le h-irioslachd ghraidh ’s fein-aicheadh buileach ’s gach ceum;
Sud meadhonan aigh gu bas a chur ann na bheul:
’S gun togainn ceol ard air dàn na’n cluinninn an sgeul.
Dean faire, &c.
title | 33 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |