BEACHD SMUAINTEAN.
I
Stric a smuaintich mi ’a chairdean,
Air an fhabhar tha’n comhnuidh;
Aig an dream shona aghmhor,
Chaidh on bhas a chum gloire;
Sa chaidh ionnlad o’n lochdan
Ann an tobar tîgh’ Dhàibhi
Sa chaidh o sholas na firinn
Ann an Rioghachd na ’n gràs
A chum riogh’chd na gloir.
II.
Ged tha ’n cuirp ann’s na h-uaighean
Air an cuartach le neo-ghloin
Tha n-anamaibh neo-thruailli
’S fhada shuas seach na neoil iad
III.
’S olc a dh’ aithnich an saoghal
Na daoin’ thair an doigh so
Air an ceangal le aonachd
Ri Fearsaoraidh na ’n òighean
Sann thair muinntir an t-shaoghail
Riu daoine ’tha gòrach
On a thréig iad mi-dhiadhachd
Sanamiannaibh na feola
Ach tha ’n ciall ni ’s mò.
IV.
’S tric, a gheibh iad ’n geurleanamhuin
’S iad a seanachas do mhoran
’S their iad riu creidmhich chealagach
Bhios ri searmoinean neo- ’nach
’S bheir iad breith orr’ le breugan
O na thrèig iad an doigh san
’S cha ’n ’eil meas orr san t-shaoghal’s
Ach aig daoine fhuair eolas
Air Criosd san fheoil.
V.
Ach ’se thuirt am Fearsaoraidh
A chum saors’ thoirt da chairdean
“Bidh sibh beannuichte daonnan”
“Ged bheir daoine dhuibh cainneadh”
“ ’S ged a their iad gu breugach”
“Ruibh gach sgeul air “mo sgathsa””
“Measaibh an amghar sin eutrom”
“ ’S mor aobhar bhur gaird’ chais”
’S bhur Righ gur coir.
VI.
’S tric a chunnaic sa chi mi
Daoine briodal ri cheala
Mu luchd aidich na firinn
Gur a cli leo ’n sreud ud
Ged tha cumhachd na diadhachd
Agus iomhaigh Mhic Dhe orr”
Bithidh naimhdeas gu brath
Ri sliochd na mna aig an teum’dair
Mur geill iad dha.
VII.
Ach se culaich mo smuairein
Bidh na h-uain mar an ceudna
Agus cuid diu le buaireas
G iarraidh ’suas thar a cheila
Ma bhios caochladh na’m barail
No atharrach ceum ann
Chi sinn eud agus roinn
A measg cloinn an aon teaghluich
Is aimhreit mhòr.
VIII.
Se sud aoibhneas Shatain
Bhi cuir na’m braithrean troimh chèile
Sa bhi cuir roinnean s fuar-chrabadh,
A measg na h àireamh nach geill da
Ach tha mo dhuils’ anns a Mhac
A thug anam na ’n-èiric
Gu’m bris E balla ’n-eadar dhealuich’
Tha ga sgarradh o cheala
S gum bin gradh ni ’s mo.
IX.
Sann bhios an dream a fhuair eolas
Air Morachd an Ard Righ
’S aig ’m bheil creidimh ’s beo dhochas
Ris a ghloir thann’s na h-ardaibh
Le ’n lochrannaibh laiste
A cur thairis le gradh dha
’S bidh an aonachd san caoimhneis
Ris na naoimh anns gach aite
Ged robh pairt diu ’s gach seors.
X.
Feadh gach teanga agus tire
Thionail Criosd a chuid threudan
Siad air seacharan millteach
Nuair a dh-iompuich E fein iad
’S theid E nis amach rompa,
’S guth choigreach cha ’n eisd iad
’S cha bhi iad beo anns an àireamh
Bhios ri crabhadh ’s ri eu-coir
’S nach geill do’n choir.
XI.
’S tha leabhar cuimhne na lathair
’S ainm a chairdean gu leir ann
’S bidh iad leis air an là sin
Anns’ an cadhraich E ’sheudan
’Seallaidh sibhse ’n sin là ruibh
’S chi sibh amhghar luchd-reubuin
Air am fuadach o lathair
Dh’ ionnsuidh Shàtain ga reubadh
Gu éigheach ’s bron.
XII.
O! a chàirdean nach duisg sibh, mu ’n
d’ thig uamhas a bhais ud;
’S Mu’n d’ theid ’ur fuadach a dh’ ionnsuidh
An ionaid chlaoitich neo-bhasmhor
Far nach cluinn sibh guth trocair
Ach fearg mhor teachd gu bràth ann
A bhios g’ ur claoidheadh s gur rosdadh
Air cuan doruineach cràiteach
Nach traigh ni ’s mò.
XIII.
’S truagh nach smuainticheadh daoine
Air an daors’ ’s air an doruin
’S air an tuarasdal dhaobhach
’Gheibh na daoin bhios ri dòbheart
Fhad ’s tha seol air an saoradh
O bhi daonnan ga ’n rosdadh,
Tre ath-nuadhachadh ìnntinn
Agus iompach o’n gòraich
Gu Criosd on Fheoil.
XIV.
’S aithne Dhasan a chaoirich
’S tha E daonnan ceart lamh riu’,
’S treun a ghairdein mu’n cuairt doibh
’Chum a bhuaigh’ thoirt ’s gach càs dhoibh;
SE is Righ ann na ’n-anam
’S tha ’chathair is aird’ AIG,
’S E an Sagairt ’Sa ’n-iobairt
Chum an sìth dheanamh ’n-airde,
Sam faidhe mor.
XV.
’S ni E ’n teagasg le fhocal
Chum ’s nach dochain an namh iad
’Se bhios acca mar lòchran,
Chum an treorach’ troimh’ n fhasach
’S bidh Spiorad na beatha
Acca mar ’ris mar earlais,
’S cha neil coir San Fhearshaoraidh
Aig neach as eugmhuis a ghraisa,
’S tha ’n aireamh mòr.
XVI.
“Thigibh ’mach mo chuid Sluaighse
“A measg truailleachd luchd do-bheairt
“ ’S gabhaidh mis’ sibh do’m- ionnsuidh
“Chum bhur ’n-ionnluid o’r neo-ghloin,”
Ann an èifeachd na fola
Chaidh gu talamh a dhortadh
Airson maitheanas peacaidh
’S gu’m pogadh ceartas is trocair
Na bhàs da ’Shlògh.
XVII.
’S ann tha m-ìnntinns’ cho luainneach
Sa bhios an cuan leis a ghaothaidh,
A dol thuig agus uaithe
Leis a bhuaireadair daonnan;
Air mo chlàbradh mar chriadh
An anamiannaibh an t-Shaoghail,
’S cha dean Natar no Siabunn
Mo dheanamh ’S giamhach ri ’m Shaoghal,
On phlaigh tha ’m-fheoil.
XVIII.
Ach tha Slaint ann an Criosda
’S tobar iochd shlainnt nach tràigh E
’S tha E cuireadh na’ milltean
Chum an lionadh le a lanachd,
“Thigibh ithibh is òluibh
“Gu leoir ’luchd mo ghraidhse:”
’S glanaidh mis sibh o ’r neo-ghloin
Gur a leoir dhuibh mo ghrase,
’S mo shlaint cho mòr.
XIX.
Fhir a lèughas no dhèisdeas
Ris an èifeachd ’tha ’n Crìosda,
Tha mi ’n duil gu’n co-éignich
E gach crèutair le mhìllseachd;
Feuch! gu’m bi thu san t-shreud sin
Aig ’m bheil rèite agus sith ris,
’S cha ne lòchran na h-aidmheil
Ach t-anam bhi lionta,
Le gradh da ghloir.
title | 8 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |