CEANN-IÙIL AN FHIR-IMRICH
DO DH’AMERICA MU-THUATH;
OR ,
THE EMIGRANT’S GUIDE
TO NORTH AMERICA
BY ROBERT M‘DOUGALL, ESQ.
Ni fear a dh’fhalbhas ’na thràth
Biadh ’us barr ’sam bi toirt;
Am feadh bhios tàchrain gun stàth,
A’ dol bàs leis a ghort:
Bithidh piseach agus loinn
Air a chloinn ’s air a mhnaoidh;
Am feadh bhios truaghain gun sgoinn,
Fo na Goill air an claoidh.
GLASGOW :
J. & P. CAMPBELL, 24, GLASSFORD STREET.
OBAN: J. MILLER—INVERNESS: J. BAIN & CO.
DINGWALL: A. KEITH.
MDCCCXLI.
GLASGOW: PRINTED AT THE UNIVERSITY PRESS, BY E. KHULL.
DO’N FHEAR-IMRICH
’Nuair a bhios sgiobar a’ cuir a luinge fo’ sheòl, ann an caladh a dhùchais, is iomadh sùil a bhitheas a’ dearcadh air. Bithidh cuid ag ràdh, os-iosal, r’an companaich— “Nach math a gheibhear e;” ach bithidh cuid eile, air an àm cheudna, ag ràdh— “Tubaist air! cha ’n fhiù e bonn-a- h-ochd; cha chreid mi gus am faic mi e, gun cuir e ’n rudha foidhe:” gidheadh cha neil còir aig neach sam bith air labhairt ris gu follaiseach. Cuiridh e fa sgaoil i, agus bheir e druim na linne air. Ma thig i mìn air chothrom air, càiridh e oirre gach bréid; ma thig i garbh an ceann air, nì e éileadh air a cuid fhilleag, agus fanaidh e aice mar as fhearr a dh’fhaodas e. ’Nuair is mò an doinionn, agus is dluith’ an gabhadh, cha neil dha ach am facal a ràdh, agus seaseaidh a ghillean, aig gach ball beairte, agus aig gach ceann slaite, cho ealamh, agus gu h-inbhe bhig cho clis, ris na feòragan ’an doire nan cnò mu Shamhuinn. Bithidh e, fadheòidh, an gaire do’n cheann-uidhe rùnaichte; ach, mo chreach! cha ’n aithne dha an caolas ceart a staigh do’n long-phort. Uisge salach le boghaichean falaich a dh’fhuaradh air, agus caoir bharr-gheall tràghad an fhearainn-a- leis a’ gàirich a dh’fhasgadh air. Feuch, iomagain a chridhe! nach leòr sgeimh-
leadh a bheòil, agus colg luaineach a shùl, ’ga thaisbeineadh? Am feadh a bhios easan an iomsgobadh mu na tha dha ’n dàn, cò a nochdas ach ceann-iùil foirmeil, le choite bhig sgiobailte, agus ann am platha na boise bi’dh e air clàr uachdradh na luinge. “Mach dorn de na phriomh sgòd,” their easan, “agus thoir tuilleadh astair dh’i. ” “Fosadh, fosadh ort a sheòid,” their an sgiobair; “an cuir mise mi fein agus mo sgioba ’an cunnart calla, air do shons’ a bheadagain? Feuch dhomh do bharanntas gun d’fhòghluim thu ’bhi ad cheann-iùil!” Sparraidh an ceann-iùil a làmh ’na phòca; bheir e mach a chòir-sgriobhta, agus crathaidh e ri shròin i; agus smid tuilleadh, olc air mhath, cha tig á beul an sgiobaire.
