GODERICH &c .
’Nuair a dh’fhàgas am fear imrich Waterloo air a chùl bithidh e ’staigh ’an Wilmot; tachraidh Easthope ris an sin, agus ’nuair a thachras tuigeadh e gu’m bheil e air criochaibh Cuideachd Chanada. Se Ellice an ath-àite ’chòlaicheas e, agus faodaidh e aithneachadh nuair a chì se e, gun cheist fheòrachadh do chompanach, oir tha rudaiginn an sin, a bheir sanus do gach Gael a ghabhas an t-slighe, agus nach sguir do labhairt riu car iomadh latha ’s bliadhna; se mo dhleasannas so a mhìneachadh do’n fhear ìmrich, agus on is e, ni mi é. Nuair a thòisich a Chuideachd ri reiceadh am fearann fhéin ann ’snaHuron Tract,
is beag nach do lion iad, cha’n e mhàin America, ach, an saoghal uile le paipeiribh uime. ’Sduine bhiodh rud-eiginn na b-fhiosraiche no’n ruith-chumanta a dh’fheumadh e, a smuaineachadh nach e bh’ ann nàdar beag do dh’ionad meadhanach, air nach d’ amais an cinne daoine riamh roimh an taobh a staigh de “stairsnich a chrúinne chè.” Bha ’n geamhradh blà; cha robh an sàmhradh teith; bha muillean tog-te, fearann glan-te, ròidean déan-te, agus bu leòr a cheud bhàrr gu saothair an tuathanaich a phàigheadh air-son an talmhainn a ghlanadh; bhiodh e chaoidh tuille ’na dhuin’ uasal, ged a bhiodh e beò gus am biodh e cho sean ri Methusalam; agus ged rachadh an taobh bha shios shuas de’n t-saoghal bu leis-san a bhi ’na dhuine sona. Ach mus an sealbhaicheadh e na beannachdan mòra so, dh’fheumadh e bhi ’na dhuine so-chomhairleachaidh agus gun dad a chuir ’an teagamh de na rachadh ìnnseadh dhà; dh’fheumadh e ’chreidsinn gu’m biodh am fidheach geal òi’ch’ innide; gu’n itheadh an t-each dubh a chlach-chnotaig, agus gu’n tilgeadh am freasdal gach ni air am bruadaireadh miann ciocrach a cridhe ’na uchd. Faigheadh e fearann a rìs ri taobh rathaid, agus bhiodh na h-uile gnothach ceart. ’Sann mun àm ’sna bhodhair a ghaoir so cluasan na bha de luchd imrich ’san Roinn-eòrp, a smuainich roinn de mo luchd dùcha ’chaidh ’null thar fairge, gun rachadh iad do’n àite “gun choimeas” so. Ghabh iad, uime sin, a dh’ionnsuidh luchd-gnothaich na Cuideachd,
dh’fheuch an robh greim idir fathast a làthair, a gheibheadh iadsan. Bhà, mar a bha’m fortan ’sa chùis, bha beagan a làthair eadhoin fathasd. Chaidh map a thoirt a nuas air muin map, fear iar bòrd ’s fear ri balladh; bha dealbh gach àit’ an so, ’sma bha, bha dealbh an àite mu bheil sin a’ labhairt ann. Bha e so da-rìreadh ’na àite goiriseach. ’Sann aig an fheadhainn a bhiodh ri dà thaobh an rathaid, bhiodh an toil-inntinn de ’m beatha ’san t-saoghal. Ciod é th’ agad air? am fear nach toireadh làmh air a sporan bheireadh e làmh air a bhill, agus dh’falbh gach fear gu sunndach le àireamh a chroite air criomaig phàipere ’na phòc’ aig. Thog iad orra, iad fhéin ’san teaghlaichean, a’ cuir suarrach na dh’fhàg iad aig “bodaich nam briogais,” ’sa cuir romhpa nach deanadh iad stad no fois gus am biodh iad far am faodadh iad a ràdh,
“Gabhaidh sinn’ an rathad mòr,
Olc air mhath le càch é.”
Ach ’nuair a ràinig mo laochain an ceann-uidhe, ciod é theireadh iad? fearann nach robh freagarach air-son beò chreutair! mu’r robh air-son,
“ ’Sgaoth de ghèoidh no thunagan,
’Gan lubradh fein le tlachd.”
Thòisich iad ri beagan a ghlanadh, agus cha bé sin am baoghal. Coma còdhiù, chaidh acasan air; chuir, agus chliath iad é cuideachd, ach na bhuain iad e? cha do bhuain; cha né gun do bhàth an t-uisg ’as t-earrach e uile’ gu léir, ach
a chuid air nach drinn an t-uisge obair chìnnteach as t-earrach, mhort an reòtha ’san t-sàmhradh e. An déigh an saothair ’san ùine ’chall air, car iomadh bliadhna, b’fheudar do na daoine bochda mi-shealbhar, fearann ùr a thogail a rìs o’n chuideachd, agus an lòn fhàgail na fhàsach, mar shùileachan agus mar rabhadh do gach fear ìmrich a ghabhas an t-slighe sin.
Cha neil teagamh agam nach eil an Leughadair beul ri bhi cho sgìth de ’n lòn a nis ’sa bha ’n dream a bha ’ga àiteachcadh. Agus o na tha ni sinn ceum ’san t-slighe, agus cha bì sin ach an t-slighe dhìreach. Tha dà fhichead mile ’sa’ còrr an so de radhad cho dìreach ’sa thàirneadh a chairt-iùil e: faodaidh sin barail a thoirt do neach cho còmhnard ’sa tha ’n dùthaich ’san àite so. Nuair theid neach air aghaidh m’a thuaiream fichead mìle bithidh e staigh air cearnaig ris an canar Tuckersmith, far am bheil iomadh Gael suilbhire, neo-dhoicheallach. ’Sann a chaidh a chuid is mò de na Gaeil so suas á Pictou ’an Nova Scotia, àit air an tug sinn luaidh fagus do thoiseach an leabhrain. Air-son aoidheachd agus fiùghantais, cleas nan Gael còire uile, cha’n fhaca mi ’n àicheadh; ach air an làimh eile, ma chasas neach orra tha iad cheart cho diorasach ri sin; tha ’n “Ceann-Iùil” h-uile buille cho eòlach orra ’sa tha ’n t-òsdair aig an t-searraig. Bheir coiseachd cheithir uairean neach o chriochaibh Tuckersmith gu baile mòr Ghoderich, ceann-a- bhaile naHuron Tract.
Tha Goderich air a thogail air còmhnard àluinn, eireachdail, de dh’fhearann tioram gainmhich agus gaireìl, air bruaichLake Huron,àite cho grìnn air-son baile, a thaobh suidheachadh, ’sa dh’fhaodadh a bhith ’san t-sàmhradh, ach tha e tuilleadh is nochd-te gu mòr mar steígh baile ann an dùthaich a tha cho fuar ri Canada ’sa gheamhradh. Ach cò an t-àit air nach eil rud-éiginn a ghabhadh seachnadh, agus ma tha sin air an àite so tha rud math eile aige ás nach urruinn mòran de choimhearsnaich uaill a dheanamh, ’se sin feothas na h-acarsaid a th’aige. Bha an acairsaid so fasgathach gu nàdarrail, agus chaidh mòran airgid a leigeadh ’mach oirre gu ’leasachadh, air achd is gu’ bheil i nise da rìreadh na “cala-port-séimh.” Ach ’se rud is miosa air an àite so ged tha an acarsaid cho math, nach eil ach ro bheagan feum’ oirre fhathast, is cha mhò no sin ruigeadh leas dùil a bhi ris, oir cha neil Goderich ach ’an aois a leanabais; mus math mo chuimhne ’sann ’sa bhliadhna 1829 a thòisicheadh ris na ceud thaighean a thogail ann. Mar so cha neil gnothach aig soithichean tighinn a dh’iarraidh dad ann, oir cha neil a bheag aige r’a sheachnadh; agus ged a thigeadh iad an le luchd cha neil dad aig Goderich ri thoirt doibh air a shon fhathast. Ach ged is ann mar sin a tha chùis am feadh so, tha h-uile coltach gum faod Goderich a bhi ’na bhaile math a chuid ’sa chuid. Tha a Chuideachd a’ deanamh a-h uile dìchill is urrainn doibh, g’a chuir an ceann air
gach dòigh. Tha iad a’ gearradh ’mach rathad, a’ togail dhrochaid, a’ deanamh mhuileann agus gach nì eile ’tha ’nan comas, a shaoileas iad a bhi chum leas an àite. A bharrachd air an rathad air na sheòl mi suas am fear-ìmrich, rinn iad aon eile gu Lunnainn, astar a tha mu thuairmeachd tri fichead mìle, agus a bha ro dhuilich a réiteachadh, oir tha a chuid is mò de’n fhearann troi’ bheil e a’ dol ro chòmhnard, bog. Tha iad air air an láimh eile ’toirt cosnaidh do dhaoine bochda aig nach bi seòl air fearann a phàigheadh le airgiod, gus an cuir iad am fàrdan mu dheire’ dheth staigh dhoibh le obair. ’Se dolar gu leth an acair a tha iad a’ ghabhail air fearann fiadhaich ann an àitibh ùra, ach far am bi rathaidean mòra deanta agus goireasan eile de’n t-seòrsa sin bithidh e mòran n’is daoire. ’Sann a bhios a phrìs an còmhnaidh a réir fheothais agus a réir nam buaidhean àraidh a bhios air gach àite fa-leth, ’nuair a bhidheas mòran air a ghlanadh timchioll air àite a bhios ri reiceadh. ’Nuair a thòisicheadh ri reiceadh fearainn Ghoderich ’sa bhliadhna 1830, ’se dolar agus cairteal a bha e; ach nuair a bha an “Ceann Iùil” an sin mu dheire, ’sa bhliadhna 1839, bha e ceithir dolair an acair, agus tha e uile choltach leam gu’ bheil e còig an diugh. Tha fearann anbarach uile math ann san àite so, agus is tric leis bàrr trom a thoirt uaith ma bhios an seusan freagarach, —gu sònruichte buntàt’ a’s corc; fàsaidh peasair a’s cruineachd cuimseach math
ann cuideachd, ach tha ’n cruineachd gu h-àraidh ’na bhàrr neo-chinnteach. Faodaidh deich peiceannan fichead a bhi aig neach air a pheic shìl, ach is dòcha gu mòr deich a bhi aige; gidheadh, tha e iomadh uair dol fada os-ceann aona-chuid diubh, oir b-fhiosrach mi fhein far an robh ceithir agus còig deug thar a fichead air, caochladh bhliadhnaìchean. Bha duine creideasach a bha ’na dheadh thuathanach aig ìnnseadh dhomh, gun robh dà fhichead, uair a’s uair aig’ air; agus bha mi ’toirt làn chreideis dà. Ach fàsaidh buntàtata n’is ro fhearr no cruineachd ’an so, cho fad ’s is fhisorach mise. Ma shuidhichear ann an tràth e, ann an talmh a bhios air ùr ghlanadh, cha neil dà fhichead baraill air a bharaill shìl ’na rud mòr idir, gun todhradh gun ghlanadh gun ùireadh, o’n latha théid e ’san talamh gus an latha thig e ás. Cha neil an t-eòrna a’ freagairt gu math ann, ach fàsaidh seagal fior reachdar annsan agus ann ’s gach àit eile ’an Canada, tha mi’n dùil. Fàsaidh corc fuasach trom laidir ann, mar an ceudna, ach cha neil aca ach droch sheorsa sìl ’s cha mhò tha iad a’ feuchainn ri ’leasachadh; o nach eil ’ga itheadh ach na h-eich, na daimh agus na mucan ’san dùthaich sin, cha’n fhiù leò bhi ’deanamh mòran dragha ris. Tha cuid a’ cur a choirc ìnnseanaich ann cuideachd, ach is bàrr ro neo-chinnteach e ’san àite sin; ma fhreagras a bhliadhna dha, faodaidh e bith gur fhiach e dhragh, ach mur freagair, is gnothach mòr air an fhear aig am bi e, a chur
ri bheò tuille. Cha neil an reòtha sàmhraidh buailteach do’n àite so, is cha mhò tha e mi-fhallain, agus tha buaidh eile air bu leòr a chuir eireachdais air àite sam bith ’an America. Tha uisg’ ann cho math ’sa b-urrainn do dhuine iarraidh; ’saithne dhomh iomadh fuaran ann, a dh’ fhodhnadh a chuir air falbh muilinn beag, a tha tigh’n ’nan cuairteig o’n ghrinneal mar air slinnein Beinn Dobhrain. Tha a choille garbh agus àrd ann, agus mòran sheòrsannan ann d’i, ach tha gu sònruichte fiodh an t-siùcair ro phailt ann.
Ach a dh’ aindeoin gach buaidh mhath a th’ air Goderich, agus a dh’ aindeoin na rinn a Chuideachd air a shon, chuir mòran de na daoine chaidh staigh ann, comain air am fad ’sis baile e, Bha mòran diubh so’ nan daoine saibhir agus iad anbarach tìtheach air math an àite ’chuir air aghaidh, air achd is gun do leig iad a mach an cuid airgid air glanadh fearainn, air togail aitribh, agus air oibribh eile de’n ghnè sin a bha fada fada na bu bhuannachdaile do’n àit, agus do luchd-cosnaidh an àite no bha iad dhoibh fhéin. B-ann diubh so an dà dhuin’ uasal cheanalta Caiptein agus Doctair Dunlop, dà bhràthair a cheannaich, agus a ghlan, fearann air taobh eile na h-aibhne ’tha ’ ruith a staigh do’n acarsaid, aig ceann mu ’thuath a bhaile. ’Se fear dhiubh so’ thaghadh le muinntir naHuron Tract,ann ’sa bhliadhna 1835, a riochdachadh an cùis ’sa Phàrlamaid; ach tha e beul ri bhi cho duilich do Riochdadair an sluagh a thoileachadh ’an sin, ’sa
tha e do’n fhear a bhios a’ sgriobhadh na Gaelic a leughadairean a thoileachadh ’an so; agus tha mi ’tuigsinn gun do chaill an duin’ uasal a chaithir ’san taigh am bliadhna. ’Se fior dhuin’ uasal, agus ciamar a bhiodh e air atharach, smior a ghaeil, a tha criochnachadh riu so air an dàrna taobh; fear Iain Mac Dhòmhnuill de mhuinntir an Eilein Duibh, dlùth air Innernis. Tha oighreachd ghrinn aige-san air bruaich na h-aibhne so, agus oighreachd no dhà eile feadh na dùcha ’bharrach oirre, agus gu’m bu fada slàn, fallain, gus am mealtuinn
E féin ’sa chéile rìbhinneach,
A mhìneag mhalta stuam.
Ach an àm a bhi ’deanamh luaidh air na Gaeil, cionnas a dh’ ainmichinn fear eile air thoiseach air mo sheana chairid, fear a chridhe mhòir ’sa bheòil chumhainn, Uisdean Sisealach; am fear aig an tric a fhuair an coigreach aoidheachd agus an t-acrach lòn, agus carson nach fhaigheadh, ’nuair a bha paillteas aige,
“ ’S ’an uaisle le spiorad air mhireadh ’na chàil,
’S e iriosal, bàigheil, cineadail, còir,”
Gus am furan ’ga ionnsuidh.
Ma thig mo shaothair gu làimh, gabhadh e so uam mar chothar air a mheas a bh’ agam air, mar dhuin’ onarach, mar dheadh choimhearsnach agus mar fhior Ghael.
Tuigidh am fear-ìmrich o so gu’ bheil Gaeil lionmhor ’an Goderich; ach cha né sin amhàin bu mhath leam e ’thuigsinn, ach gu bheil iad a’
deanamh gu math ann mar an ceudna, agus nach b-olc an t-àite do thuille dhiubh e. Tha gach gnè bhìdh e bheir fearann na dùcha uaith soirbh na leòr ri ’thoirt ás an talamh ann, agus cha neil mi ’saoilsinn gu’ bheil àit iasgaich ’san tìr is fhearr noLake Huron.Tha an sgadan mar is trice mu shea-dolair am baraill ann; am flùr mu na phrìs cheudna—buntàta mu choig tasdain am baraill, na h-ùbhlan mu ’n phris cheudna, ’nuair a bhios iad ann—corc ma dhá thasdan an tomhas (34 puinnd) —eòrna trì tasdain (54) —seagal trì tasdain (54) —cruinneachd o thrì tasdain gu dolar (60) —siùcar o ghròta gu tasdan (1) —tea ’o thrì tasdain gu dolar—tombaca o naoidh sgillinnean gu dà thasdan; tha ’m pailteas de’n rud mhosach so a’ fàs ann, ach cha neil iad ’ga dheasachadh mar is nòs leò am Breatann, ach shaoilinn, air a shon sin, nach urrainn a bhlas a bhi ’bheag ni’s miosa ’san dàrna àite no tha e san àit eile. Muic’eoil còig dolair (100) —mairteoil ceithir dolair—muilteoil ro ghann—uibhean ’o ghròta gu tasdan an dusan, ach ochd sgillinn deug ’sa gheamradh—eòin bhliadhta ’o dhà thasdan gu ceithir dolair an ceann—ìm o ochd sgillinnean gu tasdan (1 punnd) —càis o shea sgillinnean gu deich (1).
Tha bathar bog agus cruaidh ni’s daoire ’an so no’n àite sam bith eile ’san dùthaich. ’Se ’s coireach ri sin, gur e baile ’s aìrde ’san duthaich.
title | 11 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |