MU THAGHADH FEARAINN, &c .
’An àm a bhi tùradh air a ghnothach chudthromach so, cha’n fheum sinn cleas nan sgriobhairean Gallda ’dheanamh, a théid a null do dh’ America ’sa ruitheas troi’ ’n dùthaich mar gum biodh cearc-ghuir air greidil theith ann, ’sa thig an sin a nall agus a dh’éigheas àird an ceann ’san cluas, nach eil taghadh ri dheanamh air fearann America, ach far an gairbhe tha choille ’fàs. No’m b-ann mar so bhiodh a chùis, chaomhnadh e beagan de mo dhraghsa agus mòran de bhur saothair-se; ach o nach ann, cha ghearain mise air-son mo dragha féin uile ma’s urrainn domh ach ’ur saothair-sa lughdachadh. Ach an àit a choille ìs truime bhi air an fhearann is fhearr, ’sann a tha i mar is trice air ann fhearann is miosa; cha neil mi ’g ràdh gur e grùnnd is miosa na’m biodh seòl air feum a thoirt ás, ach ciod is fheairde sibhse no mise sin, ’nuair nach tig-dìlinn an latha a b-urrainn duinn luach cinn cudaig a mhath a dheanamh dheth? A choille is gairbhe ’chunnaic mise, no fear eile tha mi ’saoilsin, ’an America, ’sann a bha i ’fàs air talamh marbhanta, fliuch, iosal, air am faodadh duine bhi ’g obair deich bliadhna, mu’m faigheadh e, luach na dh’itheadh e ’n aon bhliadhna dhiubh sin, ás. Tha gu h-àraidh darach fuasach trom, ro thrice air a shamhuil so de thalamh, maille ri caochladh sheòrsana giuthais agus seudar—siùcar bog, bèithe buidhe, agus leamhan lòin; fiodhana ’chomhairlichinn do dhuine sheachnadh air na h-
uile cor, gu sònraichte ma bhios gach seòrs’ a dh’ainmich mi a’ fàs dlù do chéile. Roghnaicheadh am fear ìmrich am fearann air am faic e ’na seòrsana de dh’fhiodh cruaidh a leanas: —an crann siùcair, an crànn-bhile, an t-uiseann bàn, an leamhan dubh, an leamhan dearg, an leamhan ronnach, a ghall-chnò, a chnò ime, an crann còsach, agus an crann sirist. Ma gheibh neach gach gnè dhiubh sin a dh’ainmich mi, a’ fàs air feadh a chéile air mìr de dh’fhearann còmhnard, tioram, ma bhios gach goireas eile ga réir, cha’n urrainn d’a bhi fad a’m mearachd; gidheadh, bu mhath leam gu’m be ’n crann siùcair bu lionmhoire ann gu mòr; agus gum biodh na craobhan àrd, réidh, dìreach, agus bàrr sùghar, bogar, orr’ agus na duilleagan ac’ anbarach snuaghar, maoth. No’m faighte ’choille mar so, ’se cothar is fhearr air a ghrunnd no i bhi garbh, (ged a tha i garbh, agus ro gharbh far am bhi i mar so cuideachd); agus mar is gairbhe shligiche ’chithear a chairt air a chrann shiùcair ’se cothar is fhearr, ach mar is luime ghuirme ’bhios i air a bheech ’se feothas na cuise e. Far am bi gach fiodh a dh’ainmich mi air feadh a chéile, is còir do na craobhan am bitheantas a bhi o leth cheud gu trì fichead troidh air fad o’m bun gu ruig na geugan is ìsle, gu sònruichte an leamhan an t-uinseann bàn agus an còs-chrann; trì seòrsan tha ro fheumail air-son challaidean. Far am bi iad so uile cha chòir do’n choille-làir a bhi ach ro thana ann cuideachd. Ach ged a dh’aithnichear am fearann math air an
dòigh so, tha dòigheannan eile air an aithnichear e thuille oirre: —tha craobhan an comhnuidh dol thairis leis an stoirm feadh na coille, agus ma sheallas neach air-son àite ’sna thachair a leithid sin, chì e ciod é an seòrsa fuinn a bhìos ann, le dhà shuil, gun a bhi ’n comain duin’ eile air-son innseadh dhà. ’Se ’n gliocas do’n fhear-ìmrich sealltainn amach am beil uisge math air an fhéarann a bhios e ceannachadh; mur bi uisge air a bheir dùbhlan do thàrt an t-sàmhraidh agus do reòtha gheamhraidh cha’n fhaigh e mòr thoileachacha dheth. Feumaidh e aire ’thoirt mar an ceudna gum bi cnocan tioram àrd air; goireasach ris an uisg’ far am faigh e taigh agus seillear a dheanamh, agus deanadh e ’chruaidh dhìchioll air a bhi fagus do rathad mòr, do bhaile, agus seach na h-uile nì, do mhuileann.
title | 13 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |