[18]

AN T-AON NI FEUMAIL.

I.

Tha aon ni airmheas feumail,
Leis an Lèigh thanns na h-àrdaibh;
S cha curam an t-shaoghail;
Ged is foilidh aig pairt e,
Ach ullachadh siorruith:
Mu air na-anamaibh neo-bhasmhor;
S roghaindheanamh do Chriosda,
Mar an Tim bheil an t-shlainte.

II.
Fhir thag eisdeachd mo naigheachd,
S thalan carraid is saothair,
Seall aig deireadh na caibdil; —X. Luc. &c.
Mar bha Marta na h-aonar,
Lan cùram is dragha;
Ach sann a mheasadh ro fhaoin i,
Seach an te bhaig chasan
Aig eisdeachd facaill na saorse.

III.
So eiseimpleir luachmhor,
Do a shluagh feadh an t-shaoghail:
S iad a striochdadh gu h-iosal,
Da fhirinn le gaol dith;
S iad a roghnachadh Iosa,
Mar an Ti rinn an Saoradh;
S mar an Ti bheir le ghras iad,
Trid fasach an t-shaoghail.


[19]

IV.
Fhir gun churam mud t-anam,
Cluinnse fhocal sgabh deisteinn;
Bho do cheann gu do chasan,
Chaneil ach galaran breuna;
Stu lan curam mud cholainn,
Mu bhiadh deoch agus eudach;
S gun thu Smuainteach air t-anam:
As eigin marsain nan deigh sud.

V.
Tha thu lomnochd an trà so,
Air feadh fàsaich an t-shaoghail:
An lagh a bhris thu: an toir ort,
S fearg Iehobhah; aig glaodhach;
Gearr a nuas a gheug chrionaich.”
A dhionnsuidh griosaich na leir-sgrios
On isdeatach am shroin iad,”
S guth mo throcair nach èisd iad.

VI.
Gabh gu curam mu, t-anam,
Am feadhs tha latha nan gràs ann:
S dean an roghain rinn Muire,
Suidh aig casan an t-Shlan-fhir;
Stilg t-ualach gu leir air
Oir tha E gèigheach gach la
Air dream fuidh uallach s ri saothair
“ ’S gun d-thoir e saorse gu bràth dhoibh.”

VII.
O! nach teich thu le t-anam,
A dhionnsuidh fasgadh an t-Shlan-fhir;
Se do bheatha gu siorruith,
As leith Chriosd ann am Pharrais:
S gheibh thu trusgan da fhireantachd,
A ni sgiamhach gu bràth thu;
Leis an dtheid thu na chòmhail,
Sam bi do lochran a dearsadh.


[20]

VIII.
Feuch! a nis an t-àm taitneach,”
Feuch! latha na slàinte;”
Gheibh thu maitheanas fathast,
Ged a bfhada dol cearr thu,
Creideamh diongmhalta cìnnteach;
Ann an Criosd’: ni do thearnadh:
S ni thu saighdeareachd dhileas,
Nuair bheir Iosdhuit da ghràsan.

IX.
Cluinn guth an Fhirshaoraidh,”
Se aig glaodhaich ra chàirdean:
Na bitheabh lan curam,”
Ciod ith na dholas sibhn trà so.”
Theid gach aon diu rir cunntas,
Siarruibhn tus rioghachd nèamha;
Agus fireantachd Chriosda.
Sni i didean on bhàs dhuibh.

X.
S mòr na nàimhdean a thagad,
Tha cumail t-anam fuidh dhaorse:
An Saoghal as Satan:—
San fhèoil a shàsach le gaol dith:—
S cridhe cealgach mi-chreidmheach;
A tha gradhachadh eu-ceart;
A tha na chreach don fhear laidir:
S na ghàradh grannda luchd reubain.

XI.
O! Smuaintich air t-anam,
Thusetha nad staid nàdnir:
S fhads tha tròcair so fhàghail,
Theid gu cathair nan gràsan;
Thig a dhionnsuidh an Tighearn’,
S gnàthaich meadhon na slàinte:
A chums gun d-thoir E dhuit buaigh,
An aghaidh truailleachd do naduir.


[21]

XII.
Faigh armachd an t-Sholuis,
Is cog fuidh bhrataich an t-Slan-fhir;
S ged tha do naimhdean cho lionmhor?
Suidh chìs bidh iad tre ghras duit.
Sud a ni tha dhuit feumail:
Seach bhi trèigsinn do shlainte;
Saoraidh creideamh an Criosd thu
Bho ais-innleachdan Shatain.

XIII.
Ben sud an roghain rinn Muire,
Nuair a Shuidhi ga eisdeachd;
Sa rinn Peadair nuair dhfhage;
A linn sa bhàtagus eirneis:
S mheas Pol iad mar challdach,
Na mar aolach gun fheuma;
S roghnaich Maois masladh Chriosda,
Oscionn ìonmhas na h-Eiphit.

XIV.
So eis-Shaimpleir luachmhor,
S beachd-smuaintich car trath air.
S faic olcas a pheacaidh:
Ann am fallas an t-Shlan-fhir:
S roghnaich E mar do Lèigh,
A ni do thearnadh odnamhaid;
Agus tog a chrann-ceusaidh:—
S theid na dheigh le fein-àicheadh.

XV.
Treig do chleachdain ain-diadhuigh,
Treig gach rian th-ann do nàdur.
Treig do chuideachdan gòrach,
Treig na sòlais is fearr leat:
Cuir do chul ris a pheacadh,
Steich on Eiphit don fhasach;
Sgabh Seoladh a Bhiobuil.
Dh, ionnsuidh tire Chanaain.


[22]

XVI.
Na cuir dàil caraon latha,
Ann an aithreachas slàinteil:
Sann a choisin thu cheana,
C uan do lasraichean cràiteach;
Seall tre chreideamh ri Criosda,
On se Tim bheil an t-shlàinte;
Chums gun lean thu gach taobh E,
S gun dean thun Saoghal so àicheadh.

XVII.
Am Feadh s tha nuine cho luachmhor,
S t-anam truagh ann an gàbhadh:
Roghnaich thuse dhuit fèin,
Abhi fuidh sgèitheidh an t-Shlan-fhir;
S gabh gu curam mu-t- anam,
Am feadhs tha latha na Slaint ann;
On sen t-aon nitha feumail,
Roghnaich e mar chrich arraid.

title4
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page