CUILEAGAN, &c .
De gach gné chreutair a chuireas miothlachd air an fhear-imrich an uair a ruigeas e an dùthaich ùr, cha’n eil gin idir dhiubh leth cho draghail dha ris a chreithleig-Innseanaich, no, mar a their na Goill rithe, am musquitoe. Cleas gach droch bheothaich eile, tha i ni’s ro dhéidheil air a bhi ’n sàs ’s a choigreach; agus cha’n e sin ach an sàs fuileachdach a ni ise. Ceart co luath is a thig an sàmhradh gu math a staigh, mosglaidh i, agus theid i air sgiathalaich. Togaidh i dranndan dearrasanach, rud-eiginn cosmhuil ri srann coinnspeacha, agus, gun tuilleadh dàlach, tòisichidh i ris an olc. Tha i so mu mheudachd an t-seangain duibh, sgiathaich, a tha feadh nan còill air a Ghaelteachd, le casan agus gob fada oirre. Agus ma tha an gob aice fada, the e cruaidh da réir sin; oir tha i cheart cho deas gu neach a tholladh tre aodach is a tha i ged a bhiodh e lom. Is tric le craicionn neach a bhios air ùr dhol a staigh do’n dùthaich éiridh ’na leòis, an déigh dhoihh a theumadh, dìreach mar gu’m b’ann a rachadh a sgiùrsadh le dos ionntaig; agus, gu dearbh, tha cuid aig an éirich e mar sin an còmhnuidh leo. Tha a’ chreithleag-Innseanach, mar gach droch bhathar eile, còig ceud uair ni’s pailte far am beil am fearann fliuch, salach, iosal, agus a choille ghiuthais agus sheudair, no a tha i far am beil am fearann tioram, àrd, agus coille lom, chruaidh, a’ fàs air. Ged nach ’eil i a’ faotuinn cothruim tric air daoine a ghlan mharbhadh, is
fiosrach mi àite agus àite anns an do chriochnuich i beatha muinntire; agus ged a bhitheadh neach cho làidir ri famhair, cha bu chomasach dha cathachadh fad’ an aghaidh nan creithleag ’an America ’san t-sàmhradh, ni’s lugha no bhitheadh e am fochair a ghealbhain, no mach ás a choille, far am bitheadh a ghrian a’ soillseachadh air. Ach a dh’aindeoin cho olc is a tha iad, cha’n urrainn doibh luach seamraig de choire a dheanamh do neach ach anns an dubhar. Tha cuid a cleachdadh na pioba tombaca gus an cumail uath; agus theid aca air le sin, cuideachd, am feadh a chumas iad ’nam beòil i, a’ séideadh a ceotha mu’n cluasaibh: ach ceart co luath is a leigeas iad seachad i, neo-ar-thaing mur creathnaich iad air. Tha an t-sròn ro ghlan aig a’ chreithleig, agus lorgaichidh si muinntir an tombaca ’mach air samh an analach, air chor is gur iad is ro mhiosa cuid d’e, glé thric. Ach ged is draghail air an latha iad, is ann air an oi’che is miosa iad gu mór. ’Nuair a gheibh iad aon-uair a staigh do na taighean, cha’n fhaigh neach fois ’san latha, no cadal ’san òidhche leò. Cha’n eil seòl idir air làmh-an-uachdar fhaotuinn orra an sin, ach le deatach a phronnaisc.
Tha creithleag mhór, mhór, eile ’an Canada, a tha cheithir uiread ri creithleig ghlais na h-Alba. Cha’n eil i so a’ tighinn cho tràth, is cha mhò a tha i a’ fuireach cho fada, ris an té bhig. Cha’n eil i mar an còigeamh ceud pàirt cho lionmhor ris a mhusquitoe, is cha mhò a dh’fheumadh i a bhi; oir
n’am bitheadh, cha bhitheadh rìgh no uachdran air America ach i féin.
Tha gné eile chuileag ann, is leòr a chuir eagail air a’ choigreach air an òidhche, ged nach fhaic e idir air an latha i. ’Se tha’n so seòrsa ris an abair iad a chuileag-theine. Bithidh i ri fhaicinn a’ saighdeadh air ais is air aghart fad na h-òidhche, mar gu’m bu ghathan dealain a bhitheadh ann. Ach bheir an t-aon rud, a cheud sùgh reòdhaidh a thig, crioch obunn air a maise so, agus air olc chàich, ceart còladh.
title | 20 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |