MA DHEANAMH AN T-SIUCAIR.

Sen Campa Siùcair a their muinntir America ris an àitesam bithear ris an obair iongantaich so, agus cha builear do neach sam bith leis am bu mhìann an campachur air dòigh mar a dhfheumadh e, sealltuinn ri ghnothach, fada, fada roimh àm tòiseachaidh air. ’Se sin, echothrachadh a mach, an ceart bhall is iomchaidh air a shon, a thaobh coille agus fearainn; agus an sin a choille-làir a ghearradh cho iosal ris an talamhsa ghabhas i agus a trusadh suas gu’ sgiobalt ás an rathad air duine agus ainmhidh. Dhfheumadh so uile bhi deanta cho trà ri tòiseach a gheamhraidh, mun laidh an sneachda ro dhomhainn, oir an sin cha bhiodh dòigh idir air a gearradh mar bu chòir.

Sen ath rud air an còir làmh a thoirt Coireachan freagarach fhaotuinn, agus amair a dheanamh a chumail an t-sùigh. Is ann den Uiseann-dubh is còir iad so a dheanamh, oir is fiodh e nach mill aon-chuid a bhlăs no a dhăth; agus is buaidh chotharaichteile air, nach eil e ullamh air sgoltadh leis a ghréin. Bhiodh e feumail, mar an ceudna, connadh nis-leòir a bhi air an làraichgearrtaspealgtacruachta, ann an tràth. An sin, ’nuair a thig an t-Earrach, ma-


[97]

dheire-thall, ’sa chithear fiamh an aiteimh air aghaidh an t-saoghail mhòir gu leir, thoir anCàmportgabh tuagh no toracuir beum, ann an taobh ma-dheas gach craoibh a shònruicheadh leat air-son a ghnothaich socuir sgŏr le cruinn-gheilb fon bheumspàrr spleatagsan sgŏr, agus càirich amar gu h-iosal ri bun na craoibh, a ghleadhas an sùgh mar a ruitheas e sios air an spleataig. Biodh na coireacha nis air ghleus, fadaidh fhèin an teinecàirich air, seas aige. Cuir na balachain air falbh le soithichibh a ghiùlan an t-sùigh thugaddòirtsna coireachaibh ecuir goil gharbh bhuaireasach air, agus chì thu, an ùine ghearr, gufàs e troma-dhonnsan dath, ged a bha ena staid nàdurraich, ceart co shoilleir, agus, gun teagamh, mòran na bu ghloine no Stŭth-na-tòiseachdleasaich ris: mar is n toit feothas na cùiseBlais, a nis, ma do thoile e, toradh do shaothrach. Feuch tha e milis! Ro-mhath, “sefoighidinnnin t-iasgach,” lean airBlais a ris e. Tha e dorcha-ruadh agus nis mìllse no dad idir a bhlais thu riamh roimhe, tha eadhoin do bhilean a leantuinn ri chéile leistha e nise air fàs gu math nis tiuighe agus deatach anbarach ag éiridh as. Ma tha, lughdaich an teine, agus bi air t-fhaicillgabh sleaghag agus cuir man cuairt e, a chumsnach dòth e; agus co luathsa thiggoil a bhrochainair feumaidh tubhi ro chùramach uime. Bithidh e freagarach mun àm so, searrag bhainne no meall falachuir ann,


[98]

ga ghlanadh. Cha luaithe ghoileas en deigh so a chuir ann, na dhéireas gach grùid agus salchar a bhios ann air uachdar, air chŏr is gu faodar an t-anabas sothilgeadh dheth, gun a bheag den t-Siùcar a chall. Beagan eile bruichidh agus faodar a thoirt bhàrr an teine. Ma tha shannt ort Siùcar-Pronn a dheanamh dheth, lean air a chuir man cuairt gus am fuaraich è; ach mas Builionnan a tha drùn a dheanamh feumaidh tu soithichean a bhi ri dlàimh annsan dòirt thu e, dìreach mar gum bi phoit-litebhiodh agad. ’Nuair a dhfhuaraicheas esna soithichibh, tionndadh am beòil fòpa agus crath ásda e, mar is àbhaist do bhean-an-taighedheanamh air an fhìodhan, an àmbhitoirt as na mulachaig.

Tha fhios agad fhein gubheil an siùcarna rud cho milis is nach àil le daoine dealachadh ris gun ìmlich an corraigbhi aca dheth. Saoilidh mi gur leòr an leisgeil so dhomhsa gu fuireach aige an tràs gus an innis mi dhuit ciod is còir dhuit a dheanamh risnuair a ghiulanas tu dhachaidh e. Masmuainicheas tuchuir an cobhan nom baraillga chumail on chloinn agus on t-searbhant, ( tha glé dhuilich a dheanamh iomadh uair, oir tha tiolpadairean cheart cho tapaidhan Americasa than Albuinn) thoir an aire nach fhàg thu fada e an àit àitidh, fuar, air-neo taislichidh agus sruthaidh é às a chéile. Cha mhò a dhfhaodas tu a chàramh an àite ro theith fagus don teinntein ar-neo leaghaidh en


[99]

sin cuideachd. Sen eadar-mheadhoin a choìrdeas ris, tha e ro choltach ris an nàdar againn fhéin, chan fhuiling é aon chuid fuachd no teas.

title17
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page