Nach cosmhuil uile ri cor an Fhir-imrich? Bha e a’ deanamh a’ ghnothaich aig an taigh mar a chitheadh e fein iomchaidh; b-aithne dha ciod é mu’n robh e, agus cha robh e ’n eisimeil comhairle chàich. Tha e nis ag iarraidh gu cladach fearainn air nach eil e eòlach; tha an “Ceann-Iùil” ’na làn uidheam, gus a threòrachadh do’n chala mhiannaichte; agus a litir-bharann tais aige sgaoilte fa’ chomhair, air a sgriobhadh ann an cainnt nach cuir feum air eadar-theangair. Thigeadh am fear-imrich fo chomaraich, earbadh e ás, tha e dìleas da fein; oir cha neil boine ’na chuislibh ach rogha na fala Gaelich. Ach mus an gabh iad an t-slighe, bu mhiann leis a’ “Cheann-Iùil” aon ghearan a chuir na làthair— ’se sin, co
duilich is a tha e gum b-fheudar dha iomadh bogha-làir agus sgeir iomallach fhàgail ás a chairt, aig meud na cabhaig a bha air ’ga sgriobhadh, agus gu h-àraidh aig cho beag is a tha i. Gidheadh, tha an fheadhainn air na theab e fhéin, agus air an drinn iomadh fear eile, long bhriseadh, air an comharachadh mach gu riochdail innt. Na cuireadh am Fear-imrich teagamh ’na firinn, guidheam air; oir cha do chuir duine facal an so ach
Fhear-dùcha neo-bhruailleineach,
Agus fhios thairis,
ROB MAC DHUGHAILL.
FOSGLADH.
Tha imrich nan Gael do dh’America m’a- thuath a nis air tighinn gu bhi ’na cusbair-sgeòil, cha’n ann a mháin do luchd-àiteachidh “nan gleann,” (oir is cian fada o’n la a dh’fhàg “dealachadh nan treun” luaidh acasan air a ghnothach so,) ach mar an ceudna do mhaithith na tìre; ionnas gun do mheas ard-chomhairle na rioghachd i airidh air am mìn-rannsachadh féin o cheann ghoirrid. Thog so ìnntinn a mhòr-sluaigh gu léir, air chor is gun robh gach sean agus òg a feitheamh gu furachair ri “deire gach sgeòil a nasgaidh. ”Ach cha robh am mosgladh so ach a chumail ’nan cuimhne
“Gur treise greim caillich
No tarruing laoich.”
Tha na Gaeil mar a bha iad roimh—mòran diubh gun chuid; agus an còmhnadh, mo thruaigh! chaidh ’dhiùltadh dhoibh, a dhaindeoin dìchill an luchd-tagràidh. Ach ged a chuir so stad air an imrich ann an tomhas mòr, cha do chuir e tosd air am beoil o bhi bruidhinn uimpe; tha America na seanchas cho ùr ’sa bha i riamh. Gach beag agus mòr a’ bi-labhairt m’an dealbh a tha e ’tarruing ’na inntinn féin—m’ an nì nach fhac, agus, gu mòr is lugha na sin, nach do thuig e riamh.
Bhrosnaich so mise, uair no dhà, gus oidheirp a thoirt air feòirlinn bheag a thilgeadh feadh thiodhlaca chàich; ach thug mi fainear gu’n robh an tòrr a bh’ann diubh cho farsuing, chòsach, is gu’n sióladh i sios ann cho fad is nach toirte ’n aire dh’i, agus gu’m bitheadh “ceann-iùil” sgiobalta, laghach de’n ghnè air am bheil mi nis a’ tionnsgnadh mòran ni b-fheumaile.
Tha e fior gu bheil iomadh leabhar sgriobhta cheana m’an nì so; gidheadh, cha’n fhiosrach mi gu’m bheil aon leabhar air a sgriobhadh ma’n nì so amhàin fhathast, air son feuma muinntreach nan garbh-chrioch,
“Ann sa’ chànain do’n d’thug sin ar gaol,
’S nach tuigear a caochladh leinn.”
Cha mhò na sin a shaoilear leam nach biodh rud-éiginn de’n t-seòrsa so anbarrach feumail do’n “fhear-imrich,” air iomadh seòl: —mar chomhairlich’ an àm a bhi ’falbh—mar cheann-iùil fad na slighe—mar oid’ -ionnsuich’, agus mar chompannch, ’san duthaich ùir. Cha neil teagamh nach gnothach cudthromach teannadh ri ìnnseadh do’n “fhear-ìmrich” ciamar a dh’fhalbhas, ciamar a ruigeas, agus ciod a ni e ’n déigh ruigheachd; ach bu chòir dhomhs’ a bhi comasach air a chuir ’na earalas m’a so,
“Oir is mise ’bh’ann, ’sa chunnaic e.”
title | Do’n Fhear-imrich, Fosgladh |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |