AONACHD AN SPIORAID.
I.
’SMULADACH a tha mi ’san fhasach a’s mi air chuairt,
Fada bho ’mo chairdean an aireamh ga’n d-thug mi luaidh;
’S iad mar uain gun mhathair gu fasail an Eilein cuain;
Dream a bheireadh gairdeachas arraidh do’ m-anam truagh.
II.
Dealuichte mar tha sinn an tras’ ann an corp o cheil,
Ach tha chuid as fearr dhinn le gradh ann am pairt a cheail;
Mar na gathain aigh ’s fhada tharlas feadh aird’ na’n speur,
Ach tha ’n aonachd aluin gu laidir san aona ghrein.
III.
Mar gheugan anns an Fhionain a cinntinn a mach gach taobh,
Ach tha ’n ceangal dileas sam brigh acc’ o’n aona chraoibh;
’Samhuil a tha diobaraich Shioin air feadh an t-shaogh’l,
Ach le aonachd dhiomhair an Iosa tha iad mar aon.
IV.
’S iongantach! ri aireamh an gradh a th’ acca da cheil,
“Lasair tha cho laidir ’s nach bàth na h-uisgeachean e”;
’S co ionan duit stailinn ’s i tàighte air rogha gleus,
Fhuasgaladh le ’d lamhan san gradh ud a chuir ma rèir.
V.
Tha ’m-aonachd is mo ghradh do na braithrean air feadh an t-shaoigh’l,
Dhuraichdinn bhi lamh’ ruibh g’ ur failteachadh ann an gaol;
Tha m-inntinn mar air sgiathaibh a trialladh gu dlu n’ar deigh,
’Chionn na’ m bheil do dh-iomaigh mo THRIATH air gach aon dibh fein.
VI.
’S coigreachas do naomhachd eas-aonachd ’bhi ’n cloinn nan gras,
’S comhar e air caoile air claonadh ’s air fuarachd graidh;
’S cothrom e do’n t-shaoghal do’n aobhar bhi tabhairt tair,
’S dochann e nach saoil sibh roimh sgaoileadh an t-shoisgeil aigh.
VII.
Smuladach ri ’luaidh ma bhios uain sin an aona chrò,
’Teumadh is a bualadh ’s mi-shuaimhneis e ’s culaidh bhròinn;
Comhar air an truailleachd bhi ’n uachdar sa fuireach beo,
’S bhi toirt rùm do’ n uabhar a fhuair iad o’n DRAGON mhor.
VIII.
Sibhse fhuair do throcair bhi beo sann fuidh sgail’ a sgeith
’S ’thug le Fhuil dhòrtadh lan choir dhuibh air fabhar Dhe;
Feuch! gu’m bi sibh beo dha ga ’ghlorachadh fad ’ur re,
’Seinn air cliu’ a mhorachd n’ur comhradh agus n’ur beus.
IX.
On s-aon sibh ann an Criosda bi ’bh siochail ri aon a cheul’,
Mar bhuill do’n chorp tha diomhair, suas lionabh bhur n-aite fein;
’S bidh Dia a ghraidh ’s na siochaint’ g’ur dion sann fuidh sgail a sgeith’,
’S ni le ghras a dhioladh gach dith bhios n’ur n-anam fein.
X.
Se oirdhearcas an t-shaoghail na daoin ud na flaithibh fior,
On a chaidh an saoradh le saothair anama CHRIOSD’;
Thug E ’n Spiorad naomh dhoibh rinn caochaladh air an cridh’,
’Sa chuir cruth na ’naomhachd snà laoich ud a fhuair a shith.
XI.
’S taitneach ann an aonachd na naomhachd na braithrean graidh,
Maisealachd d’ur suilibh mar dhruchd bhiodh air Hermon Ard;
Na mar an Ol’ ungaidh ’cur cubhruichd air Aaron gràidh,
’S ruthadh ’sios o’n Urim ’s o’n Thumim a dh-ionns’ an lair.
XII.
Arson a chreidimh naomh ’thugadh aon-uair do chloinn na’n gras,
Gleachdaibh ann an aonachd mar laochraibh gun fhiamh gun sgadh;
Le aonachd Spioraid ’s inntinn le dillseachd agus le gradh,
Seasamh taobh na firinn a’s chi ’sibh gur leibh an la.
XIII.
Le Spiorad na h urnaigh gu dlu aig cathair na’n gràs,
Gleachdaibhse le durachd troimh’ umhlachd ’ur Sagairt Aigh;
Arson tomhas dubailt, do’n Ungadh a nuas o’n Aird’,
’Cheangaileadh ’ur n-aonachd le gaol is le pailteas graidh.
XIV.
Giulainibh le chèil’ ann an reit’ agus bidh sibh beo,
Toirt maitheanas na ceill’ ann’s gach eu-ceart mar threud a chrò;
A comhairleach a cheula le treibhdhireas fad ’ur lò,
Teo-chridheach mar bhraithrean, an laidir am beag sa ’mòr.
XV.
’S tagairibh gu treun. O! gun reubadh e ’nuas na neoil,”
Dheanamh oibir èachdach le treine a Dheas-laimh Mhoir;
’S gun Saoradh E na milltean neo-iompaichte tha g’ur coir,
Trid an Spioraid phriseil na firinn a dhortadh oirn’.
XVI.
Tha eadar-ghuidhe chaomhail Fir-shaoraidh as leith a shluaigh,
’Tagaradh bhur n-aonachd maraon mar tha’n Trianaid shuas;
Suidheachadh nach faoin air an t-shaoghal a thabhairt buaidh,
’S cha be sinn bhi sgaoilte ri draochann le Spiorad fuar.
XVII.
Tha gach aidbheil ’s ainm ann’s na thearbaich sibh air gach taobh,
Feuchainn ’ur neo-fhoirfeachd bhi soirbheach nis mò na gaol;
’S nàrach dhuibh bhi leanmhuinn ri foìrmean chaidh dhealbh le daoin’,
Nuair a se ’n t-aon ainm ann’s an earb sibh mar thearmunn saor.
XVIII.
Aon chreidimh is Aon Slan-fhear Aon Arois is aon dol suas,
Aon bhaisteadh is aon slainte aon aithn’ntean ’s aon Tiomnadh nuadh;
Aon Athair ann’s na h-arduibh is aon Spiorad grais na’m buadh,
’S carson nach bidh sibh taighte le gradh ann an aonachd bhuan?
XIX.
Dhuraichdinn ’ur dusgadh gu dluthadh san aonachd ghaoil ’s’,
Ged tha nithean sonruicht ’s ’nach cord sibh le ’r gòraich fhaoin;
Ann’s an innleachd ghloirmhor co’ -chordaidh gach naomh san t-shao’l:
Bhur spionnadh is ur gloir a bhi comhla sa cheangal chaoin ’s’
XX.
Ma bhios sibh an eas-aonachd? bidh caoil’ air bhur n-anamaibh fein,
’S neo-shoirbheachadh d’ur taobhsa aig aobhar Fir-shaoràidh cheusd;
’S an cothram bidh aig Satan ’ur sathadh an aon a chèul,
Nuair bu choir d’ur claidhean bhi tairn ’te ri bhroilleach fèin.
XXI.
Mo chomhairle le gradh do na braithrean ’s gach cearn a th-ann,
’S gach ainm an d’rinn sibh tàrrsuing O! talaibh gu aonachd theann;
On ’s Aon am Buachail glormhor le throcair tha gur cur cruinn,
Fanaibhse leir deoin ann’s a, chrò rinn E thogail duibh.
XXII.
Cha teagaisginn bhur n-aonachd bhi daorsail ri nithibh claon,
Cha’n ’ann air chall na naomhachd tha aonachd a Spioraid chaoinn;
Togaibh a chuing eutrom is faoghlumaibh reachd a ghaoil,
A’s bidh ’ur n-aonachd daingeanaicht’ neo-chearbach ’s do-chur-mar-sgaoil.
XXIII.
’N sin chi sibh fein gu soirbhich ’ur n-anamaibh am fas na’n gras,
’S gu’m bi ’ur dol bho leanabachd gu foirfeachd, aig tomhas-ard;
’S gu’m bi buaidh neo-anafhann aig Searmain an t-shoisgeil aigh,
’S peacaidh gan ath-ghinmhuinn mar ’s ionmhuinn le cloinn na’n gras.
XXIV.
Ma bhios sibh mar as cubhuidh dhuibh a dh-aona bheachd sa dh-aona chri’,
Cha’n fhaicear a Bhansulamach mar chruinneachadh dà-fheachd san tirr;
Be sud an sealladh ionmhuinn an t-iomlan do chloinn an Righ,
A bhi n-aonachd dhiongamhalt’ an ceangalaichean gaoil is sith.
XXV.
’S bidh Iosa mar cheann-armailt a soirbheach o thirr gu tirr,
Le’r feachdan a’s le’r narmailt’: toirt’ dearbhachd’ air teachd a riogh’chd;
Ri’r ceann sinn a dlu-leanmhuinn mar thearmunn ’s mar theampul fior:
’S daingnichean an dorchadais Sgealbaidh sinn iad a sios.
XXVI.
Sa bhraithrean! gu co-dhunadh! nach duisg sibh gu tuilleadh eud,
’Smuaintichibh le curam man chuis tha mar ghrunnd do’m sgeul;
’S mo shoirbhicheas mo dhurachd, bidh urach’ air cruitheachd Dhe,
Ann an cloinn a chumhnaint’ a dhluthadh ri aon a chèil.
title | 34 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |