STAID NADUIR.
I.
Tha ’n cinne-daonna fuidh dhaorse mhuladaich,
Aig dia ’n t-shaoghail ’s aig aoradh uile dha:—
Tha iad air claonadh a thaoibh gach duine dhiu;
’S cha d’ thoir iad geill do Mhac De a chruthaich iad.
II.
Nuair pheacaich Eubh so an ceum a dh, fhosgail i,
Da sliochd na deigh ’s iad gu leir a coiseachd innt’;
Fuidh gheill aig Satan s na ’n traillean ceangailt’ aig’,
’S cuir cul le tair ris an t-Shlan-fhear bheannuichte.
III.
Tha Daibhi ’g ’radh “ann am peacadh ghinneadh mi,”
“San cionta fos gur a th’ ann a rugadh mi, ’”
“ ’S tha Pol a’ radh nach ’eil ionruic’ idir ann”—
Nach ’eil a h-aon fiù a h-aon a thuigeas diu.
IV.
Tha ’n cridhe cruaidh s cha druigh fuaim an t-shoisgeil orr;
’S tha ’n cluasan mall a chum eisdeachd ceart thoirt da—
’S tha ’n suilean dall ann on ceò an t-sheacharrain;
’Si slighe na do-bheart an còmhnuidh ’s aithne dhoibh.
V.
’S e so an rod gus an d-thug an leagadh sinn,
Air seach’ ran cian fad ’o Dhia ’s ’o fhlaitheanais;
Fuidh ’n cheartas dìte s fuidh bhinn a mhallachdan—
’S fuidh fhearg neo-criochnach na Ti tha beannuichte.
VI.
’S e ’s ainm do’n ròd so an t-shlighe ’s leathaine
Si n t-shlighe shòlasach le luchd ceannairc’ i
Ach tha i trèoradh gu dòrain eagalaich
Bheir gaoir an cluasan an t-shluaigh a chreideas e.
VII.
Tha giosgan fhiacal tha caoidh is sgreadail ann,
’S tha losgadh siorruidh gun crioch gun dearadh ann
Tha ’n duais so cìnnteach ge’d tha i eagalach
Do’n dream neo-iompaicht, nach pilltre chreideamh aisd:
VIII.
O dhuine smaointich gur fior an ceartas so
’S gur mor na fiochan a tha e tagradh ort
’S mar faigh e dioladh gun dean e peanas ort
Na urras cìnnteach gu ’d dhion on bhagaradh.
IX.
An Ti tha gloirmhor, an Ti tha cumhachdach,
An Ti tha naomh, ’s maraon tha beannuichte:
A ghradhàch an saoghal’s air shaod cho barruichte;
’S gun d’ thug E Aon Ghin o thaobh a bhroillich dhuinn.
X.
’S ’n t-Urras cìnnteach do’n ti tha ’n aineamhach,
’Se ni do dhion ge’ d ’a dhit’ an ceartas thu—
’Se phàigh na fiochan as leith na chreideas ann;
’So soisgeul sìorruith do’n tì tha ceangaillte.
XI.
’S dhuine naduir’ cha tuig thu facal deth,
’S ’ann tha thu ghna gabhail tlachd na ’d sheacharain:
Cha chreid thu’n Slan-fhear thug gradh cho barruicht’ dhuit;
Ge’d tha E’g’ àineadh dhuit teachd am fagus dha.
XII.
Tha ’n soisgeul siorruith mar ni tha foluicht dhuit,
’S cha chreid thu ’n fhirinn a dhìteas fathasd thu:
Gur mosgan crionaich airson an teinne thu;
Mar faigh thu ’n fhionain gu bhi toirt beatha dhuit.
XIII.
Gu ’r mosgan crionaich o ’na ghineadh tu,
Cha creid thu ’n fhìrinn s cha tuig thu idir i;
Mar bean an Ti tha ro naomh ri ’d chridhese,
’S mar dean E ’minneachadh leis an Spiorad dhuit.
XIV.
Do nadur truaille’ gu’n bhuaigh aig maitheas ort,
’S tha binn do bhàis fo’ do sgàilse faluichte;
’S cha chreid thu fein, gur credh neo-fhalluing thu,
’S cha’ tuig ’u t, fheum air an Leigh bheir beatha dhuit.
XV.
Och, oin! nach truagh cor an t-shluaigh air seacharan,
Siad marbh an eu-ceartan s’ ann am peacanna:
’S focal De ’grathainn treig is aidich iad;
’S tre ’n Ti chaidh cheusadh; nithear a maitheadh dhoibh.
XVI.
O’d cheann gu ’d shàiltean cha ’n eil maoin falluinneachd,
Ach creuchdan gràineil air tàmh na t-anamse:
’S e ’n duine nàdur a tha mi ’g-aithris dhuìbh;
O’n tha e ’g-àrach na chraidheas fathast e.
XVII.
Tha Slainte ’n lànachd an Lèigh tha ’n Gilead,
’S gheibh thuse pairt dith; ach theid ga sirreadh ann:
’S cha ghabh e paigheadh airson do thinnease;
Sann tha i Saor do gach aon a shireais i.
XVIII.
An diugh an déigh dhuit teachd gearr cho fada air,
Gur binn an sgeula th-air teachd am fagus duit;
Na duilt a h-èisdeachd oir ’s sgeula taitneach i:—
Sgur mor am feum a th-aig eucail t-anam orr’.
XIX.
Anam neo-bhàsmhor tha Slàint na ghealladh dhuit,
Ge ’d thoirt o’n ’bhàs chum na beatha mairrionaich:
Thoir èisdeachd trà dhith am feadh s’ tha ’n lath’ agad;
“N duigh là na’ slainte san t-am tha taitinneach.”
XX.
Na smuaintich dail a chuir ann a t, aithreachas,
Oir dh’ fheudte ’maireach gun iarrar t-anam ort:
’S tha fuil an t-Shlan-fhir aig radh gu ’n glan i;
On a h-uile grainneilachd tha na t-anamse.
XXI.
Am peacach graineil gu faigh e maitheanas,
Sa ’neach tha basmhor gu faigh e beatha ann:—
Sam bodhar balbh gheibh e seanachas ’s claistinneachd;
Sa ’neach gun suilean bidh iuil is aithnn’ aige.
XXII.
Se ’n t-Athair siorruith ’se ’n t-Iosa milis E,
SE fein an iobairt san Ti tha iongantach:—
SE Prionn’s na sith E, is Righ nan tighearnan—
Fear saoraidh Israel ’slatrioghail Shioin aig.
XXIII.
Co ’s uarainn ìnnseadh gu crich a thighearnais,
Cha ghiulain m-ìnntinn ’s cha chum mo chridhe ris—
’S doth-chur an ceill e do chreutair cruthaichte:
’S gu’m bheil na neamhan iad fein gle chumhan da.
XXIV.
Ged b’ ard a ghloir sgail an fheoil car tamuil i,
Nuair ghabh ’d ’ur nadur na bha gun pheacadh air.
Se sheas n’ ur n’aite sa phaìgh an t-agartas;
’S gu h-uir a bhais gun d’ thug cradh a pheanais e.
XXV.
Ach sgearr a chuairt’ chum an uaigh am falach E,
Oir dheirich’ suas, thug E buaidh le caithream orr’;
’S E’ nis sna h-arduibh mar eadarmheadhonair,
A tagradh fabhair do’n aireamh cheannairceach.
XXVI.
Gur buan a ghradh cha do dh’ fhailnich fathasd E,
’S ann tha E ghna a toirt bàrr air maiseileachd:
SE g’ umh’ lach aite dhoibh anns na flaitheanais,
Chum ’n toirt le ghrasan on phailinn shalaich so.
XXVII.
Gur mor an diteadh dhomh fhin mar gabh mi
Ris an t-shoisgeul shiorruith, is ra chuid gheallannaibh:
Ma ni mi dìmeas air slaint’ cho barruicte,
A choisinn Crìosda le h-ìobairt anama.
XXVIII.
O! anam thruaigh duisg a suain do chadail,
Oir tha sgrios a luathach’ ni buan do pheanasa;
Ach teich gu luath dh’ ionnsuidh buaidh na fola sin,
A’s gheibh thu suaimhneis bith-bhuan do’ t-anam innt’.
XXIX.
Tha ’n duine nadurra laidir ceannairceach,
Cha d’ thoir e gèill do Mhac De na ’m flaitheanas;
’Cuir cul ri aith’ ntibh ’s na thraill do dh-aineolas,
A ceus’ an t-shlan-fhir sa gradhach Bharabais.
XXX.
Ach se mo dhurachd mu’n dùinn mi ’n earailse,
An dream gun churam; thoirt dùsgadh grad orra:—
Siad dhol a gh-urnaigh le durachd anama,
Is creideamh ’s umhlachd thoirt do dh’ EMANUEL.
title | 5 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |