[137]

CO-DHUNADH.

Nuair a bhios neach air leabhar a dheanamh, is fheudar dha toiseach a chuir air; agus a cheart cho cinnteach ri sin, is fheudar dha crioch a chuir air. Tha toiseach aig an leabhar mhòr, agus tha crioch aige; ’se sin uile na tha aige, agus beag is mar a tha mo leabhran-sa, cha dean echuis gun an chuid sin a bhi aige. Chuir misa cheud àite toiseach air, agus tha mi aleigeadh gu fianuis an Leughadair, an drinn mi a chuid sin de mo ghnothach ceart. Tha mi nis adolga cho-dhunadh, am feadh tha sàr fhios agam fein, gun can mòran de mo leughadairean, nach ann mar bu chòir dhomh, ach fuasach cearbach, dearmadach, deireasach. Ach chan ann o mhothachadh cionta, no cion coilionaidh dleasannais, air mo thaobh fein, ’tha mi abreithneachadh so idir. ’Sann tha mi asaoilsinn gum meas gach fear-ìmrich, a dhionnsuidh an tig mo shaothair, gur ann air-son fheuma fhein gu pearsanta a rinneadh an leabhar, (agus is ann mar sin a thachùis ann an seadh) agus gun abair e, ’nuair a leughas se e gu ruig an t-ionad so:— “Ceann Iùil gun bhuaidh! is bheag a smuainich e air iùl a dheanamh dhomh an taobh a bha mhiann orm a dhol. Is fhada mun tug e luaidh airCape Breton,far am bheil mo bhràithrean ionmhuinn; airNova Scotia,far am bheil mo dhà phiuthair ghaolach, no airNew Brunswick,far am bheil deadh bhràthair mathar. Cha tug, cha tug; ach Canada. Ca-


[138]

nada, Canada; gun dad ach Canada.” On bu mhath leam a dhol ás o achmhasan neo-sheirceil an duine chòir so, tha misaoilsinn gum bi e iomachaidh dhomh, cho cudthromach is a tha dreuchd ceann-iùil, agus cho cruaidh is a tha na riaghailtean a thair am feuchuinn ris, a mhìneachadh dha. Tha dreuchd ceann-iùil, ’na dreuchd anbarach cudthromach; tha an chuid, beatha, agus maoin sluaighan earbsadh ris. Tha an lagh ro chruaidh air ceann-iùil; ma ghabhas e os-làimh soitheach a thoirt a staigh do long-phort aìr nach eil e eòlach, agus gun téid i air sgeir le choire-sa, nithear peanasachadh agus beubanachadh sgreamhail air; caillidh e a chliù agus a chreideas, agus bheir na h-uile duinechuir ean cunnart, agus na h-uile neach a chluinneas tuairisgeul aghniomha, am mallachd air. Ach an ceann-iùil aig am bi fios, gum bi acarsaid olc, gum bi droch ghrund innte, gum bi cion fasgaidh oirre, agus gum bi h-uile clàr soithich a théid a staigh, gach ial ann an cunnart, gus am faigh iad a mach; ach, air a shon sin uile, a thairgeas dhi an t-iùl a dheanamh, agus a chuireas air tìr i, cha téid bàigh, tròcair, no fathamas fheuchuinn da, ach an ceann aig a sgaradh o choluinn ann an seasamh nam bonn. Ciod é nis, a their mo dhuinuasal ri so? ’Ne gun gabhainn-sos-làimh an t-iùl a dheanamh dha, do dhàite far nach robh mi fein riamh! gum bu fada sin uam; agus gum bu faide gu mòr uam, an t-iùl a dheanamh dha do chearna mun cuala mi a


[139]

liuthad droch iomradh, air-son saothrachadh beagan nis fhaide leis do dhùthaich, is fhiosrach mi fein agus daoineile, a bhina h-àite math. Is gnothach fuasach gòrach do neach, ma thogas e an ìmrich idir, gun a dhol don àit is fhearr, mas urrainn e. Cha chosd an t-aisig gu ruig Quebec ach mu chrùn a bharrachd do neach, is a e don Chape, no do na dùchaibh eile a dhainmich sinn; agus air-son a ràdh gur i Canada dùthaich is fearr, cha neil min dùil gun ruig sinn a leas, oir tha na h-uile duine tuigseach aon-sgeulach mu na phunc sin a cheana. Cha mhòtha eadar-dhealachadh bharail aca mun Chape; cha neil teagamh idir nach easan diùbhaidh na tha dhfhearann àitichte ann an America. Is beag an t-ioghnadh, is iomadh ni thaco-aontachadh gus a dheanamh nis miosa no àiteachan eile. Cha neil rùm no ùine againn gus an àireamh fa-lethsan àite so; ach, air a shon sin, comharaichidh sinn a mach an t-aon no dhà a leanas ann san dol seachad: —Is e is fuaire agus is miosa fearann, agus on is e tha luchd an airgid agus an fhiosrachraidh atoirt Chanada orra agus afàgail a Chiopnan déigh. Is e is faisge do làimh agus don saoire a gheibhear, agus on is e chaidh mòran de na Gaeil bhochda an toiseach ann, agus on a chaidhidh theid mòran dan cairdean bochda nan déigh ann. Is ann a chaidh an tuath is bochda, a chaidh a dhAmerica, á Albainn; is ann a tha an tuath is bochdathaan America, agus is ann ann a than tuath is bochda, a tha


[140]

dol a dhAmerica á Albainn, adol, agusnuair a chuirear a chuile bochd a than sin cuideachd, cha chreid mi nach leòr iad a dheanamh bochduinn. Faodar a thuigsinn o na bheagan so gum bheil sinn adiùltadh, a machsa mach, iùl no eilthireachd a dheanamh don Chape. Cha gum bheil sinn ag iarraidh na Gaeil a chumail ás ma tha mhiann orra dhol ann, ach de mheud diubh is ris an còlaich sinn an àm a bhi adol fo sheòl, bu mhath leinn fheòrachadh ciod éthagan toirt ann. Faodaidh e bith, gum bheil càirdean ac ann, agus, on a tha, gur math leò dhol còmhlath riuth. Bithidh sùil aca ri fàrdach fhaotainn car seachdain, no theagamh car miosa, gus am faigh iad sealltuinn a mach air-son rud-eiginn dhoibh fein, agus mur tachair dhoibh sin fhaotuinn, co luath is bu mhath leò, saoilidh iad nach tig beud riutha am fad is a bhitheas iad am fochair an càirdean. Tha so uile math nis leòrna àite fein, ach is i mo chomhairle-sa do fhear an teaghlaich, e thoirt oidhirp air a dhol don dùthaich is fhearr, don dùthaich ann sam bheil an tuath is beartaiche, agus don dùthaich ann san usadh da fein, agus do theaghlach, rud a bhi aca nach toir càch uathpa. Am fear a tha smuaineachadh air a dhol a dhAmerica, cheann gubheil cairid dha roimhe, gabhadh e an sanas so bhuamsa, agus fanadh e aig an taigh. a thaisbein càirdeas do chairidnuair chaidh e roimh ann? nach ann beò air a dhìchioll fein a bha e? is amhuil is fheudar dhuinne a bhi. Cha robh cothrom sam bith aige-


[141]

sannuair a ràinig e, nach eil againn an diugh, agus fear na dhà a bharrachd. Saothraicheadhmaìd, mar a rinn easan agus bithidh uiread againn is a thaige-san; ach mur saothraich, am bheil e reusanta gur easan a tha dolgar cumail suas? Agus ged a bhitheadh e reusanta, tha caochladh tighinn air intinnean sluaigh, ri linn doibh a dhol a dhAmerica, nach eil na Gaeil atuigsinn. Cha neil fear leasg idir, ach gann, ’an America, agus o nach eil cha mhath leò muinntir leasg a bhicuir dragha orra. Tha am fear a thòisich falamh, aglacadh misnich o mar a tha e atighinn air aghart, agus a strì le uile cridhe, a dhfheuch am faigh e bhian co-inbhe ris an fhear a thòisich le cuid. Tha am fear a thòisìch le cuid, air an làimh eile, air a ghonadh, agus air a dhoranachadh, cheann gum bheil am fear a thòisich air an an anacothrom adeanamh suas ris, agus mar so tha iad co teinntidh agus co diorasach ás gach taobh, is nach fhuiling iad fiù a chaitsan rathad orra. Faodaidh am fear imrich a bhreithneachadh o so, ma théid e far am bheil fhear eòlais, gur ann gus a bhi adeanamh seirbhise dha theid e ann; agus ma tha en dùil nach dean e sin, cha bhi e mòran nis sine na tha enuair a thuigeas e fìrinn an t-sean-fhacail, a thuirt:— “is ann a than càirdeas mar a chumar e.” Gabhadh am fear ìmrich, aig am bheil teaghlach, comhairle bho nacheann-iùil,” agus cuireadh e dhòigh ann am maitheas an fhreasdail a thabuileachadh a shlàinte agus


[142]

comais a chosnaidh air, ann an deadh dhùthaich, agus ann na dhìchioll fein; agus na

H-earbadh e a chùis ri bhràthair,
Gedse mac a mhàthar fein e,”

aon uair is gun téid e air tìr taobh an iar an Taibh.

Faodar na nitheann, a chomharaich sinn amach mun Chape, a cho-chuir, ann an tomhas àraidh, riNova Scotia, New Brunswick, &c . ’Se ar comhairle do fhear na muirichinn gun sealtuinn nan gaire ach an t-slighe a dheanamh co dìreachsis urrainn e do Chanada. Ach am fear aig nach eil ùidh ann am fearann no ann an dachaidh suidhichte da fein agus da shlioc, ach anns an obair-latha amhàin, faodaidh e cosnadh nis leòr fhaighinnsa Chape, &c . Tha mòran fiodhaga aisig ás na dùchan sin, agus tha feum air gillean gus a ghearradh agus gus a chuir air bòrd. Tha gual air a chladhach annt, agus iomadh obair shalach den t-seòrsa sin, ris nach ruig leas dùil a bhi aig neach a theid do Chanada Uachdrach. Bithidh beagan airgidtighinn a staigh, don fhear a bhios ag obair orra sin, an ceann a mhiosa no na seachduine, ach ma bhitheas, is iomadh rud a bhiosga thoirt a mach.

Tha am fear a bhios ag obair anns na h-acarsaidean, agus anns na bailtean, buailteach do dhiomadh cosdas nach cuir dragh air an neach a bhios air an dùthaich on darna ceann den


[143]

bhliadhna gu ruig an ceann eile dhi. Bithidh mòran chompanach aigecuid dhiubh gu math, agus cuid mar a dhfhaodas iad. Bithidh iad air bhòrd an tigh-òsda; bithidh fiughair ri bàl gach òidhche a gheibh iad tuarasdal-seachduine; agus cha bhi anntach na daor spiocairean mur dean iad gnothach ceart dheth, on a thòisicheas iad idir ris. Buinear ro chaoimhneil riutham fadsa bhitheas an fhearas-chuideachd sodol air aghart; ach,

Nuair a thréigeas dolair iad,
Sa bhios an sporain spùinnte,

feuchar cleas eile dhoibh. Mar a thubhairt fear-eòlais àraidh de rogha nam bàrd Gaeleach

“ ’M feadh bhios bainne annur ciochaibh,
Deòghlar sibh gu stòlda rianail,
Gus an tiormaichearur cliabh, ’san
Sin, ’ur liad den t-sràide dhuibh.”

Tha mi nis dol a ghabhail soraidh leis anFhear-Imrich,” agus aguidhidh soirbheachaidh agus deadh thuruis da. Bu mhiann leam a chreidsinn gun toir e buill mhath ás mo shaothair. gidheadh tha briathran so an fhilidh atighinn fainear domh:—

Don duinòg a tha gun mhaoin,
Is gnothach faoin bhig iarraidh meas;
Ged a làbhras e le céill,
Is neach á ceud a dhéisdeas ris.”

A CHRIOCH.

title21
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page