HAMILTON, &c .

Tha Hamiltonna bhaile beag ro chiatach ri fhaicinn, agus ro shlàinteil ri àiteachadh. Tha e togta air sliabh bòidheach, réidh, de fhearann tioram, gainmhich, eadar a bhi ruadhsa bhi geal, aig fior cheann shuasLake Ontario. ’Se fhichead mìlesa dhà, air a chlaigionn, a tha e bho Thoronto, agus ochd fichead o GhoderichsnaHuron Tract—se sin, leis an rathad-mhòr a ghabhail troin dùthaich, ach leis an uisg a leanachd mun cuairt tha misaoilsinn gum bheil e cho math is còig ceùd uaith. Am fear a bhios air dhol suas air an uisgan taobh sin, no rathadLake Erie,cha chòir dha dhol air aghaidh gu Hamilton idir, ach gearradh tarsuinn o Thoronto gu bun Abhainn-na-Gàirich (Niagara), agus tha canàl (Welland) á sin air am faigh e


[55]

suas guLake Erie.Faodaidh e mar so seòladh suas timchioll cheann-a- niar-dheas Chanada uile gu léir, agus a ghnùis a chuirsan àirde-tuath rìs, gus an ruig e Goderich airLake Huron.Gheibh e suas uair sam bith, a thaobh aisig deth, gu ruig Sandwich aig iochdarLake St Clair;agus tha bàta le Cuideachad* Chanadatighinn gu sin, uairsan t-seachdain, a dhiarraidh gach goireas a bhios a dhìth air a bhaile, agus luchd imrich ma gheibh i iad. ’Se mu cheann gu h-àrdLake Erie,agus o sin gu ruig ceann gu h-iosalLake St Clair,mìr is blàithe de dhAmerica Breatannach uile; cha neil Gael fallain sam bith nach fhuiling fuachd a gheamhraidh ann math gu leòr, gidheadh, tha a dhroch bhuaidheannan fhèin maille ris air-son sin uile. Cha neil ann ach fearrann iosal bog mar is trice, a tha ro bhuailteach do dheuslaintibh agus do reotha sàmhraidh; ach -dhiù, don fhear a tha saoilsinn gum freagair e dhà, agus gur ann a théid e, ni mi iùl air bealach eile; se sin, rachadh e air tìr aigNew Yorkagus gheibh e suas air bàta-toito sin gu ruig Albany, àstar mu thuaiream ceud gu leth mile. Gheibh e o sin gu ruig Shenectady, sea mìle deug, air rathad iaruinn, agus o sin gheibh e air anErie canal,h-uile buille tuilleadh gun bhriseadh, gus am e aig Buffaloe air ceann gu h-iosalLake Erie.Cha toir an t-àsdar so uile dheth, ach mu ochd latha de dhùine, agus mu aon dolar deug adhairgiod


* Canada Company.


[56]

faraidh, co-dhiù, ’se sin tuairmeachd a chosd e dhomhsao cheann beagan bhliadhnaichean roimhe so.

Ach gu pilleadh rìs a dhionnsuidh mo sgeòil. Tha Hamiltonna bhaile aig abheil cothroman air leth; tha e goireasach ris an loch, agus tha e goireasach ris an dùthaich; tha rathad air a ghearradh dhionnsuidh na h-àirde deas uaith, seachad air Ancaster, tre Oxford, dùthaich anbarach gasda, fad na slighe gu ruig Lunnuinn; agus tha rathad eile agabhail an iar uaith troiBeverly, Flamboro, agus Waterloo fad na slighe gu ruig Goderich. Mar so chi am fear ìmrich gu bheil amar no dhà atoirt uisge gu muileann Hamilton.

title10
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page