BEACHDAN M’A AMERICA, &c .
Rinn mi nis an t-iùl air fad-fiaraidh na dùcha d’ an luchd-ìmrich, ach ged a rinn, tha fios agam nach drinn mi na bu mhath leo uile gu léir, agus gun abair iad rium, “o’n a rinn thu ’n réis dean an oirlich,” on a rinn thu ’n t-iùl duinn do’n dùthaich innis dhuinn cò an t-àite dh’ i ’san còir dhuinn tàmh a ghabhail; ach faodaidh cuimhne bhi aig an Leughadair, nach do ghabh mi os-làimh so a dheanamh ’an toiseach mo leabhrain, agus gu dearbh ’se aon de na nitheana mu dheireadh bu mhath leam a chuir mar fhiachan orm. Ach ged nach do gheall mi so a dheanamh, tha mi cho tìtheach, air na h-uile riarachadh is urrainn domh a thoirt do mo luchd-dùcha, is gun leig mi ris daibh mo bheachd air a chùis sin mar an ceudna: mo bheachd a deiream, oir ’se mo bheachd is cha ’n i mo chomhairle ’bheir mi seachad, agus tha mi ’g ìnnseadh gu follaiseach nach eil mi ’g iarraidh am beachd ceudna, a sparradh no ’chalcadh an ceann no ’n cridhe fir sam bith, ni’s fhaide no dh’ fhosglas fhiosrachadh féin, agus seadh cudthromach nan reusan a chuireas mise ’na làthair, bealach dhoibh.
Do fhear an teaghlaich, ma ta, ’se mo bheachd-sa gur i Canada Uachdrach dùthaich is fhearr a ’tha aig Breatann ann an America, agus is iad na ceàrnan àraidh a chotharaichinn a mach dha air thoiseach air càch uile, Home District, London District,no anHuron Tract. ’Se mo reusan,
is cudthromaich’ arson roghainn a dheanamh de Chanada Uachdrach mar dhùthaich, gur ann innte a tha ’m fearann is fhearr, agus nach eil an geàmhradh cho fada no uile gu léir cha fuar innte, ’sa tha e ann an Canada Iochdrach, ’an Nova Scotia, ’an Cape Breton, &c . Aig feothas a fearainn a bharrachd air na dùchannan a dh’ ainmich mi, faodaidh cruineachd, cularain, tombaca, agus mar sin sios, a bhi’fàs do’n fhear a bhios ’an Canada Uachdrach, am feadh nach bi acasan a bhios ag àiteachadh nan dùchannan eile ach maothranan meanbha de bhuntàta bog, sleamhuinn, agus deiriolean aotrom de chorc crion, còsach, a dh’ abuicheas an reòtha sàmhraidh, theagamh, ceithir latha deug roi’ lùnasdainn. Agus ’se mò reusan is cudromaiche, airson nan àitean àraidh dh’ i, a chotharaich mi’ mach, a roghnachadh, gum beil fearann ni’s fhearr annta no tha ’n iochdar na dùcha, agus nach eil iad cho fuar, gu’m beil fonn ni’s fhearr annta no tha’ sanWestern District,agus nach eil iad cho mi-fhallain no idir cho buailteach do reotha sàmhraidh. Ach cha bu mhath leam air son so uìle, gun saoileadh mo luchd leughaidh gur dùthaich bhlà Canada Uachdrach ’sa gheàmhradh; cha nèadh, is fhad a ghabh sin uaipe; agus faodaidh am fear nach robh riamh á Albuinn a bhi’ bruidhinn, a’ leughadh, smuaineachadh ’sa bruadaireadh air fuachd gus an liath e, ach ri bheò shaoghal cha tuig e meud an fhuachd a tha ’n Canada gus am fairich se e fheìn airneo fuachd eile cho mòr ris.
Dh’ fhairich mo chluasan-sa roi’ so e, ach ged a dh’ fhairich, cha neil cainnt agam gus a chruas a chuir an cèill, a ràdh na firinn, cha neil a Ghaelig comasach air a chuir an céill, agus o nach eil, thug mise dùil-thairis gu’ bheil cainnt eile ann an ni e. Ach ged nach eil mise, no mo chainnt, murrach air a phlatha is teagmhaiche de theanndachd a riochdachadh do m’ luchd-dùcha, gidheadh, o’n chaith mi trì gheamhraidhean fada fada, ’m fearann tiorail Cuideachd Chanada uaireiginn, gabhaidh mi oslàimh fad gach geamhraidh fa-leth dhiubh sin ìnnseadh dhoibh. Mhair a cheud aon diubh so sea miosan air a shùil; ’se sin, thòisich a ghaillionn air an t-seachdamh latha fichead de mhios mu dheireadh an fhoghair, agus air an t-seachdamh latha fichead de mhios mu dheireadh an earraich bha a chuid bu mhò de’n talamh ris—mhair an dàrna aon diubh so dìreach trì miosan agus seachd làithean; ’se sin, thòisich a ghaillionn air a cheud latha de mhios meadhonach a gheàmhraidh agus air an t-seachdamh latha de’n Mhàrt, ’se glè bheag a bha làthair d’i— mhair an treas geamhradh dhiubh so còig miosan a’s beagan làithean, thòisich a ghaillionn air-san mu latha Sàmhna agus dh’ fhalbh i air a cheud seachdainn de’n Ghiblean. Nis ged bha na geamhraidhean so fada, a bharrachd air a bhi fuar, cha tigeadh iad an gaire, an aona-chuid de’n dithis, do mar a bha iad ’an iochdair na dùcha; agus ’sann a tha daoine ’theid suas á Canada Iochdrach agus àiteachan
mar sin, a’ faotuinn faochaidh cotharaichte, ri linn na h-ìmriche, thaobh fuinn agus aimsreach. Ach ged a tha e soilleir do na h-uile neach a shiùbhlas America Breatannach, gur i Canada Uachdrach dùthaich is fhear dh’ i, air-son an fhir aig am bi teaghlach ’sa bhios a’ cuir roimhe dachaidh bunaiteach a dheanamh dha fhéin agus do’n iarmad a thig ’na dhéigh, dh’ fhairslich orm riamh a thuigsinn carson a bhiodh i ni ’b-fhearr no àite sam bith eile ’san dùthaich do’n fhear a tha ’cuir ùidh ’sa chosnadh, agus nach eil ach a’ feuchuinn ciod é am bruanan airgid a bhios aig air a chnuasachadh aig ceann na bliadhna. Tha tuarasdal math ri fhaotuinn gun teagamh an cuid de Chanada Uachdrach, ach ma thà tha h-uile ni eile daor do réir sin, agus ’nuair a chuireas neach an dà chuid mu choinneamh a chéile, cha mhòr nach saoilinn nam biodh cosnadh cùnbhalach aig fear an àite sam bith eile ’n America, gu’m faodadh e deanamh cho math ann ’sa dheanadh é ’an Canada Uachdrach. Cha neil ag nach eil gleadhadh math air seirbhisich ann an àitibh tha greis suidhichte ’n sin, ach ma ’se lòn sòghail a bhios a dhìth air neach, ’si comhairle ’bheirinn air, e ’dhol a null am measg nan Yankach, oir cha dean Canada gille màileid do ’na Staidibh ’san t-seadh sin. Tha mi’ creidsinn nach biodh a bheag a dh’ aobhar aig’ a bhi’ di-moladh na h-iomlaide air dhòigh idir, oir tha oibrean’ dol air aghart ’an sin na h-uile latha deug ’sa bhliadhna, agus tuarasdal ni’s fhearr no tha air an taobh
againn de’n chrìch. Theid meas agus modh duin’ uasail a thoirt do’n chosnach ’an sin. Ged a b-e an Ridir mòr I— M— R— a mhaighstir suidhich e air an aon bhòrd ris, agus cha sealla[ ? ] idir sios air air-son e bhi ’na dhuine bochd, ma’s duine dìchiollach, onarach e, aig am bi giùlan math air fhein ’na ghairm mar chosnach, ’s ghluaiseas e fhein gu neo-oilbheumach do cho-fhlaitheachd na tìre ’s do’n teaghlach ’sam bi [ ? ] ’tuineachadh, agus osbàrr a ni e fein feumail do’ [ ? ] tì a thuarasdalaicheas e. Agus cha ’n ann do luchd-cosnaidh amhàin tha na Staidean freagarach; ’nuair a ghabhas mi gach cothrom a tha air an dà thaobh gum’ smuaineachadh, tha mi air mo cho-èigneachadh gu bhi de bharail, gu’ bheil roinn de ’na Staidean ni’s fhearr air-son duine tapaidh, eòlach, aig am bi cuibhrinn mhath airgid gus tòiseachadh ann, no tha gréim idir de chòirichean Bhreatainn. ’Si Stàid Ohio agus roinn de Staid Michigan, gun teagamh ’sam bith cearna ’s freagaraiche do Bhreatannach, a thaobh aimsreach, a tha eadar dà cheann America; agus tha e ni’s soirbhe fearann a cheannachadh ’an sin no tha e ’an còirichean na Ban-righ. Tha fearann Chanada air a reiceadh cho àrd ri dolar is tri chairteil, ’nuair nach eil fearann nan Stàid ach dolar is cairteal amhàin. Agus tha na’ Yankaich ’toirt cothrom eile do dhaoine ’an car fearainn a cheannachadh, ’se sin, ma phàigheas neach an còigeamh de luach an fhearainn ’nuair a ghabhas e seilbh ann, gheibh e còig bliadhna
dhàlach, gus an còrr a phàigheadh ’na chòig earainnan, earainn le ’riadh an ceann na bliadhna. Bithidh e feumail dhomh a thoirt fainear, ’san àite so, gu’m bheil a Chuideachd Chanadach a’ leantuinn na riaghailt so, ach se dòigh air am bheil fearann na Ban-rìgh ri ’shealbhachadh, còig puinnd shasunnach, de’n luach, iocadh ’an seasamh nam bonn, agus an t-iomlan de’n chòrr ochd latha o’n latha sin, airneo bithidh am fearann ’sna còig puinnd maille ris aig luchd-gnothaich na Ban-rìgh, agus gheibh am fear ìmrich a chead a bhi ’sealltuinn mu chaisbheart. Cha ’n urrainn do dhuine neo-chlaon-bhreathach ’sam bith, a chì an dà dhùthaich, àicheadh nach eil na Staidean a’ tighinn air an aghaidh anbarach brais seach mar a tha Canada, oir b-urrainn domh bailtean ainmeachadh ann, a chaidh a shuidheachadh air an aon bhliadhna ri baile mòr na Cuideachd, o’m beil an diugh trì rathaidean iaruinn a’ falbh, agus ann ’sam beil dà phaipeir naigheachd, a bharrachd air farbhasan beaga, air an clò-bhualadh gach seachdain. Faodaidh am fear a cheannaich àite ’san nàbuidheachd sin ’o cheann dà bhliadhna dheug air crùn an acair, a reiceadh a nis air seachd puinnd no math-dh’aoite air dà phunnd deug an acair, a thuille air feum an fhearainn a bhi aige, am feadh a bha’ chuid airgid na laidhe ann. Agus ciod é is cionfàth air sin uile, ach a mheud ’sa tha ’dol ann de luchd ìmrich, agus no’m faigheadh am beagan chàirdean dealaidh, a tha fhathasd beò aig na Gaeil, an dùrachd, air
chor is gun rachadh a chùis a bha iad a’ tagradh dhoibh, agus a chùis, tha dòchus agam, a bhios iad a’ tagradh fathast dhoibh, leò, bheothaicheadh Canada air achd is gu ’m bitheadh i ’na h-àilleagan aig Breatann, ’na h-onoir do luchd tagraidh nan Gael, agus ’na dachaidh sàsda, seasgair, saibhir d’an fhear-ìmrich. A chum a chùis so ’thoirt mu’n cuairt, cha neil Gael bochd eadar Cluaith a’s taigh Iain-Ghròt, do nach bu chòir an aon ghaoir a thogail an cluasaibh àrd riaghlairean na Rioghachd, air-son aisig a nasgaidh fhotainn a null agus fearann a nasgaidh ’nuair a ruigeadh iad, agus tuille cha’n iarrainn am fear do nach fodhainnn sin cha ’n fhiù e a thoirt o’n ghriosaich. Togadh iadsan an caoirean gearanach so, mata, agus na biodh cùram orra nach tuigear e, oir giùlainidh fannan fòil de dh’ oiteig fhallain nam beann e, gun truailleadh, troi’ gach gàbhadh, clàbraid a’s othail, gus, ma-dheireadh-thall, an seirm e gu h-oscara fonn’ar ann an cluais deis Victoria. Na cuireadh iad mac màthar do pharlamaid, agus cha mhòr nach abrainn do chùbaid, mur bi e air-son ìmrich shaor agus fearann a nasgaidh ’thoirt do’n t-sluagh, agus na gabhadh iad clos no suaimhneas gus am faigh iad do dhùthaich a tha feumach orra agus do dhùthaich air am beil feum aca agus fàgadh iad “bodaich nam briogais,” na madaidh, agus na caoraich mhòra, gus a bhi ’deanamh balg-ri-gréin air aghaidh nam brudhaichean.
title | 12 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |