FARADH, &c
Is ainmic dùthaich, no baile-puirt ann an dùthaich, aig nach eil faradh air leth, a réir an suidheachadh agus an goireasan fa-leth, a thaobh luchd-ìmrich. Faodar nàdar na cùise so, agus gu bheil i ceart, a thuigsinn o gach fèill eile. Cò am fear-ìmrich aig nach eil fios gun ceannaichear trì-bhliadhnach daimh, ann an Leòghas no ’an Uithist, punnd-Sasunnach ni’s saoire no ’cheannaichte e air sliabh na h-Eaglaise-Brice. Air an amhuil cheudna, cò am fear, aig am bheil an aisling is fhaoine de bharail mu chè-ghràbhadh nan dùchanna so, a mheasadh mar ioghna gun cuirear luchd-imrich a null á Lide agus á Abar-Reidhean, punnd-Sasunnach ni’s sasoire no chuirte null iad á Grianaig no á Glascho. Ach o’n ’se cladach siar na h-Alba is deiseile ris na Gaeil, feuchaidh mi dhoibh riaghailt choitchionnta faraidh nam bliadhnaichean so ’sa cheairne sin:—
P.S. T. S.
Muinntir air tighinn gu fearachas, 2 15 0
Muinntir fo chòig bliadhna deug, 1 7 6
Maothrain fo chòig bliadhna, 0 13 9
Ciocharain agus dìlleachdain òga, 0 0 0
Bithidh ceithir tasdain an ceann de’n t-suim so aig an sgiobair ri phaighidh, ’nuair ruigeas e cala thall, do thaigh-eiridinn an luchd-ìmrich. Tha so ’na riaghailt ro mhath; agus is iomadh Gael bochd do ’bheil i feumail, ged bhios cuid, le cion-
smuaineachaidh, a’ gearan ’an àm bhi ’dealachadh ris an airgiod. Ma theid duine euslainteach air tìr ’an America ’an àite sam bith (oir tha taigh de’n t-seòrsa so ’s na h-uile baile-puirt), gabhar a staigh do na taighibh so e; agus ma bhios duin’ ann aig am bi teaghlach lag, agus e ’na éiginn cho mór a chion airgid is nach bi e comasach air a dhol air aghaidh dh’ionnsuidh an àite bha ’na bheachd, nithear fuasgladh air, an dàrna cuid le airgiod no le cosnadh ’sholaradh mach dha ’an sin fhéin.
title | 3 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |