MU FHEUDAIL.
EICH.
Cha b-aobhar ioghnaidh, air dhòigh sam bith, ged a bhiodh America air dheireadh fhathast air an t-sean-dùthaich an car feudalach. Ach ged is ann mar sin a tha chùis, ann an cuid, cha ’n ann, ann an cuid eile. Cha ’n eil duine de ’na Sgriobhairean Gallda ’chunnaic eich America; ’se sin ri ràdh, duine dhiubh aig an robh eòlas air feum eich, feothas eich, agus maise eich, nach tug gu làn-dheònach an t-urram dhoibh, thairis air na chunnaic iad, agus air na bha sùil aca ri fhaicinn mar an ceudna. Ach ged a tha iad ’nan cùis-annais dhoibh-san, aig meud an tapaidh agus an cruadail, cha ruig iad a leas a bhi ’n sin do’n a Ghael, gu sònruichte ’nuair a chì e nach eil càil bheò de dh’ atharachadh orra, bho na ghreigh Ghaelich a dh’ fhàg e air cùl-thaobh mheall nam fuaran. Tha iad ’nan eich mhatha da rìreadh, agus ’nan làn-dearbhadh air firinn an t-sean-fhocail, a thuirt,
“Molaidh an t-each math e féin.”
Is ann ri linn domh am faicinn a thuig mi meud
na diobhalach a rinn na Gaeil, ’nuair a choimisg iad rogha nan greigh a bh’ aca féin leis na h-eich ludarra, mhall, a bha iad a’ faotuinn o dheas. Tha na h-eich mhòra ni’s freagaraiche, gun teagamh, mu làimhrigenn bhailtean, far am bi luchdanna troma ’dol orra agus a ghràisg, air an àm cheudna, cho lionmhor roimh an sròin, is nach fhaigh iad căs is luaithe no chéile thogail; ach ciod a ghabhas earbsadh ásta feadh gharbhlach ’us bhoghlach ’us bhrudhach? Tha na Canadaich an diugh cho dian ’s is urrainn doibh, a’ milleadh an cuid fein air a cheart dóigh; a’ toirt a null phluitearan mòra each á Sasunn, a leasachadh an t-seòrsa th’ aca, mar tha an dùil; gun chuimhne idir ac’ air gu’m bheil e air a ràdh, “is tric a bha tomad mòr de cheann amadain.” Ach cha neil an fheadhainn Ghallda air sgaoileadh, uile gu léir, feadh na dùcha fhathast. Cha mhòr diubh a chithear shuas an Canada Uachdrach, agus cha mhò’ tha bheag dhiubh aig na Frangaich ’an Canada Iochrach; ach na h-aon ghearrain, is laghaiche, agus is tapaidh, a dh’ fhaodadh a bhith. Cha ruig mi leas a bhi ’g ìnnseadh an coslais. Cha neil aiteal atharachaidh orra bho na h-eich Ghaeleach, ach gu’m bheil iad neo-ni bheag ni’s bioraiche san t-sròin agus rud-éiginn ni’s luime, chruaidhe ’sna casan; agus tha mi a’ saoilsinn gu’m faodadh iad sin uile ’thoirt o nàdar tioram na dùcha ann sam bheileas ’gan àrachadh. Is e reusan a th’ agam airson so a smuaineachadh, nach eil eilean, gleann
no sgìreachd, de dh’ fhearann tioram is aithne dhomh, ’an Albainn no’n America, nach eil a luchd àiteachaidh eadar dhaoine agus ainmhidhean ni’s moguiche, bhuige ’sna h-aobruinnean, agus ni’s smutaiche, leithne ’sna sròinean, no tha an nàbuidhean a tha ’tuineachadh air fearann tioram. Agus ma ni sin orra e aig an taigh, cha neònach e ’ga dheanamh air eich Chanada;
“Oir cha ’n e ’m fraoch is innis doibh,
No firichean nam beann.”
Tha ’n fheadhainn dhiubh, a tha’ mach an còmhnuidh, aig na h-Innseanaich shuas air an St Clair, ro bheag uile gu léir, cha neil oirlich orra os-ceann nan each beaga tha ’n Uibhist; ach tha eich na tuatha mu thuaiream ceithir duirn dheug air àirde. Cha ’n ann ag oibreachadh aon fhir dhiubh so, air thaod, ’an cairt a bhitheas iad; ’s ann a bhios càraid diubh aca còmhlath ann an feunaidh cheithir roth, le aona-mhaide caol, ris an can iad teangaidh, on fheunaidh suas eatorra, agus e air a nasgadh r’am muinealaibh. Co luath ’sa chuirear an uidheam orra, ’sa gheibh iad a chaismeachd is lugha, tàiridh iad ás ’nan garbh throtan, agus ri nì no neach cha seall iad, ach sineadh cheart da rìreadh air na bhios romhpa ’chuir ’nan déigh. Is comath leò bog no cruaidh, fliuch no tioram; am fodha no ’n uachdar ’gam bi iad, cha ’n allsaich iad eang ach mar a chuireas am feunaidh’ear maille orra. Ged a dh’ fheuchadh iad ri falbh socrach, mar a
bhios na h-eich an so a deanamh, cha baithne dhoibh; oir ’se ’n trotan a th’ air ionnsuchadh dhoibh an toiseach, agus cha neil eòlas ac’ air atharachadh. Ach ged a shiùbhlas iad gu math, agus gu ro-mhath, air talamh dubh, cha neil iad ’nan culaidh-ioghnaidh uile gu léir, air son an astair, gus an tig sneachd a gheamhraidh. ’Se seòrsa de chùirnn-shlaodaidh a bhios ac’ orra ’san àm sin, agus aig cho soirbh is a tha iad ri tharruing, air an t-sneachda, coisichidh iad astar is gann is urrainn do neach a chreidsinn, n’is lugha no bhiodh barail aige mu fheothas stutha nan gearran. B-fhiosrach mi iad a dheanamh trì fichead mìle ’san latha, uair agus uair, anns an aon nàbuidheach rium, agus, sin, air anacothrom ni’s leòr a thaobh bidh. Agus chunnaic mi roinn diubh a’ deanamh an astair sin fo dhiollaid eadhoin ’nuair a bhitheadh na roidean gu h-olc as t-earrach, agus daoine troma, feòlmhor ’gam marcachadh. Bithidh e freagarach dhomh a thoirt fainear ’san aite so, gu’m bi iad a’ dol air thurasan beagan iomadh uair sa’ gheamhradh, le aon each amhàin, ann an carbad-làir beag ris an can iadcutter. N’am biodh seòl idir aig an fhear-imrich air, bu chòir dha oidheirp a thoirt air lothaig bhig, le aon diubh so, fhaotainn an ceann bliadhna no dhà an déigh dha ruigheachd; oir chaomhnadh i mòran ùine dha, aig cho tapaidh is a dheanadh i turas do’n fhéill, do’n cheardaich do’n mhuileann, agus mar sin sios, agus is i ùine rud is measaile aig tuathanach ùr ’an sin de ’na
bhios aige. Tha fios gu’ bheil aon each cho doirbh ri gheamhrachadh ’an sin, ’sa tha cuing dhamh, ach ged a tha, ma ghabhas am fear imrich comhairle, agus am fear a chur ’na thràth bithidh rud aige ’bheir each troi’ ’n gheamhradh an ùine ghoirid; agus, a thuileadh air fheum a bhi aige, faodaidh e ’bhi ’g àrachadh beothaich uaithe. Ma’s àil leis each a bhi aige dha fhèin, agus each ri sheachnadh ’nuair a bhios foineachd orra, cuireadh e am feur ’na àm: am feur, am feur, seach na h-uile ni; am fear tha ’cuir roimhe nach cuir e fras an fheòir ’na àm, na biodh e a’ dol a dh’ America. ’Se o leth cheud, gu ceithir fichead dolar, a chosdas each math tuatha ’an Canada. Gheibhear còig bhliadhnach làire, cho math is a dh’ iarradh neach fhaicinn, o cheithir fichead gu ceud dolar. Ceannaichear dronnanach math beothaich o ’na h-Innseanaich, mu’n St Clair, iomadh uair, air fhichead dolar, no theagamh air chòig deug, ma bhitheas iad an iomsgobadh chion airgid; ach cha bhi iad sin air an catadh, no air an oileanachadh, ach cheart cho fiadhaich ri meanna bhoc earba. Togaidh gobha ceithir dolair air-son àlach chruidhean a dheanamh, agus a chuir air each, ann an Canada. Saoilidh tuathanach Gaeleach gu’m bheil sin tuilleadh is daor, agus tha e daor ann cuideachd, ach ’na dhéigh sin, cumaidh n’is lugha argid cruidhean bliadhna air each ’an Canada no ’sa Ghaeltachd. ’Se is cion fàth air sin cho saor ’sa tha ’n talamh o chlachan, agus
cho buan ’sa tha gaillion a gheamhraidh; oir ni na h-aon chruidhean o shamhuinn gu bealltuinn, ma bithear ’gan ceartachadh, an tràs ’sa rìs, air an casan. Tha asair glé dhaor ann, ach cha ghabh sin leasachadh: cha fhreagradh an seòrsa tha bhos ged a bheirt’ a null i.
CRODH.
Ma tha eich America cosmhuil ri eich na Gaelteachd, cha’n è sin do’n chrodh e. B’fhada o chéil’ an dà shean’air. Tha iad so fad-chasach, sleamhainn, lòm—dà leis thana ac’, agus iad fosgaoilte á ’n gobhal, cha mhòr, gu ruig an cruachainnean. Tha amhaichean fada, caola, grinne ac’; ach neo-ar-thaing mur eil an sròinean cho fada riutha; agus cha’n é am meadhan a bheag is giorra. Ach nach comath sin: fàsaidh iad gu gasda ’nuair a gheibh iad deadh chothrom; agus bithidh linne anbarach bhainne ac’, de’n t-seòrsa ’bhios ann. Ma sheachnas mi an dăth dubh, cha’n eil dath eil’ a chunnaic mi air crodh nach ’eil orra, agus dà dhath dheug, tha mi ’smuaineachadh, nach fhaca mì; ach dh’fhaodadh neach dà cheud mìle ’shiubhal mus am faiceadh e aon chlaigionn a bhiodh glan dubh— ’se sin, de cheithir-chasach. Airson daoine, gheibhear lionmhor ni’s leòr dubh iad ann an Canada. Aig mar a tha cead-an-coise aig a chrodh feadh na coille an sin fad an t-samhraidh, tha laoigh mar is trice aig na h-aighean ’nan dà-bhliadhnaich; agus tha sin ’cuir mì-mhaise mhóir orra. A bhar-
rachd air gum bheil e ’milleadh am fàis, tha e ’milleadh an cumaidh, agus gu h-àraidh an adhairc; oir chìthear adharc cho àlluinn air cuid de na daimh is a dh’iarradh neach fhaicinn, am feadh nach fhaighear air a chrodh-laoigh ach scrogagan beaga, geala, mu mheudachd adhairc shnaoisein. Tha mi ’saoilsinn gu’m bitheadh iad na bu ro fhearr air a bhainne, mar b’e sin, cuideachd; oir tha e nàdurrach ri ’smuaineachadh gu’m bheil an rud a tha ’cuir deireis orra ’san dàrna cuid, ’ga dheanamh ’sa chuid eile mar an ceudna. ’Se o chòig dolair dheug gu fichead dolar a chosdas bò-laoidh an sin toiseach a gheamhraidh; ach cha cheannaichte a bhò a chosdadh an uiread sin toiseach a gheamhraidh gun o chòig ’ar fhichead gu deich thar a fichead deireadh an earraich. Theagamh gun ceannaichte agh beag, le laogh, air chòig deug, eadhoin ’as t-earrach; ach cha ruigeadh leas sùil a bhi aig neach gun còbhradh e mòran air a theaghlach a bhliadhna sin. Cha’n fhaighear cuing dhamh a bhios làn ionnsuichte, agus an tréin an neirt, fo thrì fichead dolar, agus cha ruig leas dùil a bhi aig neach ris an rogha aca fo cheithir fichead; ach ceannaichear cuing de thrì-bhliadhnaich laghacha, gun ionnsuchadh, air dhà-fhichead ’s a còig-deug; dà-bhliadhnaich, o dheich ’ar fhichead gu dà-fhichead; bliadhnaich, o cheithir-deug gu ceithir ’ar fhichead; agus gàimhne, o dheich gu còig-deug, a chuing. Ach ged a gheibheadh am fear-imrich gach seòrsa a
dh’ainmich mi air leth-féich, cha bu chòir dha ’bhi brais g’an ceannachadh car bliadhna no dhà ’an toiseach. Tha feudail a gheamhrachadh ann an Canada ’na ghnothach trioblaideach, agus tha a bhi ’gan call ’as t-earrach ’na nì cho doranach is a dh’fhaodadh tachairt ri neach. B’aithne dhomh na ficheadan a chaill an saothair, ’s an ùine, agus an cuid, air an doigh so—daoine farmadach, aig am biodh beagan airgid a’ tòiseachadh, a’ strìth a dh’fheuch is am faigheadh iad an inntinnean àrdanach fhéin a riarachadh, agus barrachd a bhi aca no bhiodh aig an nàbuidhean ach, an àite sin, ’sann a dh’arsluicheadh an dà chuid orra, agus chunnartuicheadh iad ’bhi na bu mhiosa na ’bhi falamh. Ach ’se dòigh is fhearr do’n neach leis am b’àil soirbheachadh ’sa chùis so, beagan a cheannach an toiseach, agus a bhi gu math riutha, agus cha’n fhada bhios iad a’ fàs lionmhor. Faodar a thuisginn gu’ bheil a choille ’na h-àros math ac ’san t-sàmhradh, ’nuair a tha laoigh ac ’nan dà-bhliadhnaich; agus ged a bhitheadh a ghaillionn buan, mur biodh aig duine ach beagan diubh, cha bhiodh iad fuasach duilich ’chumail suas, aig feothas na culaidh a bhios orra mu Shamhuinn. Tha barrach nan craobh [ ? ] seise ro mhath dhoibh; ach dh’fheumadh an gearradair a dheadh aire ’thoirt nach tigeadh beothach fo’n chraoibh a bhiodh e ’leagadh. Chunnaic an “Ceann-Iùil” a bhi ’cuir an smior ’s an eanchainn aca ’na chop air an t-sneachda, le cion faicill, air an dòigh so. Tha crodh àrachadh
’an sin, air aon dòigh, dìreach mar a tha e air a Ghàelteachd. Am fear a chumas beagan diubh, agus aig am bi am pailteas doibh, siolaichidh iad ann an ùine ghoirid dhà; ach am fear a ghleadhas tuilleadh is a chòir airson na bhios aige m’an coinnimh, ni e barrachd air seicean ’s a ni e air feòil. Tha fichead galar buailteach do’n chrodh chaol ann na Canada, agus tuille’ ged a theirinn e. Tha’n galar adhairc ann. Tha e so ’tarmachadh cho fagus do’n eanchainn, is nach cùis-shùgraidh e, dìreach ’an teas-mheadhon an slabhaig—far nach cluinn agus nach fhairich duine e, gus am faic e droch thuar air an ainmhidh a bhios a’ fulang leis. Agus is iomadh uair a tha e ’dol fad air aghart, mus an toir muinntear nach bi eòlach air an aire dha; agus ged a bhiodh iad eòlach air, mur bi iad sicir agus glé bheachdail air gnàths spréidhe o’n òige, faodaidh e ’n căr ’thoirt ást’. Saoil thu cuin a smuainicheadh am breabadair beag, odhar, ’theid a null á Glaschu, gu’m biodh dad ’cuir air a bhoin aig, am fada is nach biodh càil ri fhaicinn air dhochair oirre, an taobh a mach de’n t-slabhaig? Ach ’se rud is còir do’n fhear-imrich a dheanamh, ma bhios teagamh aige mu’n bhoin, e ’bhreith air adhairc oirre; agus ma bhios an galar ’san adhairc sin, gheibh e, gu h-inbhe bhig i, cheart cho teith ri buntàta a phiocadh e ás a phoit, ’nuair a bhiodh i ’n àird ’na goile. Ma’s ann mar so a bhios a chùis, tilgeadh e thairis i air cìrein a droma, agus tolladh e taobh fòi’pe na
h-adhairc le gimleid ghairbh. Leigeadh e ’n sin air a cois i, agus silidh an t-iongar a bhios na broinn a mach air an toll. Cuireadh e ri làr an sin a rìs i; agus gabhadh e làn cuaiche de shalann mìn, agus de spiosradh air a dheadh mheileadh, agus séideadh e troi’ chalpa ite ’staigh do’n adhairc e. Deanadh e so uile ’an ùine cho goirid ’s is urrainn da, agus gabhadh e aice le bréid, ’ga fosgladh an ceann a h-uile seachdain car mìosa, agus cha tig dad rithe. Tha galar eile buailteach do’n fheudail an sin, ris an abair iad an “galar-earbaill.” Tha e so a’ tàrmachadh ’san earball, air a cheart dòigh air am bheil am fear eile ’san adhairc; agus mur gabhar aige ann an tràth, cha’n é mhàin gu’n cnàmh e ’n t-earball, ach fòdhnaidh e do ’na chorp mar an ceudna. ’Se dòigh is fhearr air so a leigheas, sgar a chuir ’san t-seice, agus na nitheanan a dh’ainmich mi roimh a thaosnadh ’an ceann beagan de bhlonaig muice, agus cuibhrinn de ’na stuth sin a chuir ann; ach ma bhitheas mìr mór de’n earball ’na chochull fàs, aig fhad ’sa bhios an galar air dol air aghart ann, ’se seòl is cìnntiche air, an sgian-dubh a ghabhail, agus a sgaradh o’n choluinn.
Fòdhnaidh so a leigeadh fhaicinn do’n fhear-imrich gu’m bheil iomadh galar buailteach do chrodh ’san dùthaich ùir, cho math ’s an àitean eile; agus cha’n eil mi ’n dùil gu’m bheil sin ’na aobhar-ioghnaidh, far am bheil feudail a’ laidhidh ’mach, ’an iomadh àite, o Shamhainn gu Bealtuin, gun ach fuigheall na cònlaich a gheibh iad mu
fheasgar eadar iad ’san sneachda. Tha muinntir na Gaelteach a’ saoilsinn nach gabh beothach idir geamhrachadh a mach ann an Canada; ach cha’n ann mar sin a tha. ’Sann cha mhór gu’m bheil iad a cròthadh gin diubh ’an àiteachan ùra. Bithidh iad an sud anns an iomal is fhaisge air an taigh de’n choille, gach beothach air dol ’na chuairteig chruinn ’na leabaidh fhéin; agus á sin cha charaich e gu maduinn. ’Nuair a ghluaiseas e, leigidh an sneachda foidhe, agus mu’n cuairt da, gaoir ás a chuireadh crith air cladhaire. Bithidh cluigein deighe an crochadh ri shròin, agus an t-aona bhrata de shneachda cruaidh a’ còdachadh a dhroma agus a chuim gu h-iomlan. Ni e osnadh, agus crathaidh se e féin; ach ma chrathas, ciod e mar a bhios an sin! —falbhaidh roinn de’n lic mhóir bharr na droma aige, agus tuitidh an deighe o’n t-sroin aige, agus bi’dh an fhuil ’na déigh. Ach ged a nochdas an fhuil, cha bhi e ’an cunnart a bheag a chall d’i: mus an abradh tu seachd, bithidh i cho cruaidh ri gréim eile de’n t-sròin. Agus nach gnothach iongantach gu’m fàs crodh ann an Canada air an diol sin? agus cha’n e sin, ach gu’m fàs iad gu math cuideachd. Bha an neach tha ’sgriobhadh so mu’n cuairt air ceithir-bhliadhnach daimh a mharbhadh agus itheadh, anns naHuron Tract,nach robh a riamh staigh air dorus, agus nach d’fhuair uiread ’sa dheanadh nead circe de chònlaich a cheud dà bhliadhna; ach, an déigh gach éiginn ás an d’thàinig e, a chothromaich deich
ceud punnd agus a seachd— ’se sin, eadar gheir, fheòil, agus leathar. Ach mur d’fhuair an damh ruagh bile feòir no cònlaich, is iomadh meangan sùghar de bharraich a chroinn-shiùcair, agus slige mhath shalainn, a chaidh ’na shlugan. Is fhior e: bi’dh iad a’ toirt salainn do’n fheudail ann an Canada. Bithidh iad a’ toirt salainn do gach seòrsa feudalach, ach na mucan a mhàin. Bheir iad an còmhnuidh do na h-eich e, uair ’san t-seachdain; agus do na chrodh ’us do na caoraich dà uair ’san t-seachdain. ’Se mu thuaiream làn spàin-bhrochain a gheibh bò cò’lath dheth, agus mu thuaiream làn spàin-tea a gheibh caora. Tha spréidh Chanada cho sanntach air an t-salann, is ma bhios neach deònach sealladh fhaotainn de na bhios mu’n cuairt dà dhiubh feadh na coille, nach ’eil dha ach seasamh air ionad àrd, agus a dh’éigheachadh, “Cow-salt, cow-salt, cow-salt; ”agus tionailidh iad co ealamh timchioll air, is a chruinnicheas na cait mu’n bhanaraich, ’nuair a ghlaodhas i, “Pusaidh, pusaidh, pusaidh,” an déigh tighinn a staigh o’n eadradh. Tha e ro choltach leam nach deanadh an crodh, gu h-àraidh a chùis gun salann ann an t-sàmhradh. Tha na luibhean co maoth, agus co bog ruitheadh, is nach bu chomasach doibh a bhi suas orra, ás eugais rud-éiginn a theannaicheadh agus a neartaicheadh an goile. Ach, air an làimh eile, tha mi a’ saoilsinn gu’n deanadh na h-eich, agus na caoraich a tha air glas-fheur curta, an gnothach ’ga dhìth, Air a shon sin uile, cha’n eil teagamh
nach fheaird na h-uile cuid diubh e, cha’n é mhàin ’an sin, ach ’an so mar an ceudna; agus ’nan cleachdta dhoibh ’an so e, bhiodh iad déidheil ni’s leòr air cuideachd. Leasaichidh an salann càil beothaich, agus fàgaidh e coidheas e gus gach nì thig ’na ghar itheadh, agus neo-sgrubail mu leòr òladh—rud tha ’n ghnà ro mhath do dh’ainmhidh, an déigh dha fodar fhaotainn. Cò-dhiù, feumaidh iad fhaighinn, air na h-uile cor, ann an Canada am feadh is beò iad; ach aon uair is gu marbhar iad, cha’n eil iad ro chosdail air; oir co luath ’sa bheirear an grealach ás a mhart-gheamhraidh, faodar a tasgaidh tuille’ gu ceithir latha deug an déigh na h-inide gun aon unnsa salainn a chuir oirre. Tha so na nì ro ghoireasach cuideachd, oir tha ’n salann cho àrd ann am prìs ri seachd dolair am baraill ann an roinn de Chanada; agus o’n a dh’fhanas an fheòil ùr fad a gheamraidh, is caomhnadh mór e.
FARBHASAN MU CHRODH.
Is iomadh dath a th’ air a chrodh ’an America, agus nach beag an neònachas sin? agus is iomadh atharachadh cumaidh a th’ orra, ach co a ghabhadh iongantas ri sin uile, agus a liuthad dùthaich agus rioghachd ás an do shaodaicheadh a null iad? Bannasch an gnothach mur biodh atharachadh datha agus cumaidh air daoine ’an Canada, far am bheil roinn ás gach rioghachd a dh’ fhaodainn ainmeachadh; agus cha be ioghnadh car bu lugha, mur biodh an crodh air an dòigh cheudna, is
gu’n deachaidh an aisigeadh an á caochladh shiorachdan de Shasunn agus de dh’ Eirionn, á Galldachd na h-Alba, agus ás an Fhraing, agus á iomadh àite eile, nach ceadaich mo ghnothach dhomh ainmeachadh. Tha so uile ro mhath, ach an d’thugadh ann iad ás an àite cheart fhathast; se sin, an d’ thugadh ann an sèors is freagaraiche, anns gach seadh, air-son na dùcha? Cha d’ thugadh, ma ta, agus cha tabhair, gus an iomainear a null “buaile mhaiseach” de ’n t-seòrsa, ris an abair na Goill, na“West Highlanders. ”De gach gné chruidh a chunnaic mise, cha robh ’na measg gu léir, gin a fhreagradh ’an Canada cho math riuthe-san. Agus cha neil mi idir gun leth-bhreac ’sa bharail so; oir cha neil tuathanach an sin, do ’n aithne an crodh Gaeleach, agus na deadh bhuaidhean a tha gu nàdarrach fuaighte riù, nach eil iomadh uair a’ caoidh nach robh iad aca; gu sònruichte, ann an àm na duldachd. Se ’n t-aon nì a tha ’cuir eagail air cuid umpa, gun stadadh mòran de ’n t-sneachd orra, aig cho pailt is a tha iad de dh’fhionnadh; ach cha tig an latha smuainicheas neach sam bith so, ach muinntir nach eil eòlach air a bhi ’geamhrachadh a chruidh Ghaelich am mach. Leigidh mi so a dh’ fhianuis air gach duine ’bheachdaich air, agus am fear nach drinn sin gabhadh e beachd fhathast air, agus ma chì e fichead ceann cruidh de sheòrsa ceart Gaeleach air aon sliabh, ri latha cur- ’us-cathaidh, agus aon bheothach lom, caol, Gallda còmhladh riuithe.
Tha mi ’g ràdh, ma chì; agus nach bi h-uile ceann de ’n fhichead, gu sgrideil, spreigeil, sundach, gun lòineag shneachda osceann nan speir aca, agus an t-aon bheothach dis, meat ’na sheasamh ’us crùib air, le chùl ’san t-sìne, agus aona bhrata sneachda ’ga chòdachadh o adhairc gu earball, canadh e nach eil sgil aig a Cheann-Iùil. Mar so, tha e soirbh ri thuigsinn, gu’m freagaireadh an crodh gaeleach, ’an ceann tuath Americh ni’s fhearr no seòrsa sam bith eile, oir sheasadh iad ris an fhuachd na b-fhearr, bhiodh iad na b-usa’ bhiadhadh, bhiodh am feòil ’san leathar na b-fhearr, bhiodh na daimh dhiubh na bu chruadalaich agus n’a bu treasa aìr-son oibre, agus shiùbhladh iad mòran n’a b-fhearr air an rathad, ’an àm a bhi ’dol le siol do’n mhuileann, agus mar sin sios. Bhiodh iad tapaidh, sgairteil, a dhol feadh nam preas agus nam boglach a staigh ’sa choille, agus bhiodh an crodh mòr dhiubh clis, colgarra, catharra, gus na laoigh, agus na gàimhne, theasraiginn o na math-ghamhainnean agus o n a madaidh-alluidh: dà ghné fhiadh-bheothach, a tha ’deanamh mòr dhiobhalach, iomadh uair an sin, air spréidh. Ach is beag sin de ’na buaidhean a dh’ fhàg freagarach iad airson na dùcha m’a bheil sinn a’ labhairt, n’am bitheadh rùm agus ùine againn gus tuille’ dhiubh ainmeacadh; ach cha neil sin againn, agus o nach eil, bithidh sinn a’ gabhail thairis orra. Tha sàr-fhios agam, gu’n can cuid, nach eil iad math air a bhainne, agus mar
dhearbhadh air sin gu’n comharaìch iad a mach duinn na tha ’dol de chrodh gallda gu tuath, h-uile sàmhradh agus foghar. Gu’ bheil crodh gallda ’dol gu tuath, tha sinn ag aideachadh agus gu’ bheìl (aìr dhòigh) tuilleadh is a chòir diubh a’dol ann, cha neìl sinn ag àicheadh; ach nach eil an crodh gaeleach ro mhath air a bhainne, cha chreid agus cha’n aidich sinn. Cha neil sínn ag ràdh, gu’ bheil a h-uile crodh gaeleach math air; ach tha’ n seòrsa ceart diubh math agus ro mhath air. Agus cha mhò tha sinn ag ràdh, gu’m bi uiread dheth, aig an seòrsa cheart fhéin, is a bhios aig a chrodh ghallda, no gu’m bheil iad idir cho freagarach air son a bhi ’an nàbuidheachd bhailtean mòra, far am bheileas a’ reiceadh a bhainne ’na luach a bhuinn-a- sia; ach their sinn gu’ bheil na bhios aca cho math; gum bi tuilleadh uachdair air, gum bi barrachd ime agus càise ann, agus an rud nach cum suas dà bhò ghallda ach éigneach gu leòr, gun cum e suas trì ghaeleach gu cothromach. Ma ghabhar gach nì dhiubh so gu smuaíneachadh, tha e soirbh ri bhreithneachadh gur iad an crodh gaeleach an t-aon seòrsa bu chòir ’thoirt a null, agus cha bhitheadh e ro dhuilich an toirt ann cuideachd. Gun fhios nach tig mo shaothair gu làimh fir-éiginn, a bheir gu buil, an ni mu ’n robh mi fhéin iomadh latha a’ bruadaradh, tha mi los farbhas no dhà fheuchainn mu’n dòigh tha mi a’ saoilsinn a b-fhearr thuige. On bhiodh an dragh aig neach bu choìr dha an tairbh a bhi
aige; se sin, an seòrsa b-fhearr air an cluinneadh e iomradh ’thoìrt leìs, leithid na feadhnach a chleachd mi fhaicinn air féill na h-Eaglais Bhric, a bhiodh a’ tighinn a Colonsaìdh, no an seòrsa ainmeil th’ aig Domhnullaich Bochuidìr, no idir seòrsa nan Stiùbhartach ’an Inner-Sgathadail, is dòcha leam nach iad is tàire, oir chleachd mi a bhi ’leughadh ’sna paipeirean, gun robh iad a’ buidhinn nan geall aig deuchainn mhòir bhliadhnail na h-Alba. Dh’ fhòdhnadh do neach tri chìnn; se sin, dà ghamhainn aighe agus gamhainn tairbh. Cha ’n fheumadh iad so uiread fhodair ri crodh mòr, agus bhiodh iad na h-usadh làimhseachadh aig fairge, agus an déigh dhol air tìr thall. Dh’ fhòdhnadh beagan feòir agus buntàta fad na slighe dol a null, agus nuair a bhiodh iad thall aon uair cha b-eagall doibh, oir thaisbeanadh na h-uile duine fiachail caoimhneas do neach a bhiodh an ceann gnothaich cho urramach ri bhi ’toirt seòrsa ùr cruidh a staigh do’n dùthaich. Dh’ fhaodadh neach rìs ceithir dolair a thogail air-son gach bàtha thigeadh dh’ ionnsuidh an tairbh, agus cha neil fhios agam nach cuireadh Comunn Gaeleach Mhontreal agus Qhuebec urram follaiseach air, air-son a shaothrach. Ged ’tha sinn a’ bruidhinn air so uile cha neil fhios an tachair e am feasd; ma thachras, bithìdh crodh America, ceud bliadhna ’n déigh sin, cheart cho ainmeil ’sa tha a h-eich an diugh.
CAORAICH.
Cha neil de na caorich mhòra ’an Canada gun ruig sinn leas a bhi fada ’dol thairis orra. Ach beag is mar a th’ann diubh, tha iad gle dhraghail. Ged nach eil iad a’ milléadh an cloimhe ’gan smiùradh, no ’call an ùine ’gan lomadh; cha’n fheum iad an diochuimneachadh aon òidhche, no ma dhearmaideas, cha chuir pàirt diubh an dragh ceudna rìs orra. ’Se chunnaic so mise aon uair ann ’snaHuron Tract.Bha duin’ uasal, spreigeil, an t-sin a chaidh ’null á Eilean uaine Phàdruig, agus chunncas iomchaidh leis prasgan chaorach a cheannachadh. Thug an sonn dhachaidh an treud, agus dh’ iomain e staigh do phairce bhig a bha dlùth air an taigh iad. Ma chiaradh an anamoich, air do fhear-astair éiginn ’bhi ’gabhail na slighe, agus a’ faicinn nan caorach ag ionaltradh air iomall na faiche, dh’ fheòraich e dheth, an robh guth aige air an treud a chuir a staigh. “Cha neil dùil agam gu’m bi mi aig an dragh,” ars’ easan, “cha neil duine de ’na pàpanaich a’ fuireach mar dhà mhìle dhomh an so.” Cha robh an duin’ uasal so ach air ùr dhol a mach á Eirionn, agus bha e, mar a dh’ fhaodar a thuigsinn o chainnt, ’na bhall dannarra de ’na bhuidhinn ris an can iadOrange - men ’san dùthaich sin. Shaoil leis, uimesin ’nuair a fhuair se e féin a thearbadh an t-astar a dh’ ainmich e, o’n bhuidhinn a dh’ ainmich e, nach cuireadh nàmhad saoghalta
miothlachd am feasd tuilleadh air. Air do ’n fhear astair, a bhi pòsd air mnaoi stalcanta anns an robh coimeasgadh de ’n droing eile, ghabh e snoigeas beag oilbheim, air-son mar a fhreagair se e, agus thair e ás. Ghabh mo dhuin’ uasal a staigh agus thug e’n leabaidh air. Chaidil e gu sàmhach, suaimhneach. Dh’ éirich e ’sa mhaduinn, agus bhuail e mach. Sheall e ris an lombar air an d’ fhàg e an treud, ach ma sheall, ciod e theireadh e, ’nuair nach robh sion saoghalta aige ri fhaicinn, ach peallag no dhà chraicinn, agus bruanan beag chnàmh? Thàinig na madraidh-alluidh air an òidhche agus thug iad an dosgainn so gu léir air, agus cha neil fhios agam a’ bheil caora moch an diugh ag éiridh aig. Tuigidh am fear imrich o’n a ghearr-sgeul sin cho cùramach is a dh ’fheumar a bhi mu chaoraich ann an Canada. Is éiginn an cuir a staigh na h-uile òi’che, agus gun an leigeadh idir, a latha no dh’ òidhche, do’n choille. ’Se ’n seòrsa-maol-bàn a th’ ac ’an Canada Uachdrach, agus ’se sin seòrsa is freagaraich’ ann, o’na tha ’n olainn cho math orra. Agus is ise dh’ fheumadh a bhi gu math, is iad ’ga reiceadh air leth- dolar am punnd. ’Si a chloimh mòran is daoire ’ga réir fhéin no ’choluinn; oir ceannaichear caoraich ann, toiseach a’ gheamhraidh, mu dhà dholar. Ach nach bi sin am pailteas mu’n àm sin, is nach fhaigh iad bile, car ceìthir no còig a mhiosan ach biadh làimhe? Cha neil galaran buailteach doibh ann. Cha chluinnear guth air claimh, bracsaidh no
ceanna-ghalar. ’Se an cumail o na fiadh-bheathaichean rud is cigilltiche ’tha mu’n cuairt doibh; ach ’se an aon dòigh air sin, an cuir a staigh air an òidhche, agus gun an leigeadh fad ás an t-sealladh air an latha. An tuathanach ùr leis an b-àil caoraich a bhi aige, ’se ghnothach feur a chur ’na àm; cha neil seòl idir air iadsan a chumail gun ghlasfheur.
MUCAN.
“Gach diùbhaidh gu deireadh,” thuirt an sean-fhacall; agus cha b fhearr a thuirt an sean-fhacall sin, no a chum na Gaeil suas e. Chaidh a chumail suas gu math gun teagamh, ach ma chaidh, b-ann tuilleadh is tric air cosdas a bheothaich ghasda, fheumail, so; eadhoin air cosdas na muice. Ni a h-uile ni ’n gnothach ’na latha agus ’na àm fein, agus b-amhuil a rinn sin, ach an dean e ni’s fhaide e? cha dean, da rìreadh; oir am fear tha ’cuir roimhe nach toir e cothrom na féinne do’n mhuic, am fad is beò i, agus a cheud àite suidhe, air a bhòrd, an déigh a bàis, eadhoin air di-haoine, cha chòir dha dol a dh-America, a dheanamh dìmeis air maitheas an fhreasdail, a thoirt tàmailte do’n mhuic, agus oil-bheim d’a cho-chreutaraibh. ’Si a mhuc rìgh nan ainmhidh ann an America; beò ’us marbh. ’Si a mhuc a cheud bheothach is éiginn do’n tuathanach ùr fhaotuinn, agus beothach mu dheireadh ris an fheudar dha dealachadh. ’Si a mhuc a cheud ainmhidh ann ’san cuir e mach a
chuid airgid; ’si gu dearbh, ach ciod a choire tha ’n sin? nach i fhein a cheud aon ás an cuir e airgiod, agus ás an cuir e ’chuid fhéin tri-fillte cuideachd? An tuathanach a tha gun mhucan ’an America, cha mhòr is fhiach e; is duine gun tùr e, is fear-taighe gun fheum e; agus is droch nàbuidh e.
Soilleirichidh mi so fo thrì chinn. Is duine gun tùr e, oir tha e air a dhalladh le claoin-bhreath an agaidh nam muc, air dhòigh is nach eil a dhroch nàdur a leigeadh leis aideachadh no chreidsinn, cho feumail ’sa tha iad, agus sin uile, o’n a tha e cho leasg is nach saothraich e fhearann chum is gum biodh lòn aige dhoibh. Is fear-taighe gun fheum e, oir cha bhi aige ach a bhochduinn; cha leig an leisg leis bàrr a dheanamh agus o nach bi bàrr aige cha bhi aran aige, agus ged a bhiodh neo-ni bheag arain aige, cha bhi greim idir feòla aige, dhà fhein, no da theaghlach. Is droch nàbuidh e, oir cha leig an leisg leis callaidean a dheanamh, chumas mach mucan a choimhearsnach o nach bi gin aige féin, agus ’nuair a thig iad staigh feadh an droch bheagan barra a bhios aige, leumaidh e orra, le clachan, coin, cabair, ’as gunnaichean, gus am bu truagh le tamhasg an càramh. Ach is beag sin de ’na nì e dh’ olc; beubanaichidh e h-uile ceithir-chasach’ thig mar chairteal a mhìle dha, bheir e droch eiseimpleir do chloinn fhein agus do chloinn dhaoìn-eile, togaidh e aimhreit a measg nàbuidh, fàgaidh e imnidh orra mu’n cuid,
millidh e an suaimhneas-san agus a shnuaimhneas féin mar an ceudna; bheir e cràdh, campair agus cnuimh-fhiacail, bròn doilgheas agus briste-cridhe air a mhnaoi-phòsda, aig cho tric is a bhitheas e an carraid, an sabaid, ’san tuasaid; agus anns gach gné dhrochbheairt a ghabhadh àireamh.
Ach ged is tuathanach olc aig nach bi mucan an America, cha dhuine crionnta aig am bi tuille’ ’sa chòir dhiubh, oir thachair cleas gach spréidh eile dhoibh; is buannachdaile aon té ’bhi air lòn dithis no dithis a bhi air lòn aon te. Ma chumar mòran dhiubh air bheagan bìdh, cha mhòr am piseach a thig orra; ach ma riaraicheas duine e fein le àireamh a bhios freagarach air-son na bhiòs aige dhoibh, ’siad seòrs is feumaile do’n duine bhochd, de ’na gheibh e de spreidh an Canada. Agus cha mhò tha iad doirbh ri fhaotuinn. Gheibh neach uircean, ma mhios, no còig seachdainean a dh’ aois, air-son latha oibre. Aon uair is gum bi iad sia no seachd a sheachdainean, ni iad cothachadh air an son fhéin feadh na coille, gus an cuir an dùldachd stad orra. Agus cha ’né sin am furasd stad a chuir orra-san, a bhliadhna a bhios na cnomhan pailt. Cladhaichidh iad tre ’n t-sneachda gus an ruig iad orra am measg na duillich, agus caithidh iad a chuid is mò de ’n latha a’ solaradh an nì air nach tig dìlinn an t-àm a smuainichidh beothach eile ionnsuidh, thoirt. Tionailidh iad a h-uile dias arbhair a bhios air an asbhuain, bheir iad feum ás gach ubhal a
chrathas a ghaoth bhàrr nan craobh, trusaidh iad na h-uile eitein sìl a chaillear mu’n t-sabhal, cuiridh iad’an ìre mhath an deire’ am pronn’ ’sa pheasair, ithidh iad am buntàta rèot sa’ gheamhradh agus am buntàta ginidh ’san t-samhradh agus òlaidh iad am meòg ’sa bhlàthach fad na bliadhna ma gheibh siad iad. Tha e soirbh ni’s leòr beothachan beag, càileachdach, dhiubhsan a bhiathadh agus airgiod a chuir ás, no idir itheadh, nuair nach biodh e’n comas duine sgillinn a chuir e seòrsa sam bith eile. Agus ni an fheòil aca mu dholar-gu-leth, an ceud punnd, a bharrachd air mairt-fheoil, is mur b-fhiach i sin uile cha ’n fhaigheadh i e. ’S ann tha e annasach leam nach eil atharach ni’s mò ann’sa phrìs, oir tha fios aig na h-uile bean-taighe eagarra gur i is buaine, tha fios aig gachepicuregur i is blasda, agus tha fios aig gach léigh fòghluimte agus aig gach duine purpasach a dh’ itheas i, gur i mòran, mòran is faillaine air-son annlainn no aòna chuid feòil mhart, ghabhar no chaorach. Ach ciamar a bhios fiosrachadh sam bith ann ’sa chùis so, aig an fhear nach d’ fheuch riamh i, ach a dh’ fhòghluim, o athair ’s o shean’air, dréin a chuir air, ’n trà chluinneadh e am facal muicfheòil ’ga luaidh, mar gu ’m bitheadh déistinn air fhiaclaibh. Rachadh am fear ceudna do dh-America, far am faigh e muicfheoil air a biadhadh ceart, air a gréidheadh ceart, agus aiteal beag de ’n acras air gheurachadh a ghoile, agus theid mis’ an ràthan nach tig dìlinn
an latha ’their e, thaobh na muice, “gach diùbhlaidh gu deireadh.”
Cha neil mucan Chanada mòr mar is trice. Tha mi ’saoilsinn nach eil an seòrsa th’ ann ro mhath agus nach b-olc an dòigh uircean beag, laghach no dhà ’thoirt a null; cha chuireadh tinneas mara feadag orra; ach am pailteas ’thoirt doibh ri itheadh.
title | 18 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |