[146]

CLARSACH A MHILENIUM.

I.

THA ùr-ghean air mo bhuaghan,
S nam biodh cainntaig mo Smuaintean;
Dheanainn, aithris is luaidh air,
Deanabh sgeula le luath-ghair;
As le gairdeachas buadhach:
Air Mile bliadhna an t-Shuaimhnis,
Chaidh a ghealltuinn gu buan anns an fhaistneachd.
Chaidh, &c.

II.
Sud Mile na samhchair,
Anns an Ceangailear Satan,
Leis an Aingeal on-Airde;
Theid an t-shlabhruidh ma bhràighid,
S cuirear daingean an sas e
Anns an t-shlochd tha gun traigh ann:
Chums nach meall e sliochd Adhaimh gu do-bheart.
Chum, &c.

III.
Sam faigh Soìsgeul an fhacail,
Cursa reith agus farsuing;
O eirigh greinne gu luidhe,
Measg gach treubh agus teanga;
Cha bhi duthaich gun taisbean:
S thig na h-iudhaich le aiteas,
A thoirt ùmhlachd le tlachd do IEHOBHA.
A thoirt, &c.

IV.
S echuir m-aoibhneas cho pailte,
Gel an t-am ud cho faisgoirn’;
Se mo chreideamh gn beachdta,
Nach d-theid a ghinneil so seachad?
Gun dthig cuid deth gu teach dhuinn;—
S nuair shèidear trompaid an t-sheachdamh?
Bheir gach rioghchd air an talamh a ghloir Dha.
Bheir, &c.


[147]

V.
San d-theid Spiorad na beatha,
Anns na fianuisean flathail;
Chaidh cho fada a shaltairt,
Ann an sraidean na cathrach;
S iadg-èirigh beo air an casan:
S cha bhi luaithre na saic orr’,
S chi an naimhdean accais-eirigh ghlormhor.
S chi, &c.

VI.
Tha na comharan àraidh,
Dhinnis Abstoil is Fàidhean;
Dhuinnair bristeadh an ud,
G-innseadh dhuinne gun fhailiung;
G- ’el e nise ceart làmh ruinn,
Mar ni duilleach as blàithean
Sgeul air Samhradh le bhlàs bhi teachd oirnne.
Sgeul, &c.

VII.
Than t-aingeal treun annsan taisbean,
Ghabh na sgiathan gu astar;
S gaoileadh soisgeul an fhacail,
Feadh gach treubh thair an talamh
Nis gu treun am beo-chleachdainn,
Anns gach canainn is teanga;
G eadar-theangachadh focal na slainnte.
G eadar-theangachadh, &c.

VIII.
S gearr gun eighear a chaismeachd,
Aig an aingeal galeanntuinn,
Thuit Babilonmhaiseach!
A chaithir shaibhir is fharsuing
A bhean a shuidh air fiadh-bheathach,”
A rinn le druidheachdan mearachd;
Cinnichs righrean a mhealladh gu neo-ghloinn.
Cinuich, &c.


[148]

IX.
S bailtean chinneach na talamhuinn,
Thug clach bhunait is earbsa;
Mach bho truailleachdan cearbach,
Sgh-òl do chupan a salachair,
Tuitidh iad gu mi-shealbhach:
Nuair a thig a chrith-thalmhuinn,
Gheibh iad crathadh bhios gailbheach gun trocair.
Gheibh, &c.

X.
Son a roinn iad napeacaidh,
Feumaidh iad bhi dan aindeoinn;
Nan luchd compairt da peanas:
Oir is cumhachdach neart-mhor,
An Dia bheir breith cheart orr
Sni le teinne a caitheamh,
S bheir air righrean bhi cagnadh a feola.
S bheir, &c.

XI.
Comhar eile ro dhearbhta,
Tha mar thri as leith aimsir
Laithins miosan gun chearb orr’,
Tha cho ionann ran dearbhadh,
Ris an nith rinn mi ainmeach;
Sa nis iad fagus do theirgsinn:
S toisich mile na h-aimsir thuirt Eoin ruinn.
S toisich, &c.

XII.
Se mhios as da fhithead,
N-aois thug Eoin don mhac sgriosach.
Mile ciad is ochd fithead,
Laithibh bliadhna gach ginn diu;
A reir aireamh an Spioraid:
Sa sin ni dealradh an Tighearn’,
Tur chur as da le Spiorad a bheolsan.
Tur, &c.


[149]

XIII.
Ach mum brist oirnan sin,
Bidh e eagalach aireamh;
H-uile nithghabhas aite,
Nuair a cheangalar Satan;
Am fiadh-bheathach san Dragon:
Oir mun caill iad an làthrach,
Bheir iad ionnsuidhean gàbhuidh air foirneart.
Bheir, &c.

XIV.
S taomar aon do na plaighean,
Anns an Abhuinn Euphrates;
S bidh i tioram air traghadh
Dh-ullachslighe on aird sin;
Do righrean cumhachdach laidir,
Gu cath an De as ro Airde;
Se Armagedon doibh aite nacomhail.
Se, &c.

XV.
N sin taomaidh gu h-ealamh,
An seachdamh aingeal san athar;
“ ’S cluinnear cainnton righ chathair,”
Tha e deantale cabhaig,
“ ’S bheir na tairneanaich spraigheadh;
Guthaibh làidir as dealainn,
“ ’S bidh crith-thalmhuinns clach-mheallain ri stròichdeadh.”
S bidh, &c.

XVI.
Thas na facail ud fillte,
Aobhar crith agus grise;”
Oir theid raonntaibh a lionadh,
Do chuirp mharbha nan sinneadh;
“ ’S lotar uachdrain thar thìrean,
S theid an Riaghladhsgach rioghachd,
Thoirt do mhuintir an Ti as ro Airde.
Thoirt, &c.


[150]

XVII.
Bheir an t-Uan sa chath gharbh ud,
Tuilleadhs buaidh da luchd-leanmhuinn,
Na theìd as on chrith-thalmhuin,
Nichlachmheallain amarbhadh;
Stuitidh Babilondhealbhach,
S na ghabh pairt ann na cearbachd:
S latha diogh- ’ltais bhios anabarach mor e.
S latha, &c.

XVIII.
Sàthair suibhlach san talamh,
N coran geur ud san taisbean;
S gearrarsios iad le sgathadh
Sìad mar fhionainnean abuich
Bho na chrion iad sa pheacadh;
Theid le dioghltas an casgairt,
San amar fheirg theid an saltairt gun trocair.
San, &c.

XIX.
San sin gairmidh gu treubhach,
An t-Aingeal ard anns a ghreine;
Gairm dhusgaidh don èunluidh,
Theachd a dhionnsuidh na feisde;
Gu feoil dhaoinagus steudan
Thanns an aroich na Sleibhtrich:
S fuil a sruthadh gu sreinn nan each mora,
S fuil, &c.

XX.
Mar chloich-mhuilinn san fhairge,
Tuitidh Babilon chearbach;
Le cuid iomhaigheans dhealbhan,
Le cuid òir agus airgid:
S na ghabh aireamh a h-ainme,
Oir chuimhnich Dia ann am feirg dhi
Mheuds nach d-ioc i da sheirbhisich trocair.
Mheud, &c.


[151]

XXI.
Sa nuairnideatach ach eirigh,
Togarsuas a chreach-leire;
Gul is caoiis ard eigheach,
Tilgeal duslaichs na speuran;
San cuid thrusgan gan reubadh:
Struaghs isstruagh mar a dh-eirigh
N dfhalbh air dochas sair treubhantas comhla?
N dfhalbh, &c.

XXII.
Seasaidh moranluchd fairge,
As do righrean na talmhuin;
S do luchd malairt air anamaibh:—
A rinn beartach asealbhan
As a buannachdan cealgach
Gul is geilt is an-earbsorr:
Gabhail beachd dhis gu dearbh iad du-bhrònach.
Gabhail, &c.

XXIII.
S iad seinn Mo thruaighe! le dorran,
N d-thugadhnuas air cuid onair?
An aon uaire gu neoni,
Bann-righ uasal an domhainn;
Nis na truaill aig na deamhain,
Choidhcha soillsich inntsolus;
Fuaim, chloich muilinn na meodhail na solais.
Fuaim, &c.

XXIV.
Bho na fhuaradh na sgiortaibh,
Fuil nam faidhean a mhilleadh;
S fuil nan naomh chuir air mhisg i:
Chuimhnich Dia a h-aniochd dhi
Dhuisg e armachdthoirt sgrios orr’,
Peanas dubailt ath-phillear;
Dhi san dorainn adhitheas a feoil dith.”
Dhi, &c.


[152]

XXV.
S an deigh don truaighud dol thairis,
Seinnear buaidh agus beannachd;
Seinnear shuas es na flaitheas,
“ ’S le a shluagh air an talamh;
Aleluia!” le caithream,
Slainte, gloirs cumhachd mhairionn,
Biodh don Ti thug a mach a bhuaigh ghlormhor.
Biodh, &c.

XXVI.
S fior sas cothromach cinnteach,
Thug e breith air an striopaich;
Thruaill in talamh gu h-iosal;
Fuil a sheirbhisich dhilis,
Rinn E nis dith ath-dhioladh:
“ ’S thuit na beathaichean sios da,”
As na seanaireandhioc iad dha mòrachd.
Is na, &c.

XXVII.
San sin Bristidh an la oirn,
Agus teichidh na sgailean;
Agus labhraidh an fhaistneachd,
(Ged a b-fhada na tamh i)
S ni i firinn a radhtainn:
S eiridh grian oirn bhon airde,
Sgaoileas solus as slainta bhios gloirmhor.
Sgaoileas, &c.

XXVIII.
S cluinnear moladh an t-shloigh ud,
Feadh gach Eilein is Morthir;
Mar fhuaim tairneanaich mhora
Deanamh gairdeachas comhla;
N t-Uan air teachd h-un a phosaidh:
Sa Bhean-nuadh dol an ordugh,
N oibir ghréis is a solas do-aireamh.
N oibir, &c.


[153]

XXIX.
Dol on comhail a ceala,
SE gun samhladh air neamh dha?
Teachd ga fuasgladh o eiginn,
SE mar fhiadh air sliabh Bhèiteir,
Siubhlach marcachd air cherub;
Slub E fodha na neamhan,
Teachd le sith is le reite ga posadh.
Teachd, &c.

XXX.
S dileas Fior E da ghealladh,
Air each gle gheal a marcachd;
Aon Ungta an Athar,
Teachdair trèun a cho-cheangail,
Shluagh na dheigh siad ga leantuinn,
Ann an reis nan each geala:
S fhasa smuainteach na labhairt man solais.
S fhasa, &c.

XXXI.
S culaidh uamhais air faichiad,
S iad mar shluagh bhiodh fuidhm brataich;
Buidheann uasal na cathrach,
S iad mar stuaighibh do dheataich,
G eiridh suas as an talamh;
Bidh an snuagh mar a mhaduin,
Na mar ghrian sa mheadhon latha ro-oirdhearc.
Na, &c.

XXXII.
S clarsaichDhe accair chaithream,
Sa ghloinfhairge fon casan;
Measgtan samhladh an dealain,
S oran Mhaois accga channtuinn,
As an Uain chaidh a chasgairt
A thoirt fuasgladh do pheacaidh:
S haleluiah! ’s hosanah! mar cheol doibh.
S haleluiah, &c.


[154]

XXXIII.
Ieruslem nuadh i mar chathair,
Teachd a nuas o na flaitheas:
Bean an Uain i air thalamh,
N culaidh uasal gu banais
Ghealach fhuair fuidhcasan
Ghrian chuir suas mar a falluing,
S da-neult-dhiag an crun caitheamh na h-oigh ud.
S da, &c.

XXXIV.
S iad a seinn gu neo-sgitheil,
Slaintdon Ti a ta rìoghach
Sthug dhoibh saorsa cho prìseil,
Chuir En Dragon fuidh chìs doibh;
Casaid bhraithrean bu chìord da:
Sa chuid fhaidhean is iomhaigh,
Sam fiadh-bheathach gu dilinn gu dòruinn.
Sam, &c.

XXXV.
S thig an Eaglais gu fiorghloin’,
Aonachd spioraid is inntinn,
Leantuinndlu ris an fhirinn,
S iad don Captain a striochdadh;
Làn do shonass do shìochaint,
Cumail daingeann an sgriobhaidh;
Chuir na h-Abstoil a sios doibh an ordugh.
Chuir, &c.

XXXVI.
Cha bhi sagairtean sanntach,
Pap na Eusbuig ri ann-tlachd;
A reic maitheanas aingeachd,
Sa brigh-atharach shamhlan;
Len cuid fhacalan cainnte,
Geibh iad Purgadair teanntachd;
S cha bhi cumhachd san Roimh bheir àn aird iad.
S cha, &c.


[155]

XXXVII.
Cha bhi sionnaich bheag chrion ann,
Bhios a milleadh na fionain;
S dearcan òg ur croinn-fhiona,
Na luchd Glibean as Stìpinn;
Bhios gun ghràs ann nan- ìinntìnn,
Cha bhi h-aon diu san linn ud;
Deanamh foirneart air dilseachd luchd crabhuidh.
Deanamh, &c.

XXXVIII.
Cha bhi connsuicheans gaiteach,
Measg gach seors do luchd-aidich;
Cha bhi connsbaids cainnt-tharsuing,
Accmu mhoran do fhacail;
Na mu ordugh a Bhaistidh,
Bidh iad comhnarddh-aon-bheachd air
Mar thug Criosd do na h-Abstoil mar aithne e.
Mar, &c.

XXXIX.
Bidh luchd teagaisg san linn ud,
Dhaon Spioraid is inntinn;
Air an lasadh le dìlseachd,
Cha bhi roinnean na strì;
A measg luchd-aidich na firinn,
Oir ni lathaireachd Iosa;
N cridh’ ’chuir thairis le sìth is gradh-braithreil.
N cridh, &c.

XL.
S theid na h-iudhaich ath-ghabhail,
S theid dan duthaich iad dhachaidh;
Don Ierùslem air thalamh,
S iad gu h-aoihhneach ri caithream;
Sa Mesiah le ghealladh,
Toirt doibh coilionadh farsuing;
Air cho saibhirs cho pailtsa tha ghradh dhoibh.
Air cho, &c.


[156]

XLI.
Cha bhi cinneach na iudhach?
Cha bhi righ? cha bhi Prionnsa?
Cha bhi breitheamh na Diuca,
Nach bi leughadhs aig urnaigh;
S na luchd altarum cubhraidh,
Do chlannaibh a chumhnaint’;
S gach fear-teagaisg sa chupaid lan graidh dhoibh.
S gach, &c.

XLII.
Sona cheangailear Sàtan,
Cha bhim bàs cho fhior ghabhuidh;
S garadh ghinneil om parant
Cha bhi dileachdain craiteach;
Faondtrach ruisgte gun chairdeas,
Oir bidh coilionadh laitheam,
Aig a chloinns aig na parantaibh comhla.
Aig a, &c.

XLIII.
Cha bhi naoidhean gearr-shaoghlach,
Ann amìle na saorsud;
Ciad bliadhna do dhaois,
A bhios an leanabh mun aog e;
An sith an sonas san naomhachd,
Sam peacair ruigeas an aois ud;
Bidh a mallachd gun chaochladh gu bràth air.
Bidh, &c.

XLIV.
Cha dean daoin anns an la ud,
Cur is planntach is bàsach;
Mar aois craoibhe bidh laithean,
Na muintir shaorta le slainte;
Mealltuin saothair an lamhan,
S iad gun ghoine gun fhaillinn;
S toradh pailt anns gach aite fuidh chroic acc’.
S toradh, &c.


[157]

XLV.
Cha bhi cogadh no fòirneart,
A measg cinnich an t-shlòigh ud;
Bidh an t-Uan is an leòmhann,
Ann am braithreachas còmhnard;
Nin ri-nathair gun dòruinn,
San leanabh cìche cluich comhla;
Anns an t-shliabh ud le solass le cairdeas.
Anns, &c.

XLVI.
Buailidh craobhan na machrach,
Air gach taobh dhinn am bâsan;
Seinnidh slèibhtean le h-aiteas,
Barr as sprèidh orram pailteas;
S na h-amair fhiona cur thairis,
Mil as fion agus bainne;
S bidh lan diol ann do bheannachdan mora.
S bidh, &c.

XLVII.
Bidh na goimhnean nan cabhaig,
Meas as faoinneachd dan ealainn;
S iad gu h-aoibhneach aig teallaich:
Sleaghan, claidhean, is gaithean,
Accgan tionndadh gu spealan;
S gu sgeanan-fuinn a chroinn-ara’,
S cha bhi faoineachd air gaitheamh gu foirneart.
S cha, &c.

XLVIII.
Cha bhi crubach na baccach,
Nach faigh lùs ann nan casan;
Cha bhi dall ann na staccach,
Nach faigh soillseach is claisteachd;
Cha bhi manntach na mabach,
Nach d-theid labhradh na theangaidh;
S bheir an Soisgeul doibh beathagus slainte.
S bheir, &c.


[158]

XLIX.
Teichidh fuath agus farmad’,
Teichidh fèinealachd chealgach;
Spiorad frionasach feargach,
Mirun, Sannt, as neo-gheanmnuichd;
Uaill, as creideamhs an-earbsa,
Claoidhear iartas gach ana miann;
S bidh an grian doibh mar dhealradh sheachd laithin.
S bidh, &c.

L.
Nuair a chundas mi rianail,
On t-shia ciad is sia bliadhna;
N tamn do chrunadh am fiadh-bheathch,
San d-fhuair e cumhachd gu riaghladh;
Re dha fhitheads da mhiosa:
Gheibh mi faisg iad air criochnach,
Glaccaibh misneach san diadhachd a bhraithrean.
Glaccaibh, &c.

LI.
Oir do Dhaniel dh-fhiachadh,
Gur a beannuichte iadsan;
Thig gu milestri chiad,
Am fitheads cuig laithibh diaga;
Naoimh an sin bidh a riaghladh,
S bidh ann Jubilee diadhachd;
Agus coilionadh briathrabh na faistneachd.
Agus, &c.

LII.
N sin bidh sonas as siochaint,
Measg gach cinneachs gach rioghachd;
Anns gach cridhs gach inntinn,
S iad a lubadh do Chriosda;
Sa toirt umhlachd don Bhiobal,
O! “gun d-thigeadh do Rioghachd,”
Chur a chatha: gleidh dileas gum bhas mi.
Chur a chatha, &c.

CHRIOCH.

[159]
[160]
title35
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page