MA FHEUR, &c .

Mas miann leat gum buain thu feur bhàrr an fhearainn a ghlanar leat fein ann an America, na gabh gu h-olc misedhìnnseadh dut, gur éiginn dut a chur an toiseach; oir gedleigeadh tu fàs e, an déigh a réiteachadh gu t-àilleas, cha tigeadh bil feòir á talàmh ann: agus ìnnsidh mi dhut carson. Ged tha coilltean America ainmeil air-son cho mathsa dh àraicheas iàd feudail, chan ann le feur nàdarrail, mar their sinne ris, tha so atachairt, ach le luibhibh de dhiomadh gnétha anbarach brioghar agus cotharaichta thoirt fàis, agus saille, araon, fad an t-sàmhraidh. Fhuair gach gné de na luibhibh so riaghailt àraidh dhoibh fein, mar gum bann, o nàdar; oir tha aon seòrsa afalbh agus seorsa eile ateachd, gun fhios agamsa (no aig neach eile, tha mi an dùil), carson. Mun gann a bhios cuid diubh fo bhlàdh, crionaidh iad ás ann an tiota, agus ann an ùine nis giorra nis urrainn thusmuaineachadh, bidh seòrseilelàn chodachadh na làraich air an robh an fheadainn a dhfhalbh. Ann an àitibh iomallach, far nach eil mòran


[91]

spréidhe gus am milleadh tha iadnan sealladh glè thaitneach. Ma bhios a choille rud-éiginn tana agus am fearann, leth-char còmhnard timchioll air neach, tha iad da-rìreadhnan sealladh fior àllidh; iad uile ann an aon aìrde, mar gum bithidh an dàrna aon air deanamh cumhnant ris an aon eile, mach rachadh e leud na h-oirlich mar so, no mar sud, seachad air. Ach ged tha luibhean an àite so, man aon aìrde; agus luibhean an àit ud eile, ’an co-àirde dhiubh fein; gidheadh, channen aon àirde than luibhibh gach àite, oir an cuid de dhàitibh ruigidh iad an glùn, ’an àitibh eìle an calpa, ’an àitibh-eile an t-aobrunn, agus mar sin sios. ’Sen t-Uinnean-Fiadhaich, a cheud fhear a thaisbeanas, a ghnùis, den iarmad lionmhor so. Tha esan, aon uair is gun tig an Inid, afaireadh, mar gum b-eath, a lathasa dhòidhche, dhfheuch cuin a gheibh echead am buar, a tha crùbadh ris na ballaichaibhsa thug duil thairis de dhad tuillè fhaotaoinn an taobh a mach den phrasaich, fhuran gun lòn-maidne don choille. ’Sbe sin an lòn tarbhach agus buadhar a neartachadh nam . Chan fhada, gun teagamh, a bhios iad abratachach air, agas gu cinnteach is còir buil mhaith a dheanamh dhethsa chéitean, oir ma mheadhon an t-sàmhraidh, is urrainn aràdh? “so far an robh an t-Uinnean.” Bu leis-san an toiseach atighinn, agus cheart cho cìnnteach, is leis an toiseach afalbh; nam bann an America bhiodh am bàrd atuineachadh, cuin


[92]

a smuainicheadh nosheinneadh e man t-sòbhraich?

Bidh tusat-eididhas t-earrach,
As càch afalachan sùl.

Ach ma dhfhalbhas an t-Uinnean, mar is eìginn gum falbh chan ann gun chuimhneachan fhàgail na dhéigh; am feadhsa mhaireas greím de dhìm no de chàis an earraich. Tuigidh tu nach cuimhneachan ro thaitneach so, nuair a dhìnnseas mi dhut, nach fhuiling duine, ainmhidh a bhios ag ionaltradh air, a thighn gu taobh an fhuaraidh dheth, agus sin gu léir air-son breunaid analach, an déigh bhig itheadh an Uinnein. Tha a bhuaidh so (ma dh fhaodas mi buaidh aràdh ris) a tha air an Uinnean. asgaoileadh tre phòraibh beothaich gu h-iomlan, air chor is gum bheil an fhèoil a mharbhar deth—— —am bainne a bhleodhnar deth—— —an tìms-an càis a nithear den bhainne cheudna; agus cha sin a mhaìn ach a mhuiceoil a théid a dheanamh suas le blàthaich agus le meòg a chéitein, gu h-inbhe bhig, cho searbh ris a chreamh. Chan urrainn do neach nach bi air a chleachadh ris compàirteachadh a dhaon dhiubh sin a dhainmich mi le tlachd. Ach carson a their mi sin? Nach fhaod muinntir a chagnas tombaca cho càileachdach ri Gaeil an lathn diugh, ni sam bith itheath?

Ma bhan t-Uinnean searbh agus neo-chùbhraidh chane sin e don fhear a thigna àite,


[93]

Càl-a- Chruidhan luibh còir, nach cuireadh miothlachd air neach am fadsa dhfhanadh e ás a bhuntàtas ás a chruineachd earraich. Tha e so bogar, dosrach, iosal, leth-char coltach ris a bhrisgein againn fhéin ann an dreach, ach tur eadar-dhealaichte ann an nàdar. Is biadh ro mhath e do bheathach, agus bithidh daoinega ghabhail cuideachd, an dèigh a bhruicheadh maille ri feòil mar a bhios iad adeasachadh chàilan so fein. Is cuimhne leam fhaotainn air mo dhinneir latha uairéiginn, ann an taigh duin-uasail a chaidh a mach á Dun-eideann, ’sa bhafuireachsam àm sin (agus fhathast mas math mo bharrail) air bruaich Loch Huroin, mar bheagan mhìltean do Ghoderich; agus, gu dearbh bha e fìor-mhath. Tha Càl-a- Chruidh nis fhaide beatha non t-Uinnean, agus is math an airidh air sin e, oir tha ena luibh anbarach feumail; cha bhi dìth no dearas air beothach sam bith aig am bi comas gluasaid am fadsa mhaireas e, agusnuair a theirigeas e, cha tig fear cho mathna dhéigh, de na chunnaic mise.

Cha cheadaich mo ghnothach dhomh eachdraidh gach luibhethoirt dhut air leth, aguso nach ceadaich, bithidh migabhail seachad orra gun luaidhthoirt air tuilledhiubh, nis fhaide na bhitoirt fainear, gubheil iad cho lionmhor agus cho dlùsa choille, is nach eil feur no fochann afàs ann ach luibhean amhàin, agus fiùrainean òga de iomadh seòrsa fiodha, nach fhac thu riamh, agus ma dh-fhaoite nach fhaic.


[94]

Ach na saoil, air son sin uile, gur iad na luibhean thacumail an fheòir as a choille. Chan iad idir, bu lag an urrainn ann iad. ’Se thaga chumail aiste nach eil màthair sam bith aig innte, agus ged a bhitheadh cha bu chomasach dha fàs le duillich, ach seach na h-uile ni, le dubhar nan craobh. Uaithe so chì thu nach eil freumh no fros dethsan talamh, agus, air an aobhar sin nach ruig leas sùil a bhi agad ris gus an cur thu e; ach ma chùireas tusa e air an doìgh, agus ann san àm a sheòl sinn dut, bithidh deadh bhàrr agad deth-san geddhiobradh gach pòr eile căr seusaīn thu; gidheadh na bigealltuinn dhut fhein idir gun bi còig no sea Tunna agad air an acair, martha roinn de na Scriobhairean Galldacumail a mach: Chan olc am bàrr, Thunna feòir air acair, ’san àite sin den t-saoghal.

Scoìr gleadhadh tràthailchuir air an fheur-spealaidhan America los gun còdaich en talamh mus am fàs an aimisir ro theith, oir ma dhithear lom e an tùs an t-sàmhraidh, tha teas na gréine cho mòr is gun loisgear suas e, air chor is nach bi e math air a bhliadhna sin tuilleadh. Ma chuirear gleadhadh air, mar so, ’san àm cheart, faodar a ghearradh man ochdamh, no air a chuid is fhaide man dara lath deug, de mhios mu dheireadh an t-sàmhraidh, agus ma bhitheas an aimsir freagarach air-son na-h- oibre so, ’san àm sin, faodar am feur a ghearrar an diugh, mar gum b-eath, a chuir a staigh a màireach. Tha


[95]

na h-Americanaich ag ràdh nach misd e teas beag a ghabhail le shùgh fein, ach gu mìll an fhras is lugha den uisge no beagan uairean a thuillis a chòir den ghréin e; agus tha fhios aig gach duine tha eòlach air tuathnachas, gur beag is fhiach feur nach caonaichear mar is còir. Mas cruachan a nithear deth, ’scòir an grad thubhadh, oir than t-uìsgetighinn ro throm iomadh uair man àm so, agus than sìde cho ciùin, is cho blà an còmhnuidhna dheigh, is nach eil feur no arbhar air an druigh e nach téid a dholuidh an tiota. Ach cha ruig mi leas a bhigràdh mòrain tuilleman chùis so; ma gheamhraicheas amfear imrichbeagan bhò a cheud bhliadhna, theid anceann-iùilan urras gum bi e cùramach nis leòr mu chuid feòir an ath-bhliadhna gun rabhadh ach na bheir siantaidhean nàdair dha.

Mum fàg sinn an cusbair so bithidh e freagarach dhomh ìnnseadh dhut, gu bheil feur grìnn, nadurrach afàs air lubaidh iosal ri taobh aibhnichean an iomadh àite an America, agus feur garbh, làidir, air gle bheag tairbhe thallsa bhos feadh na coille timchioll air slocaibh agus air lòintibh; ach chomhairlichinn dhut iad so a sheachnadh agus thuroghnachadh an fhearainn ás am faod thubhi earbsach air-son bàrra.

Aon fhacal eile agus gabhaidh sinn cusbair ùr. Am feadh a dhfhàsas -thunna-feòir air an acair dhuit, ’sa dhfhanas nàdar geamhraidh America gun atharachadh, tha misesaoilsin gur


[96]

em feur pòr is buannachdaile dhuit a chuireas tusan talamh.

title16
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page