MU BHARR, &c .

Nuair a bhios fearann America air uidheamachadhsan dòigh ann san dfhàg sinn e, fon


[83]

cheann a bha againn mu dheireadh, faodaidh an tuathanach siol sam bith debheil iad adeanamh feumasan dùthaich a chuir ann. Mase cruineachd a chuireas e ann, bidh ochd galain (trì fichead punnd) shìl nis leòr airson na h-acrach; ach mas e corc a bhios ecur ann, chan uilear don acair beul ri sèa galain dheug (68) shìl. ’Sann o thoiseach a Chéitein gu deireadh a mhìos-mheadhonaich a bhithear acur a choirce, agus bithidh e an còmhnuidh abuich o thrì gu ceithir miosan an déigh sin; ach tha sheòrsa chruineachd aca— ’se sin, seòrsabhithear acuras t-earrach, agus fear eile is gnà leò bhicuras t-fhoghar. Bithidh iad acur a chruineachd fhoghair, gach uair a thàireas iad, o Lùnasdainn, gus an cuir a ghaillionn stad orra; achse am mìos-meadhonach tràth is fhearr thafreagairt. Ma chuirear nis tràith no sin e, bithidh en cunnart malcadh fon t-sneachd sagheàmhradh; agus ma bhitheas e nis fhadalaiche, bithidh en cunnart bàsachadh leis an reòtha, mus an tig an sneachd air, agus an déigh dha falbh dheth. Is còir don chruineachd a churar mar so, mu mheadhon an fhoghair, a bhi deas air-son a chorrain, ma fhreagaireas a bhliadhna dha, air a mhìos mu dheireadh den ath shàmhradh. Ach cha toir am fear earraich ach mu thrì mìosan san talamh uile gu leir, eadar a chursa bhuain. Ge be seòrsa dheth-san, no de shiol sam bith eile, saor on chorc-Innseanachs on bhuntàta, bhithear acur ann, chan eil dad ri dheanamh ach an siol


[84]

a chur air uachdar an talmhainn, ’s a chliathadh; agus tha cuid de dhaoine purpasach ag ràdh, nach còir mòran cliathaidh fhéin a dheanamh air. Chan urrainn domh barail sam biththoirt don leughadair ciod en toradh ris am faodadh fiughair a bhi aige, bhàrr acrach, a dhaona-chuid den chruineachd fhoghair, no den chruineachd earraich. Tha cuid a dhuairean beul ri -fhichead peic air a pheic shìl, agus uairean eile deich peiceannan; ach -dhiù, tha fios agam, far am bi bàrr math den fhear fhoghair, gubheil e fada air thoiseach air an fhear earraich, agus, ma chuirearan tràth ceart e, de shiol ceart, ann an talamh ùr, nach bu chòir dha bhi fo fhichead peic. Far am fàs an cruineachd gu math, ’se siol is feumaile agus is buannaichdaile tha an tuathanach acuran Canada.

Sen aon dòigh air am bithear asuidheachadh a choirc-Innseanaich agus a bhuntàta, ann an talamh ùran America. Gabhaidh iad fàl-fuinn, agus togaidh iad beum den talamh; tilgidh iad dhà no thrì shùilean ann, agus leagaidh iad leis an talamh tuiteam a rìs air uachdar; agus mar sin air aghaidh, mu thuirmeachd gach da throidhe o chéile, gus am bi iad thairis air an raon. ’Nuair a nochdas e beagan oirlich a mach ás an talamh, ruithidh iad thairis air a rìs, agus togaidh iad an ùir uime; agus car no cuirean, ach sin, chan fhaigh e gus an togar e gus a chuirsa phoit. Ach tha muinntear eile a thadeanamh na h-aon saothrach deth— ’se sin, atogail na h-ùrach mun


[85]

cuairt danuair a shuidhicheas iad e; agus nach seall tuilleadh ris, gus an cuir miann buntàta, air-neo an t-acras, iad a dhfhaicinn am bi dad ri bhun. ’Se o dheireadh a Chéitein, gu ruig an còigibh-latha-fichead den mhìos mheadhonach, àm is freagaraiche gus an buntàtashuidheachadhan Canada Uachdrach; agus ma fhreagaireas a bhliadhna dha, ach siol math a chur, faodaidh -fhichead baraill a bhi air a bharaille shìl. Gidheadh, cha bu mhath leam gun saoileadh am fear-imrich gum faodadh sùil a bhi aige h-uile bliadhna ri sin; ach tha min dùil, air a shon sin, gur aineamh leis a bhi fo fhichead baraill, gu sònruichte ma gheibh en ceartas bu chòir dha. ’Sen t-aon ni is fhaide than aghaidh bhuntata ann an America, cho duilichsa tha e righleadhadh on reotha sagheamhradh. Ma sann an seillear a chuirear e, tha e fuasach ullamh air dol a dholuith, air aon seòl no seòl eile; agus ma sann an slùichd a chuirear e, tha e anabarach duilich shàbhaladh cuideach. Ma thig an reòtha mus an laidh an sneachda toiseach a gheamhraidh, ruigidh se e, ged bhiodh mòran talmhainn air. Ma thig an reòtha as t-earrach, an déigh don t-sneachda falbh, ruigidh se e mar an ceudna. Ma chuirear mòran talmhainn air, is gun laidh an sneachda ro throm air còlath ri sin, gabhaidh e teas agus grodaidh e. Mur cuirear air ach beagan talmhainn, agus nach laidh an sneachda air, cha bhi dol ás idir aige. Mar so, is rud cigillteach agus buileach neo-chìnnteach e.


[86]

Gidheadh, ma gheibhear a shàbhaladh idir, tha ena bhàr ro fheumail ann an dùthaich ùir; oir chan fheumar a dhol, aona-chuid, gu àth no muileann leis.

Sann toiseach a mhìos mheadhonaich a bhithearcur a choirc-Innseanaich, no an eòrna-mhòir, mar a their na Gaeil ris ann an America. Chan eil pòr idir cho dis ris-an an toiseach. Cuiridh an sùgh reòdhaidh is lugha gu tur ás da. Agus chan ann an toiseach a mhàin a dhfheumadh em blàsga chòlachadh, ach na h-uile ial gus am biodh e làn abuich. ’Se talamh eutrom gainmhich is freagaraichair a shon, agus àite teith fa comhair na grèine. Chan iarr e todhar sam bith; agus cha mhò, ’tha mim barail, gun iarradh e boinnuisge fhaicinn on latha theid esan talamh gus an latha thig e ás. Ceart co luathsa nochdas e mach ás an ùir, fàsaidh e; agus fàsaidh e da rìreadh. Bidh a bhileagan maotha nis buiges nis sughaire no càl an iuchrach, agus mòran, mòran nis snuaghaire agus nis àillidh dreach no biolairen fhuarain. Ma bhitheas an aimisir cho teith is gun toir grian a mheadhon-latha air liùgadh, ’se sin an rud a thig ris. Birichidh echluasan mu fheasgar, agus sìnidh e gu h-iongantach, ionnas gubheil e iomadh uair aruigheachd a ceithir, a coig, agus cuid a dhuairean sèa troidh deug a dhàird. Ged tha an dias anbarach uile tròm air, tha an coinlein garbh da réir, air achd is gubheil eseasamh dìreach air a bhonn, rud-eiginn cosmhuil ri coille òg ghiudhais. ’Se


[87]

dòigh buainidh thacair, ’nuair a thig e dhionnsuidh na meudachd so, ’bhiseasamh ann an diollaidean air muin each, agus agearradh na déise dheth mu bun; ach cha tric leis a bhi cho àrd ann an Canada is nach dean luchd-coise an gnothach air: ’sanns na Staidean a chunnaic anCeann-Iùilam marc-shluagh ag obair air. Am fadsa thachònlach aige gorm, tha i cotharaichte math airson feudalach. Gu dearbh, chan eil min dùil gubheil dad eilefàs á talamh is fhearr mar sin na é; agus tha an siol aige anbarach math do spréidh mar an ceudna, ach chan eil e taitneach do dhaoine nach bi cleachdta ris. ’Si a mhin-pheasrach rud is coltaiche ris is aithne dhomh.

Tha a pheasairna bàrr a fhreagras gu ro mhathan Canada. Ged nach eil e chònlach aice math airson feudalach, bithidh mòran sìl oirre; agus than siol aiciongantach feumail a bhiadhadh nam mucgné aìnmhidh nach gabh seachnadh air dòigh sam bith ann san dùthaich ùir. Chan eil teòmachd air an t-saoghal ri chleachdadh thaobh peasrach, an sin, ach a cur tràth, agus gun a cur tuilleadh is tiugh, agus a bhi cìnnteach gum buainear i mus am faigh i bhi ro abuich, airneo caillidh i an siol-cuir agus còrr an aon latha, aig mar a dhfhosglas i le teas na gréine. Tha i nis soirbhe ri chaoineachadh, ’san àite sin, nothuigeas muinntir an so; agus airson a bualaidh dheth, dheanadh leanabh e.

Airson barra gàraidh, fàsaidh iad gun dragh


[88]

sam bith anns an raonan Canada, gu h-àraidh ann an talamh a bhios air ùr ghlanadh. Tha lionmhoireachd sheòrsannan acan sin, mu nach cuala mise sgleò no sgeul gus am faca mi iad; agus cha bu chomasach dhomh an àireamh fa-lethan so, ged a theannainn ris; ach co-dhiù, gum bheil fhios agam gubheil mòran, eadhoin de na Gaeil, abuileachadh tuille den aire agus den ùine air na nìthibh sin no bu chòir dhoibh. Chan eil mi idir aciallachadh nacheil currain, uinneinean, agus mar sin sios, math nis leòirnan àite féin; ach airson sin uile is bochd an gnothach a bhibuileachadh na saothrach orra sin bu chòir a chosdadh air réiteachadh fearainn, agus air nithibh feumail eile den ghné sin. ’Se ciotaireachd bheaga mu ghàraidhus mu mheasan, mu bhideanamh siùcair agus cuaicheineachd eile den t-seòrsa sin, obair is cailltiche agus is gòraiche anns an urrainn do theaghlach air ùr dhol a stigh don dùthaich làmh a chuir. ’Sann le gliogarsaich mar sintha na ceudangan cumail fhéin ann am bochdainn o bhliadhna gu bliadhna, a-chuimhneachadh an còmhnuidh gum bheil bàrr rithoirt ás an talamh, agus an tig an t-àm anns am bu chòir dodhàrna-leth a bhi curta. Cha bhi gréim de dhfhearann ùr acair a ghlanadh an uair sin; agus is fheudar tòiseachadh ri treabhadh agus ri cliathadh a cheart àite ás an tug iad, an uiridh, an ceart siol a tha iad, am bliadhna mar gum beadh, acur ann. Bheir an obair sin beul ri uiread ùine dhiubh is a dhfheum-


[89]

adh ega ghlanadh ás úr, a bharrachd air nach bi an treas cuid den bhàrr air a bhiodh aca air dhòigh eile. Ach chan emhàin gum bi bàrr math aig an fhear a bhitheas aréiteachadh mìre h-uile bliadhna, ach bithidh luach an fhearainn aigetighinn a mach mar an ceudna; oir chan eil acair nach fhiach ceithir puinnd a bharrachd réidhs is fhiach i fiadhaich; agus bithidh na dhfhàsas oirraige, ’thuilleadh air sin, am fads is beò e. A chum a bhi comasach air an dòigh so a ghnathachadh, dhfheumadh muinntir a bhileigeadh earrainn am mach fo fheur a h-uile bliadhna, mu choinneamh na bheireadh iad a staigh; agus is còir am feur a chur air na h-uile cor, mus an toirear thar bhàrr ás an talamh, air a lughaid is gum bi réidh aig neach. Tha am feur ro fheumail airson feudalach; agus cumaidh en talamhna neart agusan òrdugh ceart, gun a bhidol fiadhaich le luibhean dobheil talamh America ro bhuailteach.

Le neachthoirt deadh aire do na riaghailtibh a dhainmich mi, bithidh am pailteas do dhuine agus do dhainmhidh aige on dàrna ceann de na bhliadhna gu ruig an ceann eile dhi. Bithidh geamhrachadh aige do chrodh agus a dheachaibhbithidh samhrachadh aige do chaoirich, agus pronn, gun dìth, gun deireas, gun dòluim, do mhucaibhbithidh coslas ratha air fhéin, bithidh coslas bìdh air a theaghlach, agus coslas pisich air gach mun cuairt da; am feadh a bhios am fear eile air a chùbadh ann am buillsgean na


[90]

h-àimbeairt, gun chuid, gun chreideas, gun urrammaoirus madaidh an impis na cluasanthoirt dethagus, a dheanamh sgéil fhada goirid, esior dhol an olcas.

title15
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page