[30]

DEADH-GHEAN.

I.

Thanaig cionnt as leith Adhaimh nar nadur don t-shaoghl,
S tham por sin a fass teachd gu airden clann daoin’;
S mar a spionar na thrà e mun tàr e gu h-aois,
Nuair a shealgas am bas oirn cha chàirrear a ghaoid.

II.
Se dhinnis air Slan-fhear nuair bhaE san t-shaoghl,
Sann air toradh anaduir a dhaithneadhar a chraobh;
Agus gabhamaid fhocal mar bhreitheamh neo-chlaon,
A chum is gun aithnich sinn seachran chloinn-daoin’.

III.
Than duinethaobh naduir na namhuid do Dhia,
Na charaid do Shatan S na thraill aig a mhiann.
Se malluichtdo ghua mar a bha a chraobh fhig’;
As eugmhuis gun caìrrear le garradair ì.

IV.
A cheud stoc air an dfhas sinn an t-adhamh o thus,
A pheacaich sa gharradh nuair dhfhàs e eas umhl:
Is dhfhosgail en dorus don pheacadhs don bhas;
Dhfhag sinne nair truaighain fo bhuaireas gach la.

V.
Se mionan is breugans gach eu-ceart tha grannd,
Toradh aingidh mi-naomha, chloinn daoine sliochd Admh;
S iad nan aimhdean do Chriosda neo-iompaichtgun ghras,
Cha chreid iad an fhìrinns iad fo chìs aig an nàmh.

VI.
S cha ghabhar rin toradh gu brath ann an Neamh,
Mar an dtheid an ath-nuadhachle buaghan Mhic Dhe?
Mar a gearrar on stoc itha grod aig an fhreumh?
Sa planndach an Criosdon se fionain nan geug.


[31]

VII.
Thuirt a neach is E n Fhirinn cho cinnteach sam bas,
Nach d-theid anam neo-iompaicht da rioghachd gu brath;
S nach bi geugan don chrionaich san Fhionain a fas?
Theid an tilgeadh don ghriosuich nach dibir gu brath-

VIII.
Gach neach bhios gun toradhS gun chomhara grais,
Theid an tilgeadh don loch a tha domhain gun traigh:
Bhios a losgadh le teine Sle pronnusg gu brath;
Mur a creid iad an CriosdaS mar a h-ìompuichear iad.

IX.
Se so an ceann-uighe thoill sinn uile gu leir,
S ann a choisinn sinn tuilleadh agus tuilleadh do pheinn.
Bhrina thug sinn dheus-urram don Chruithifhear threun,
Sann a thoill sinn bhi fulang ann an slugan na pèinn.

X.
Ach faicibh deadh-ghean an Athar sa ghradh do chloinn daoin,
Nuair a chuir e aon Mhac a chum an ceannuch on daors’;
Nuair a sheas E fuidhnpheanas bhuin an ceartas ris daor,
Cudram feirge on athair agus masludh odhaoin.

XI.
S thug E umhlachd don aithne re a laithean gu lèir,
Chaidh a bhuaireadh le Satans cha dfhàilnich e ceum;
S bha E umhal gu bas eodhain bas a chroinn-cheusd:
S fhuair deadhghean da chàirdean agus chàrruich em beum.

XII.
O! nach iongantach iochdmhor an t-aon,
A dhoirt fuil a chridhe as leith a chuid daoin;
Sa choisinn an Spiorad do thruagh an aibh baoth:
Chum an treorach san t-shlighe gu Sion a ghaoil.

XIII.
Tha ceartas an Tighearng ar fiosrach mar sgian,
S gar gearradh on stoc air an d-àraich sinn cian:
S gur fogradh or n oibribh sor fireantachd fein;
S gur sguirsadh gu Crìosd on se crioch an lagha E.


[32]

XIV.
O! anam ma chaidh t-iompchadh gu Criosd le lagh naomh;
Nach ol don mhillseachd neo-chriochnach nach traoigh?
Chuireas beath anns gach anam agus gean anns gach crìdh’;
A dholas don abhuin shruth o chathair an Righ.

XV.
Tha feartan gu glanadhsan abhuin do ghnà,
Chum na creuchdan a ghlanadhchors gun gabh iad ri slaint;
S tha iochdshlaint is beatha innt don- anam gu brath,
S mas a h-aill leatbhi agad thig is gabh dhith gun dail.

XVI.
O! anam ma bhlais thu do mhilseachd a ghaoil?
S mor na solais a thagad nach aithne don t-shaoghl:
S leat sith ris an Athairs leat maitheas nach traòigh,
S leat coir anns na flaitheas chaidh tu thairis stu saor.

XVII.
HO! gach neach airm bheil tart? thigeabh sgabhaibh bhur leoir:
S h-uile aon leis an aill a bhi sabhailt beo;
Gheibh sibh maitheanas siorruith agus siochainte mhor,
S mor gur fearr iad ran iarruidh nana ciadan don or.

XVIII.
Ged tha do naimhdean cho laidirs iad do ghna air do thòir?
An saoghal is Satan s miannan graineil na feoil,
Gheibh thu neartreir do làithean ged than cogadh ud mor,
S bidh do naomhachdse fass caillidh iadsan an treoir.

XIX.
Tha neart chum do dhion ann an Criosda rid bheo,
Masa th-aill leat mar Righ Echums gun ceus thu an fheoil,
Bheir E chreach on fhear laidir thaged shàrach sged leoin:
S bidh t-ionadan fasail air an aiteach gu leòir.

XX.
Ni E ionad nan dragon na paillinn da ghlòir,
S cuiridh t-eu-ceartan graineil as a lathair mar cheò;
S ged tha fuighleach aig Satan do ghna ann at- fheòil;
Cogaidh Easan na t-aites bidh tu sabhailt gu leòir.


[33]

XXI.
Na leig t-aicce rid ghairdein no rid dheanadas fèin,
O nach robh thu cho laidirs gun cairreadh tum bèum;
S tog bunait do thighe air a charraig nach trèig:
Chum nuair sheideas a ghaillinn nach caruichear e.

XXII.
Ged a bhasuich thun Adhamh, gheibh slaint ann an Criosd,
Gheibh thu beatha neo-bhasmhor chuireas gradh ann do chridh,
S their thu maille ri Dàibhi gur fearr latha na rioghchd;
Na mìle do làithean cur ri gnathachadh clì.

XXIII.
Ma thu creidsinn na firinn sma chaidh t-iompachadh nuadh,
Sma thrèig thu gach nìth airson rioghachd an Uain?
Sma fhuair fireantachd Chriosd dhuit mar dhidean o thruaigh’,
Slan leat tha thun siochaintsi fuil Chrìosd thug dhuit buaigh.

title7
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page