ULLACHADH, &c .
Air leam a-nis, gun d’fhuair mi mo cheann a thogail an deígh clach-dhearg a chuir air mullach an t-slinnein aig an treud agam fhein gu léir. Ma chuir mi chlach-dhearg orra, tha so a feuchuinn gun do ghabh mi liubhairt annt. Ma ghabh mi liubhairt annt’, bha mi tuill’ is tric mu chùl an treud ann an làithibh m’ òige, gus a shaoilsinn gu’m bheil am fang ’na sheise math dhoibh. Uime sin, sann a bhios mi a’ sealltuinn a mach cò an rathad is fhearr, agus cò an rathad is saoire, air an urrainn domh am faighinn a dh’ionnsaidh an fheuraich a shònruich mi dhoibh; ach o’n tha muir a’s moìnteach romhainn, bi’dh e feumail dhuinn ullachadh air-son na sligh’ ’an toiseach.
Gach fear a tha dol air an turas so, ma-tha, thoireadh e leis, ma ’surrainn e, na nithean a leanas: —Am pailteas de dh’aodach cuim a’s leapach—osain—boineidean leathan gorma, an sèorsa ris an can na Tuathaich sgrath, cha’n fhiù a bhoineid bhireach an t-aisig fhaotainn—eididh mhòr de dh’anart cotain, air-son leintean—eididh chùrainn, air-son pheiteinean bàna—eididh phlangaid’, air-son bhrigisean glùineach—eididh de
chainb chaoil, air-son thriùsairean sàmhraidh. Bhiodh so na ghoireas cotharaicht’, oir ’s beag nach eil na nitheannan so dà phrìs ann an Canada. Mur an ceudna, toraichean—gimleidean—coibe no dha, de’n sèorsa is treasa—beagan de thairrnean iaruinn, a bhios aige ri làimh air an t-slighe, agus an déigh ruigheachd. Air-son trealaich de dh’uidheam saorsaineach, mar tha locair, gilbean a.m. s.s. * na biodh e ’ga toirt leis. Cha’n fhaigh am fear-ìmrich ùine gus a bhi ri ciotaireachd mar sin ’an Canada. Ged a thoisicheadh e rithe, bhriseadh e ’n uidheam aig meud na cabhaig a bhiodh air gus a faotainn tre làimh, agus bhiodh sin na chall mòr an déigh an luach-aisig a phàighidh. Is fhearr de neach fear-ceairde fhaotainn gu obair de’n gnè so; oir an sin gheibh e i air a deanamh ceart, gun e fhein a bhi ’call ùine rithe. Se so dòigh is saoire air a cheann mu-dheireadh ’an America.
A thaobh phoitean agus uidheam chòcaireachd ma ’se ’m fear-imrich tha gus a bhi ’deasachadh a’ bhìdh fhein dol a null air a’ chuan, bi’dh e feumail dha roinn a thoirt leis; mar e, cha chomhairlichinn dha an ceannach’ a bhos: ach ma thachras dhoibh a bhi aige cheana, ’sco math dha an cumail air-son fheuma ’san duthaich ùir. Cha dean aghann-ròsdaidh, de’n t-seorsa ’th’ac ’sa Ghaelteachd, feum a chunna duine riamh thall. Tha na soithichean staoine ro dhaor ann, ’s cha
* Rinn mi iomrall mu’n locar-sguidsidh; is fheudar do’n fhear-imrich easan bhi aige, a’ dheanamh nan samhach.
neil an seòrsa tha iad a’ deanamh ann math cuideachd: mheasainn crionnta do dhuin’ an toirt leis. Cha chòir tuagh idir a thoirt a null, oir cha’n aithne do ghaibhnibh Albanach gin a dheanamh ’sam bi feum.
’S coir do’n fhear-imrich gach ni bhios e ’toirt leis a chàramh gu cearmanta ann an cisteachaibh cearnach, gun bhi ro mhòr, no ’am barailtibh, agus a bhi ro chùramach mu chuid ’an àm a bhi dol air bòrd luinge, gu sonruichte ma sann á baile mòr a sheòlas e; oir ’s àbhaist don phràbar tionaladh mu leithid sin de ghnothach, agus gach corp dhiubh a bhi air bhogadan gus rud sam bith air am faigh iad an crògan a thiolpadh leò.
Tha caochlath sheòrsannan bìdh ro thaitneach, agus ro fheumail cuideachd, aig fairge; agus bu chòir do na h-uile neach a bheireadh an Tabh-a- siar fo cheann, a theann oidheirp thoirt air beagan de gach gnè lòin a ghabhadh cnuasachadh dha a thabhairt leis. Cha’n ann idir air-son geòcairean a dheanamh dhiubh tha mi a’ comhairleachadh so dhoibh. ’Sann a tha mi ’gan cuir nan earalas, o’n tha fios agam gu bheil e feumail air-son an slàinte, agus o’n tha barail agam gu bheil an laimhrig fuasach anagoireasach ri luchd-imrich a bhios air an astar sin. ’S còir do dhuine bhi furachair mu na goireasan so, an déigh a dhol air bòrd cuideachd; oir “cha’n ann am Bòid uile tha’n t-olc:” bi’dh caora charrach ’san treud, eadhoin an déigh ’dhol gu fairge, no ’s iongantach e.
title | 2 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |