MU GHLANADH FEARAINN, &c .
Tha cuid de na Gaeil an dùil gur obair anbarrach spàirneil fearann a réiteachadh ann an America, agus tha cuid eile dhiubh an dùil nach eil ann ach rud nach eil idir doirbh a dheanamh. Nach iongantach an gnothach, ma-ta, nach eil aon de ’na buidhnean so ann an mearachd? Oir tha fearann a ghlanadh ann an America ’na obair anbarach uile goirt, ’se sin ri ràdh, mur gabhar an dòigh cheart air; agus, air an làimh eile, cha neil e ro dhuilich, do’n fhear is aithne ciamar is
còir dha a dheanamh. Cha bhi fhios aig’ an fhear imrich air sin, nuair a ruigeas e, agus ciamar a bhitheadh? rud ris nach d’ fheuch e riamh; agus ris nach fhac e a bhi ’feuchuinn. Ach mur bi fhios aige fhein air, is iomadh fear eòlach a bhios deas gus a chòmhnadh le chomhairle a cheud latha a thòisicheas e air an obair sin; dà fhear dheug agus comhairle air leth aig gach fear. O’n a chuireas “griobhag, briot a’s gusgal neach ’na bhreislich,” bheir mise mo chomhairle fhéin dha mus an cruinnich càch.
Gabhadh am fear ìmrich mo chomhairle-sa agus na toireadh e feart’ air comhairle sam bith eile gus am faic e am freagair an té tha mise cuir roimhe, ’se sin, e a ghearradh na coille-làir mus an tuit an duilleach dhi ’as t-fhoghar, agus e ’ga trusadh ’na torran sgiobalta dòigheil air muin a chéile, agus cuimhnicheadh e gun gabh e mo chomhairle ’sa gearradh lom gu leòr. Mur téid a gearradh leis an duillich cha bhi teine furasd fhadadh innt, agus mur teid a gearradh lom, gabhaidh i roimh na h-uile ni thig ’na rathad agus is fheudar a gearrach an dara h-uair. ’Nuair a thòisichear ri leagadh na coille mhoìr, is fheudar a chuimhneachadh nach eil ’na leagadh ach ceann aotrom na cùise, gur e a tòrradh air a chéile ’sam beil a chuid is mò de’n obair a’ co-sheasamh, agus o’n is ann gur còir sealtuinn a mach ann an àm. Is còir ’an còmhnuidh dearcadh cionnas a gheibhear trì no ceithir dhiubh a leagadh ri taobh a chéile, ma’s comasach e,
air achd is nach bi gearradh no carachadh tuilleadh, ri dheanamh orra; oir a mheud diubh is nach leagar mar so, feumar an gearradh ann an ceithir no’n còig troidhe deug a dh’fhad, agus an tarruing a dh’ionnsaidh an aon àite le daimh. Chithear o so, gun caomhnar dragh an gearradh agus dragh an torradh, ann an tomhas mòr, ma leagar air an dòigh cheairt iad. Agus cha’n iad na buin, amhàin, fhaotainn ceart ris an éiginn dearcadh. Is fheudar beachdachadh ann san àm cheudna ciamar a gheibhear na barran aca cuideachd; oir mur sgathar a bharrach sios gu mìn leis an tuaigh, agus mur càirear suas gu dlù, dòigheil, air a chéile i, cha mhòr nach bi i co draghail ris a chuid eile. Ma bhios neach deònach a chraobh a leagadh ris an àirde deas, tòisicheadh e air a ’gearradh air an taobh deas an toiseach, agus gearradh a troimhpe gu math seachad air a meadhon i, rachadh e ’n sin a dh’ionnsaidh na taoibh tuath dh’i, agus cumadh e ’n gearradh beagan ni’s àirde innt’, agus mar sin, ma bhios e seòlta, gheibh e a cuir an taobh is àil leis. ’Se na h-uile craobh is mò, is còir a leagadh an toiseach, mur bi iad freagarach gus an sgoltadh air-son challaidean; ach ma bhitheas, ’si dòigh is fhearr am fàgail ’nan seasamh gu deireadh. Feumar fiodh nan callaid a ghearradh cho goirid ri dà throidh dheug, air chor is gu’m bi e ni’s soirbhe is sgoltadh, agus ni’s freagaraiche air-son an fheuma sin. ’Se ceithir oirlich air tiuighead ’sam bithear ’gan sgoltadh so; agus ’se leth-dolar
an ceud is àbhaist doibh a bhi ’gabhail air-son an deanamh. Tha an acair choille ’cosdadh o shea gu naoidh dolair air-son a gearradh, agus mu uiread eile sin air-son a losgadh ’sa dùnadh. Cha bhi am fear ìmrich air ùr ruigeachd ach fior chearbach air na h-uile cuid diubh so, agus ó’n tha ’n gearradh, gu sònruichte, ’na obair chunnartaich, is còir dha bhi faicilleach, gu h-àraidh ’an am a bhi ’leagadh craoibhe, oir ceart co luath ’sa dh’fhalbhas i bhàrr a buinn, theagamh gur cam gach còdhail dh’i ach a dhol an sàs ann an te no dhà eile a dh’aomas i roimhpe leth rathaid a dh’ionnsuidh an làir, agus an sin, ma gheibh iad an cead, spreadhaidh iad air an ais a cheart cho fada gu’n cùl, a’ froiseadh mheangan ’us ghagan ’us gheug, air an àm cheudna mu chluasan neach, cho luath ’us cho lionmhor ’sa chaidh dòrlach shaighdean a stiùireadh riamh o na “taifeidean cainbe” mu ’n cheanna-bheairt aig Don Quixote. ’Se grad leumadh air cùl craoibh’ eile a chomhairlichinn do neach a bhiodh sa’ ghàbhadh so, oir tha an dàrna té ceart co comasach air a dhionadh ’sa tha ’n té eile air cuir ás da. Tha neach a bhios na choigreach air an tuaigh fuasach ullamh air e fein a mhilleadh leath’, an tùs, mar an ceudna. Chunnaic an “Ceann Iuil” feadhainn a chuir mìr de’n bhròig, leis na h-òrdagan, gu taobh eil’ a bhaile’ dh’aon sguidseadh. Chunnaic e feadhainn eile, a fuaigheal na bròige, na coise, agus na craoibhe ri chéile leis an tuaigh, gus an spionta ás i le neart sgròbaidh. A chum gach
tubaist de’n ghné so a sheachnadh, co fad ’sa ghabhas, is còir do’n fhear ìmrich gach cùis a ghabhail anbarach socrach, gun dad cabhaig a bhi air. ’Sann mar sin is fhearr a dh’ionnsaicheas e, agus is ann is mò a nì e cuideachd, oir cha dean griobhag agus briogarlaineachd bheaga, obair America ’thoirt gu crìch idir. Cuimhnicheadh e nach h-obair an diugh ’sam màireach, no obair am bliadhna ’san ath-bhliadhna, air am bheil e ’tionnsgnadh a nis, ach obair a chumas ris am fad ’sis beò e, agus cha ’né sín amhàin, ach nach bi leth criochnaichte ’nuair a gheibh e ’m bàs. Coma, cha neil sin ag ràdh nach bi easan gu math oirre; ’sé a bhitheas, agus mar is aineolaiche oirr’ an tùs e, ’se sin feothas na cùise, oir ged is gnothach iongantach le cuid e, tha h-uile cinnte, nach robh, nach eil, agus nach bi, am fear a bhios cleachdta ris an tuaigh aig an taigh, math oirre an déigh dha dol a dh’America: bithidh e dìreach cosmhuil ri migearlan balaich, a bheireadh còig bliadhna ann an droch sgoil, oir ’s usadh deadh sgoilear a dheanamh de’n mhaothran aig nach eil an A, B, C, no trian de’n t-sean droch dhòigh a chuir á cheann-sa. ’Se ’n geamhradh aimisir gearraidh is fhearr gu mòr. Bithidh am fiodh-cruaidh ni’s buige ’san àm sin leis an reotha, agus cha bhi e idir cho righinn no cho doirbh ri chuir ás a chéile, ’sa bhios e ’san t-sàmhradh. Is tric leis an aimisir a bhi cho fionnar sa’ gheamhradh cuideachd is nach bi an gearradair an cunnart mòran fallais a chuir dh’e. Gabhaidh e o ochd
latha gu dà latha dheug a ghearradh acrach gu ceart, do làimh eòlaich, fhoghainntich; ach dh’ fheumadh fear-ìmrich air ùr ’dhol ’ás an t-sean-dùthaich ochd latha deug ’ga h-ionnsaidh, agus cha bhoidh i ceart aig’ an deigh sin uile; tha an tuagh na h-obair chigilltich, ’se ’thigeadh oirre “fear a bhiodh mar cheaird rithe sònruichte.”
Cha ruig neach leas oidheirp a ’thoirt air a choille ’losgadh am feasd gus an tig teas an earraich gu math a staigh, agus gus an saoil e gu’m bi h-uile ni, chí a shùil, an impis teine ’ghabhail leis fhéin, mar cuirear ris air dhòigh eile e. ’Si a bharrach a cheud rud air am feuchar an gealbhan, agus mur bi i tioram ni’s leòr, agus drothan math gaoith ann, is coirbt’ an obair i: is miosa i deich uaire fichead no falaisg an fhraoich. Cha bhi ciabh no maladh, air fear a bhios ris an obair so, nach bi dòthta cho ruagh ri bus a bhuilg-shéididh. Nuair a gheibhear a bharrach loisgte ’se ’n ath rud air an toirear làmh a choille mhòr a chàrnadh. Feumaidh an obair so ceithir dhaoine agus cuing dhamh a bhi còluath rithe. Is còir do sgioba de’n àireamh sin, acair a bhios air a leagadh agus air a gearradh ceart, a chuir cruinn ann a’ mu thuaiream còig tòrr deug thar a fichead, ann an latha. Ach ’se dòigh is bitheanta, na bhios a dhaoine, ’s de dhaimh, ann an nàbuidheachd, ’chruinneachadh air aon latha, dh’ ionnsuidh gnothaich de’n ghné sin. Gach còigeamh fear a bhi ’n urradh ris na daimh oibreachadh, agus a sgioba féin aig gach fear air leth,
gus na maidean a chàramh suas air a chéile, ’nuair a bheir easan h-uca leis na daimh iad. Faodaidh neach a bharalachadh gur obair shundach i so, gu h-àraidh, ’nuair a thuigeas e gu’m bi fear còrr air an achadh. Fear corr! ach ciod é a bhios easan a’ deanamh? An gille glan! Bithidh a’ falbh mu’n cuairt cho luath ’sa bheir a dhà chois e ’sag éibheachadh “grog, grog,” o mhuch gu dubh, gus an tùch air. Bithidh cuinneag mhòr, làn de dh’ “uisge luathrui’ch an lòin” aige ’san dàrna làimh, agus té eile, h-uile buille cho mòr rithe, ’san làimh eile, làn de stuth-na-tòiseachd —— bi’dh còrn thoirteil a’ plumanaich air a h-uachdar so, ceart mar gum bitheadh sia-ramach bheag air acair ann an long-phort Gaeleach ann, agus togaidh gach fear, a dh’ionnsuidh an tig an “grog Boss,” làn, agus sùgaidh e sud leis—bheir e, an sin, sraonadh gus ionnladh—beòil fhaotainn de’n uisge, ach tha tubaisdean cho buailteach do dhaoinibh ’an sin ’sa tha iad ’an àitean eile, agus is co dòcha gur e ’thogas e còrn eile de’n stuth cheudna. Bithidh gach goireas eile ’ga réir sin fad an latha, ach ’nuair ’thig an òidhche, bi’dh rud nach suail ann. Gabhaidh na suinn an suipeir, agus gabhaidh iad gu math i cuideachd, agus b-olc an airìdh mur a gabhadh, oir is tric leatha a bhi co math is nach ruigear leas a bhi ’gan earail thuice; gu sònruicht’, o’n bhios an gàirdeanan, ’san dromannan fhéin, ag ìnnseadh dhoibh gur math a choisinn iad i. Tòisichidh, an sin, an stuth milis ri dhol
m’an cuairt. Se ’n t-òran an ath fhearas chuideachd air an tùirear. An sin deoch-slàinte, agus, o cheum gu ceum, gus mu dheireadh, am bi iad a’ piocadh nan sùl á chéile. ’Se so cuideachd an dòigh air an tric leò cruinneachadh agus dealachadh m’a thogail aitreibh. Ach ma ghabhas am fear-ìmrich mo chomhairle théid e dhachaidh mus an tòisich am buala-chnap.
Gu pilleadh dh’ionnsaidh mo ghnothaich, ’nuair a gheibhear am fiodh cruachta cuirear teine air mullach gach cruaich, agus cumar thuige e gus an caith e an t-sliseag mu dheireadh dh’i. Is fheudar gach bioran, sliseag, a’s duilleag, a bhios air an talamh a sgriobadh ri chéile ’nan dùnain, an sin, agus teine chuir riu mar ris a chuid eile; agus na h-uile faicill a thoirt g’an sgaoilear an luath mus an tig uisg oirre; oir ma nighear a brìgh aiste, air an àit air an téid a losgadh, cha mhòr a dh’fhàsas ás a bhliadhna sin. ’Nuair a bhios gach tùrn a dh’ainmich mi ullamh, cha bhi de mhaille air neach gun an talamh a chur, ach fhad ’sa bhios e ’deanamh callaide mu’n cuairt air: fanadh trì troidhean de gach stoc ’san raon, gu bhi ’togail fianuise, air “dìchioll gniomha thuathanach.”
title | 14 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |